³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

A' dèanamh a roghainn

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-06-07, 18:16

Chaidh Ed Miliband an sàs a-rithist anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bheir toradh na bhòt buaidh mhòr air beatha phoileataigeach Mhgr Mhiliband fhèin.

A dh'aindeoin na beàrn a dh'fhosgail o chionn goirid eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean anns na cunntasan-bheachd, tha rathad fada fhathast eadar Mgr Miliband agus Àireamh a Deich, ma ruigeas e idir i.

Dh'fhaodadh an rathad sin a bhith fiù 's na b' fhaide as aonais nam ball Làbarach a chuir Alba gu Westminster o chionn bhliadhnaichean.

Mar sin, tha tòrr an crochadh air an referendum do Mhgr Miliband.

Cha b' e sin an argamaid a rinn e an t-seachdain-sa ge-tà.

Eachdraidh

Bhruidhinn e mu eachdraidh a theaghlaich fhèin, a thàinig a Bhreatainn agus iad a' teicheamh air na Nàsaich.

Mar sin, bha Mgr Miliband pròiseil às gu bheil e na Iùdhach, na Shasannach agus na Bhreatannach - fèin-aithne trì-fhillte, co-dhiù.

B' e a' chasaid chur e air an SNP, gun robh iad airson toirt air daoine taghadh a dhèanamh eadar dà phàirt dhen fhèin-aithne aca.

Aig a' char as sìmplidhe, an robh iad airson a bhith Albannach air neo Breatannach?

Do Mhgr Miliband, bha sin na roghainn cheàrr.

Air a' cheist seo, co-dhìu, tha an SNP ag aontachadh.

Deasbad

Am beachd Ailig Salmond, thàinig Mgr Miliband air dheireadh chun an deasbaid seo .

Thuirt e gun robh am pàrtaidh aige air a bhith a' brosnachadh fèin-aithne Albannach fad ginealaich co-dhiù a bha fosgailte do dhaoine de gach dualchas.

Do nàiseantaich Albannach an là an-diugh, dh'fhaodadh tu a bhith Albannach agus Èireannach, Sasannach no Pagastanach.

Tha cuid a' dol fiù 's nas fhaide.

Tha feadhainn mar Phete Wishart agus Aonghas Brianan MacNèill air a bhith a' cumail a-mach gu faod Albannaich a bhith Breatannach fhathast as dèidh dhaibh an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Dhaibhsan, 's e 'Breatainn' ainm an eilein, 'an Rìoghachd Aonaichte' ainm na stàit agus iad ag ràdh gur e an dàrna rud a-mhàin a tha fo cheist.

Brosnachadh

Cha ghabh pàrtaidhean an Aonaidh ri sin, agus cha do ghabh Mgr Miliband.

Ach thuirt e gun robh aon rud eile a dhìth airson an t-Aonadh a dhìon agus a neartachadh.

Nan robh e airson fèin-aithne làidir Albannach a bhrosnachadh, thuirt e, b' fheudar an aon rud a dhèanamh le Sasainn.

Agus chuir e cuid dhen choire airson sin air a' phàrtaidh aige fhèin, ag ràdh gun robh muinntir na làimhe clì roimhe air an nàireachadh leis a' cheist.

Tha Mgr Miliband a' creidsinn gu feum Albannaich agus Sasannaich a bhith toilichte anns an Rìoghachd Aonaichte gus dèanamh cinnteach gum mair i.

Dhiùlt e taic a chur ri Pàrlamaid airson Shasainn - ach bidh aig Mgr Miliband ri barrachd a ràdh mus tig a' bhòt mun seòrsa de chruth a bhios air an Aonadh anns an àm ri teachd.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.