³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-11

Tuilleadh air fàire?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-11-29, 13:59

Beachdan (0)

Bha fiosrachadh gu leòr ann an .

Cha mhòr nach e buidseat beag a bha innte, an dearbh rud dham b' àbhaist do Sheòras Osborne a bhith a' càineadh Ghòrdain Brown.

Feumar a sgrùdadh gu mionaideach mus tuig sin a h-uile buaidh a bheir i air an eaconamaidh agus air daoine air feadh Bhreatainn.

Ach bha aon phìos fiosrachaidh a bheir buaidh mhòr agus soilleir air an deasbad phoileataigeach.

Dhearbh Mgr Osborne nach tèid dèiligeadh ri easbhaidh na dùthcha ro 2015.

Gu mì-fhortanach don cho-bhanntachd, 's ann an uair sin a tha dùil ris an ath thaghadh.

Uallach

B' e am plana gum faigheadh iad na gearraidhean as cruaidhe a-mach às an rathad tràth anns a' phàrlamaid seo.

Agus bha gu leòr dhiubh sin an-diugh.

Bidh tuilleadh uallaich air tuarastail na roinne poblaiche agus Mgr Osborne ag ràdh nach àrdaich iad nas motha na 1% anns an dà bhliadhna as dèidh mar a thig an reòthadh gu crìch an ath-bhliadhna.

Bidh aig daoine ri obair nas fhaide, nas tràithe na bha dùil, agus aois a' pheinnsein ag èirigh gu 67 bho 2026 seach 2034.

Agus thèid buille a thoirt air luach chreidisean-cìse, agus cuid dhiubh gus àrdachadh aig ìre nas ìsle na an atmhorachd.

Ach tha tuilleadh air fàire.

°ä°ùì´Ç²Ô²¹»å³ó

Dhearbh an OBR - an oifis neo-eisimileach a chaidh a chuir air dòigh leis a' cho-bhanntachd fhèin - gum fàs eaconamaidh Bhreatainn nas slaodaiche na bha dùil..

A-rèir na h-oifise, thèid crìonadh a sheachnadh.

Ach, chan fhàs an eaconamaidh ach le 0.9% ann an 2012 agus 0.7% ann an 2013 - sìos bho 1.7% agus 2.5%.

Agus chuir iad gu mòr ris an àireamh de dhaoine a tha iad an dùil a chailleas an cuid chosnaidhean anns an roinn phoblaich - bho 400,000 gu 710,000.

Figearan eallach dha-rìribh.

Ach bidh cùisean fiù 's nas miosa mura gabh tubaist mhòr ann an Roinn an Euro a sheachnadh.

³§²µÃ¬³Ù³ó

'S e am figear as eagalaiche don riaghaltas ge-tà an £111bn a bharrachd a thèid a ghabhail air iasad anns na ceithir bliadhna a tha romhainn.

Gu poileataigeach, tha sin uabhasach don cho-bhanntachd.

Tha e a' fàgail gum bi aca ri dol a-steach don ath thaghadh a' gealltainn tuilleadh ghearraidhean as a dhèidh.

An uair sin, 's e an cunnart gum bi an luchd-bhòtaidh searbh sgìth dhiubh - agus de phàrtaidhean na co-bhanntachd cuideachd.

Là ro na stailcean as motha ann an ginealach, tha fios aig Mgr Osborne agus Mgr Alexander gum bi seo fiù 's nas duilghe na bha dùil.

Agus, chan eil fios aca ann am fìrinn nach fàs e fiù 's e nas duilghe a-rithist fhathast.

Amadain

Ruth Davidson bhochd.

Bha fios aice nuair a fhuair i a dreuchd mar cheannard nan Tòraidhean Albannach gum biodh e doirbh dhi ìomhaigh a' phàrtaidh a thogail an sùil an t-sluaigh.

Dè smaoinich i nuair chuala i na h-aithrisean gun robh Oileanaich Tòraidheach air ìomhaigh Bharack Obama a losgadh?

'S e an Comunn Tòraidheach aig Oilthigh Chill Rìmhinn fear dhe na buidhnean as sine dhen t-seòrsa an Alba.

