³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Salmond a' tadhal air Leveson

Niall O’Gallagher | 2012-06-14, 6:26

Dè ur beachd-se air mar a chaidh le Ailig Salmond aig Leveson?

O chionn seachdain no dhà, bu choltach nach robh ceannard an SNP buileach aig a dhòigh fhèin.

Cha d'rinn e cho math aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir agus a b' àbhaist dha, a' toirt cothrom gu math ainneamh do cheannardan nam pàrtaidhean eile gus a' chùis a dhèanamh air.

Ach b' e an seann Ailig a nochd ron rannsachadh aig Cùirtean Rìoghail a' Cheartais ann an Lunnainn.

Tron fheasgar, bha Mgr Salmond a' coimhead gu math cofhurtail.

Ro chofhurtail, 's dòcha.

Scaineal

Bu choltach gun do chòrd an seisean ri Mgr Salmond, mar gun robh e air a dhòigh fhaighinn a-mach às an oifis fad greis.

Chuir e fhèin air adhart mar duine nach robh idir an sàs anns an scaineal a chuir an ceòl air feadh na fìdhle aig Westminster.

Bhruidhinn Mgr Salmond mar nabaidh coimhneal, a thadhail air a' chàirdean mu dheas gus beagan comhairle a thoirt seachad.

Chaidh sinn a dhèanamh na b' fhasa dha as dèidh mar a chuireadh 'Pàrlamaid Shasainn' air Westminster leis a' Mhorair Leveson fhèin.

Rinn am prìomh mhinistear gàire bheag agus thuirt e ''S toil leam sin'.

Aon tadhal gu Mgr Salmond mus do thòisich an gèama.

Fianais

Nuair a thòisich, ghagh e an cothrom freagairt na ceist a thog Ruth Davidson uair is a-rithist aig Holyrood.

Dh'innis e don rannsachadh - agus do cheannard nan Tòraidhean nan robh i ag èisteachd - nach robh fianais aige gun deach farchluais a dhèanamh air a' fòn-làimhe aige.

Ach thuirt Mgr Salmond gun robh fianais aige gun deach sùil a thoirt air a' chunntas bhanca aige leis an Observer.

Thuirt e gun deach innse dha le cuideigin aig a' phàipear gun robh fiosrachadh aca nach b' urrainn tighinn ach bhon chunntas.

Thuirt Guardian News & Media - leis a bheil an Observer agus a rinn sgrùdadh mòr air farchluais anns a' phàipear làitheal aige - nach robh fianais aig Mgr Salmond airson na casaid aige.

Tha Mgr Salmond a' diùltadh an duine a thug am fios dha ainmeachadh.

Argamaid

Aig a' cheist aig cridhe na cùise, ge-tà, chum Mgr Salmond ris an loidhne a chleachd e roimhe.

A' cheist, dè an cuideachadh a thabhainn e do News Corp anns an oidhirp aca gus làn smachd fhaighinn air BSkyB?

Na fhreagairt, thuirt am prìomh mhinistear gun robh e deònach an argamaid a chur ri Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt, gum bu chòir a' bhuaidh air cosnaidhean a bhith na pàirt dhen cho-dhunadh aige air a' chùis.

Am beachd Mhgr Salmond cha robh càil mì-iomchaidh mu dheidhinn sin - cha robh dleastanas air airson co-fharpais craolaidh, ach bha airson na h-eaconamaidh agus chosnaidhean ann an Alba.

Tha na dùbhlanaich aig Holyrood ag ràdh gu bheil tòrr cheistean aige ri fhreagairt mun chàirdeas aige le Rupert Murdoch.

Bidh cothrom aca am togail, mar as àbhaist, aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh fhathast.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.