³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Gainnead aonta air gràin-creidimh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-11-03, 13:10

Chan eil taic nan dùbhlanach a dhìth air riaghaltas an SNP airson am bile gus dèiligeadh ri gràin-creidimh fhaighinn troimhe.

Leis a' mhòrchuid ùir aca, thèid e troimhe co-dhiù.

Ach bha iad airson an taic sin fhaighinn airson a' phlana gus binnean còig bliadhna a chuir air daoine a tha ri gràin-creidimh aig a' bhall-coise air neo air loidhne.

Chan fhaigh iad i a-nis.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanaich uile aig Holyrood a-nis air tighinn còmhla gus a ràdh nach deach argamaid an riaghaltais a dhèanamh agus nach bhòt iad air a shon.

Gu dearbh, tha cuid a-nis ag ràdh gum bu chòir cur às don bhile uile gu lèir.

Connspaideach

Cha tachair sin.

Rinn an riaghaltas glè shoilleir gun tèid air adhart leis a' bhile.

Ach bha iad an dòchas gun deigheadh aca air taic fhaighinn taobh a-staigh na pàrlamaid airson gnìomhan a tha air leth connspaideach taobh a-muigh.

Tha na h-eaglaisean, clubaichean buill-coise agus buidhnean luchd-leantainn uile air draghan a thogail mun bhile - bhiodh e na b' fhasa don riaghaltas dèiligeadh ris na draghan sin nan robh a' phàrlamaid fhèin air an aon rabh.

Chaidh clàr-ama a' bhile seo atharrachadh as dèidh gearain gun robh iad ga chur troimhe ro luath.

A-nis, tha e soilleir nach robh sin gu leòr.

Aonta

Chuir Ailig Salmond cuideam mòr air dèiligeadh ri gràin-creidimh nuair a chaidh ath thaghadh mar phrìomh mhinistear.

Rinn e iomradh air anns an òraid aige don phàrlamaid as dèidh an taghaidh.

Tha aonta aig Holyrood - agus taobh a-muigh na pàrlamaid - gu feum rudeigin a dhèanamh mu deidhinn.

Is coltach an-diugh ge-tà, nach eil aonta sam bith air dè.

A-nis, feumaidh an SNP obair gus dèanamh cinnteach gur iad na dùbhlanaich a bhitheas air taobh ceàrr beachd a' mhòrshluaigh air seo.

'S dòcha gu bheil sin an crochadh air na thachras nuair a thèid am bile troimhe agus a' bhuaidh a bheir e air cùisean gach disathairne.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.