Tha iad air leisgeul a thoirt seachad, ach cha dèan seo cron air cliù a' Chinn-suidhe.

Nach do thuig iad gur e an ìomhaigh aca fhèin a bha iad a' cur na theine?

Stailcean, fuaim 's cèistean

Bha mise ann an ionad craolaidh beag anns an t-seòmar nuair a dh'èirich trod mòr mun stailc a tha air fàire air Là Fèile Anndra.

Bha na Làbaraich agus na h-Uainich a' cleachdadh bhòt air clàr ghnothaichean na pàrlamaid gus feuchainn ri stad a chur air obair na pàrlamaid air là na fèile.

Dh'iarr Pàdraig Harvie gealltanas bhon oifigear riaghlaidh nach deigheadh toirt air ball sam bith dol thairis air loidhne piogaid.

Ach an uair sin thug an Làbarach Paul Martin ionnsaigh air an SNP, ag ràdh nach robh iad a' cur taic ris na h-aonaidhean sin.

An uair sin dh'fhàs an fhuaim cho làidir gun robh mi ga cluinntinn tron ghlainne.

An cuala duine a bha ag èisteachd ri Aithris an Fheagair?

Fuaim

Cha robh an SNP air an dòigh.

Tha gach tagraiche airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich air a ràdh mar-thà nach tig iad don phàrlamaid air an 30mh là dhen t-samhainn.

Ach, a' bruidhinn as leth an riaghaltais thuirt Bruce Crawford gun robh e na dhleastanas air buill tighinn gu pàrlamaid air an là sin, nuair a bhiodh deasbad air gluasad an riaghaltais a' càineadh nam planaichean.

Bha am blas car frionasach sin ri fhaicinn a-rithist aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Chaidh Iain Gray air cion-cosnaidh, as dèidh mar a sheall figearan ùra gun deach e suas ann an Alba le 5000 anns na trì mìosan gu deireadh na Sultainn.

Dè bha am prìomh mhinistear a' dèanamh, dh'fhaighnich e, gus taic a thoirt don 215,000 Albannach a bha a-nis gun chosnadh?

Amaideas

Fhreagair Ailig Salmond gun robh cùisean nas fheàrr ann an Alba, far a bheil an ìre cion-cosnaidh aig 8.0%, na bha anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte, far an robh i aig 8.3%.

Cha robh sin math gu leòr do Mhgr Gray.

Cha bu chòir, thuirt e, do Riaghaltas na h-Alba a bhith ag amas air a bhith dìreach beagan na b' fheàrr na na Tòraidhean agus thuirt e gun robh an SNP a' dèanamh ghearraidhean nas cruaidhe na bha Seòras Osborne.

Thuirt Mgr Salmond gur e amaideas a bha seo agus chuir e cuid dhen choire air staid na h-eaconamaidh.

Air an dàrna seachdain aicese mar cheannard nan Tòraidhean, rinn Ruth Davidson iomradh air molaidhean a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain-sa gus atharrachadh a thoirt air seirbhisean rèile.

Agus, thuirt i gun robh mì-chinnt mu neo-eisimileachd na chnap-starra do dhealbhachadh airson an àm ri teachd.

Rannsachadh

Bha sin na mhac-talla dhe na thuirt an Seansalair an t-seachdain-sa, gun robh companaidhean a bha a' beachdachadh air airgead a chur a-steach don eaconamaidh Albannaich gan cur dheth leis a' "mhì-chinnt" sin.

Ach bha am Prìomh Mhinistear deiseal leis an fhreagairt aige.

Chuir e as leth na Tòraidhean gun robh iad a' feuchainn ri companaidhean a chur dheth agus gur e a' chainnt acasan a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air eaconomaidh na h-Alba.

Ach thàinig an naidheachd a bu mhotha ann am freagairt ri ceist sgìreal bhon bhall nàisteantach Willie Coffey.

Dhearbh am prìomh mhinistear gun tèid rannsachadh a chumail air bàs bronach Alison Hume, ann an seann mhèine ann an Siorrachd Àir.

Togaidh an rannsachadh sin ceistean duilich ùra.

Ciamar a chaidh dhi?

Ciamar a chaidh do Ruth Davidson aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?

