³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Stailcean, fuaim 's cèistean

Bha mise ann an ionad craolaidh beag anns an t-seòmar nuair a dh'èirich trod mòr mun stailc a tha air fàire air Là Fèile Anndra.

Bha na Làbaraich agus na h-Uainich a' cleachdadh bhòt air clàr ghnothaichean na pàrlamaid gus feuchainn ri stad a chur air obair na pàrlamaid air là na fèile.

Dh'iarr Pàdraig Harvie gealltanas bhon oifigear riaghlaidh nach deigheadh toirt air ball sam bith dol thairis air loidhne piogaid.

Ach an uair sin thug an Làbarach Paul Martin ionnsaigh air an SNP, ag ràdh nach robh iad a' cur taic ris na h-aonaidhean sin.

An uair sin dh'fhàs an fhuaim cho làidir gun robh mi ga cluinntinn tron ghlainne.

An cuala duine a bha ag èisteachd ri Aithris an Fheagair?

Fuaim

Cha robh an SNP air an dòigh.

Tha gach tagraiche airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich air a ràdh mar-thà nach tig iad don phàrlamaid air an 30mh là dhen t-samhainn.

Ach, a' bruidhinn as leth an riaghaltais thuirt Bruce Crawford gun robh e na dhleastanas air buill tighinn gu pàrlamaid air an là sin, nuair a bhiodh deasbad air gluasad an riaghaltais a' càineadh nam planaichean.

Bha am blas car frionasach sin ri fhaicinn a-rithist aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Chaidh Iain Gray air cion-cosnaidh, as dèidh mar a sheall figearan ùra gun deach e suas ann an Alba le 5000 anns na trì mìosan gu deireadh na Sultainn.

Dè bha am prìomh mhinistear a' dèanamh, dh'fhaighnich e, gus taic a thoirt don 215,000 Albannach a bha a-nis gun chosnadh?

Amaideas

Fhreagair Ailig Salmond gun robh cùisean nas fheàrr ann an Alba, far a bheil an ìre cion-cosnaidh aig 8.0%, na bha anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte, far an robh i aig 8.3%.

Cha robh sin math gu leòr do Mhgr Gray.

Cha bu chòir, thuirt e, do Riaghaltas na h-Alba a bhith ag amas air a bhith dìreach beagan na b' fheàrr na na Tòraidhean agus thuirt e gun robh an SNP a' dèanamh ghearraidhean nas cruaidhe na bha Seòras Osborne.

Thuirt Mgr Salmond gur e amaideas a bha seo agus chuir e cuid dhen choire air staid na h-eaconamaidh.

Air an dàrna seachdain aicese mar cheannard nan Tòraidhean, rinn Ruth Davidson iomradh air molaidhean a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain-sa gus atharrachadh a thoirt air seirbhisean rèile.

Agus, thuirt i gun robh mì-chinnt mu neo-eisimileachd na chnap-starra do dhealbhachadh airson an àm ri teachd.

Rannsachadh

Bha sin na mhac-talla dhe na thuirt an Seansalair an t-seachdain-sa, gun robh companaidhean a bha a' beachdachadh air airgead a chur a-steach don eaconamaidh Albannaich gan cur dheth leis a' "mhì-chinnt" sin.

Ach bha am Prìomh Mhinistear deiseal leis an fhreagairt aige.

Chuir e as leth na Tòraidhean gun robh iad a' feuchainn ri companaidhean a chur dheth agus gur e a' chainnt acasan a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air eaconomaidh na h-Alba.

Ach thàinig an naidheachd a bu mhotha ann am freagairt ri ceist sgìreal bhon bhall nàisteantach Willie Coffey.

Dhearbh am prìomh mhinistear gun tèid rannsachadh a chumail air bàs bronach Alison Hume, ann an seann mhèine ann an Siorrachd Àir.

Togaidh an rannsachadh sin ceistean duilich ùra.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.