³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Taic nam Ban

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-06-26, 14:49

A bheil Iomairt an Aonaidh ag amas gu sònraichte air boireannaich?

An-dè, bu choltach dhòmhsa gu bheil.

Nuair a chaidh an iomairt Better Together a chur air bhog ann an Dùn Èideann, rinn Alasdair Darling iomradh air na 'boireannaich làidir' a sheall gur e a bhith 'ag obair còmhla' an dòigh gus coimhearsnachd a chumail beò.

Bha an seann seansalar caran gagach leis na faclan, mar nach robh dùil aige riutha.

Thug e orm smaointinn - carson a rinn e iomradh air boireannaich gun iomradh sònraichte air fireannaich?

Feuchaidh mi ris a' cheist sin a fhreagairt an-dràsta.

Argamaid

Tha fianais nan cunntasan-bheachd ag innse dhuinn gu bheil taic airson neo-eisimeileachd nas ìsle a-measg bhoireannach.

Gus 51% dhen bhòt fhaighinn anns an referendum, feumaidh an SNP rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin.

Ged a thuirt muinntir na h-iomairt a chuireadh air bhonn an-dè gun dèanadh iad an argamaid airson an Aonaidh, 's e an dreuchd a a tha aca dèanamh cinnteach nach ruig a' bhòt airson neo-eisimeileachd an ìre sin.

A bharrachd air an iomradh sin air 'boireannaich làidir', bhruidhinn Mgr Darling uair 's a-rithist mu dheidhinn cloinne agus teaghlaich anns an òraid aige.

Bha 'ar teaghlaichean' anns a' chiad sheantans.

Nas fhaide shìos a' chiad duilleag, thuirt e gu robh na trì pàrtaidhean a bha an sàs anns an iomairt air an àrd-ùrlair còmhla gus 'àm ri teachd nas fheàrr' a choisinn airson 'ar cloinne' mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte.

Cothrom

A rèir mo chunntais-se, nochd 'teaghlach' còig tursan agus 'clann' sia tursan.

Is coltach gu bheil iomairt an Aonaidh a' faicinn laigse aig an SNP - agus aig Ailig Salmond gu sònraichte - a dh'fhaodadh cothrom a thoirt dhaibhsan.

Feuchaidh iad ri cur ris na teagamhan a tha aig cuid - a rèir nan cunntasan-bheachd - mu na dh'fhaodadh neo-eisimeileachd ciallachadh airson cloinne.

Bha eaconomaidh aig teas-mheadhan an deasbaid seo mar-thà.

Ach 's soilleir a-nis gur e taobh pearsanta na ceist a bhios bunaiteach don dà iomairt anns an dà bhliadhna - mas e sin an clàr-ama - a tha romhainn.

Thèid fàilte a chur air ur beachdan, mar as àbhaist.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.