Dhòmh fhìn, bha ceannard ùr nan Tòraidhean Albannach car nearbhasach agus i a' cur cheistean air Ailig Salmond an-diugh, a' chiad uair o fhuair i an dreuchd.

Is beag an t-iongnadh - bha aire a h-uile duine oirre, gu h-àraid às dèidh aithrisean gun do dhiùlt Murchadh Friseal gabhail ri iarrtas bhuaipe fuireach mar leas-cheannard a' phàrtaidh.

Ach bidh Ruth Davidson fhèin toilichte gu leòr gun d'fhuair i seachad air.

'S e neo-eisimileachd a' cheist a thog i agus, gu sònraichte, an clàr-ama airson an referendum.

Carson nach robh Ailig Salmond deònach an referendum a ghairm cho luath 's a ghabhas?

³§±èò°ù²õ

Fhreagair i fhèin a' cheist.

Chuir Ruth Davidson as leth a' phrìomh mhinisteir gun robh eagal air gun cailleadh e an referendum nan deigheadh a chumail a-màireach.

Bho Mhgr Salmond, thàinig an fhreagairt àbhaisteach, gun cumadh an SNP ris na gheall iad ron taghadh - sin gun cumadh iad an referendum anns an dàrna leth dhen phàrlamaid seo.

Bha e inntinneach fhaicinn mar a dhèilig Mgr Salmond ris a' cheannard ùr.

Le Annabel Goldie - a dh'fhàg an seòmar cho luath 's a bha Ruth Davidson deiseal - bhiodh am prìomh mhinistear ri spòrs agus fealla-dhà, agus e coltach gun robh e gu math measail oirre, a dh'aindeoin am beachdan eadar-dhealaichte aca.

(Feumaidh mi ràdh gun do chòrd an spòrs ri Annabel cuideachd, agus gun robh i math air).

Chì sinn mar a leasaicheas an càirdeas eadar Mgr Salmond agus Ruth Davidson anns na seachdainean agus mìosan a tha romhainn.

Cofhurtail

An-diugh, dh'fheuch e gun a bhith ro chruaidh oirre.

Chuir e meal-a-naidheachd oirre agus i 33 bliadhna dh'aois an-diugh.

Bha fios aige nach biodh e math dha fhèin nan robh daoine dhen bheachd gun robh e ri burraidheachd an aghaidh boireannaich òig.

Air a' chuspair fhèin, ge-tà, bha Mgr Salmond a' coimhead gu math cofhurtail, a' togail ceist dhuilich do na dùbhlanaich aig Holyrood.

Ciamar as urrainn dhaibh ionnsaigh a thoirt air na planaichean aige airson neo-eisimileachd gun chothrom a thoirt dha Ceistean a' Phrìomh Mhinistear a chleachdadh gach seachdain airson an argamaid aige fhèin a dhèanamh?

Ceist airson Ruth Davidson fhèin, as dèidh glainne fìon no dhà air a co-là-breith.

Dùbhlan do Ruth Davidson

Tha a' bhuidheann Thòraidheach air a bhith a' coinneachadh aig Holyrood an-diugh, a' chiad uair bho chaidh Ruth Davidson a thaghadh mar cheannard Albannach ùr a' phàrtaidh.

Bha a' bhòt fhèin gu math faisg.

Fhuair Ruth Davidson 2278 dhe na ciad roghainnean, air thoiseach air Murchadh Friseal, a fhuair 2096.

Ach as dèidh mar a chaidh na bhòtaichean do Jackson Carlaw agus Mairead Mitchell a' roinn eatorra, dh'fhàs a' bheàrn sin, a' fàgail 2983 aig Ruth Davidson an taca ri 2417 aig Mgr Friseal.

Tha sin a' fàgail gun tèid am plana gus cur às do na Tòraidhean an Alba agus pàrtaidh ùr na làimhe deise a chur nan àite a chur don dàrna taobh.

Ach tha na ceistean a thog Mgr Friseal anns an iomairt aige fhathast ann.

Taic

Ron choinneimh anns a' phàrlamaid an-diugh, dh'aidich Ruth Davidson gun robh gu leòr aice ri dhèanamh.

Fhuair i taic phoblach bhon phrìomhaire aig Àireamh a Deich an-dè - rud nach do chuir iongnadh air duine.

Bidh e fada nas duilghe dhi taic a bharrachd fhaighinn bho mhuinntir na h-Alba na fhuair Annabel Goldie.

A dh'aindeòin an toraidh a bu mhiosa aig na Tòraidhean a-riamh aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean, shaoil tòrr aig Holyrood gun robh i èibhinn agus comasach an aghaidh Ailig Salmond aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Tha luchd-taic Ruth Davidson an dòchas gum bi a h-aodann ùr a' toirt bhòtaichean ùra don phàrtaidh, gu h-àraid a-measg dhaoine òga.

Ach mus dèan i sin, feumaidh i taic fhaighinn bhon fheadhainn a shuidheas air a cùlaibh gach Diardaoin.

°ä°ùì´Ç²Ô²¹»å³ó

A-rithist gu poblach, gheibh i an taic sin.

Ach bhòt tòrr dhe na buill aig a' choinneimh an-diugh airson Mhurchaidh Fhriseil.

Tha sin a' fàgail gu bheil grunn math taobh a-staigh na buidhne Tòraidhich a dh'aontaich le Mgr Friseal nach robh càil air fàire dhaibh ach barrachd crìonaidh agus gum b' fheàirdde tòiseachadh as ùir.

Cha tachair sin a-nis.

Feumaidh Ruth Davidson sealtainn a-nis gun robh iad ceàrr, agus gun tèid aice air a' phàrtaidh a chur air ais air an rathad gu soirbheachas ann an Alba.

Don fheadhainn nach eil deònach feitheamh cho fada sin, tha Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann Diardaoin.

Gainnead aonta air gràin-creidimh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-11-03, 13:10

Beachdan (0)

Chan eil taic nan dùbhlanach a dhìth air riaghaltas an SNP airson am bile gus dèiligeadh ri gràin-creidimh fhaighinn troimhe.

Leis a' mhòrchuid ùir aca, thèid e troimhe co-dhiù.

Ach bha iad airson an taic sin fhaighinn airson a' phlana gus binnean còig bliadhna a chuir air daoine a tha ri gràin-creidimh aig a' bhall-coise air neo air loidhne.

Chan fhaigh iad i a-nis.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanaich uile aig Holyrood a-nis air tighinn còmhla gus a ràdh nach deach argamaid an riaghaltais a dhèanamh agus nach bhòt iad air a shon.

Gu dearbh, tha cuid a-nis ag ràdh gum bu chòir cur às don bhile uile gu lèir.

Connspaideach

Cha tachair sin.

Rinn an riaghaltas glè shoilleir gun tèid air adhart leis a' bhile.

Ach bha iad an dòchas gun deigheadh aca air taic fhaighinn taobh a-staigh na pàrlamaid airson gnìomhan a tha air leth connspaideach taobh a-muigh.

Tha na h-eaglaisean, clubaichean buill-coise agus buidhnean luchd-leantainn uile air draghan a thogail mun bhile - bhiodh e na b' fhasa don riaghaltas dèiligeadh ris na draghan sin nan robh a' phàrlamaid fhèin air an aon rabh.

Chaidh clàr-ama a' bhile seo atharrachadh as dèidh gearain gun robh iad ga chur troimhe ro luath.

A-nis,Ìýtha e soilleir nach robh sin gu leòr.

Aonta

Chuir Ailig Salmond cuideam mòr air dèiligeadh ri gràin-creidimh nuair a chaidh ath thaghadh mar phrìomh mhinistear.

Rinn e iomradh air anns an òraid aige don phàrlamaid as dèidh an taghaidh.

Tha aonta aig Holyrood - agus taobh a-muigh na pàrlamaid - gu feum rudeigin a dhèanamh mu deidhinn.

Is coltach an-diugh ge-tà, nach eil aonta sam bith air dè.

A-nis, feumaidh an SNP obair gus dèanamh cinnteach gur iad na dùbhlanaich a bhitheas air taobh ceàrr beachd a' mhòrshluaigh air seo.

'S dòcha gu bheil sin an crochadh air na thachras nuair a thèid am bile troimhe agus a' bhuaidh a bheir e air cùisean gach disathairne.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.