³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-03

Peairt...a-rithist

Nuair a choinnich Tòraidhean na h-Alba ann am Peart an uiridh bha dà amas aca.

Bha iad airson prìomhaire Tòraidheach a chur gu Sràid Dhowning agus barrachd bhall-pàrlamaid Albannach a chur do na Cumantan.

Bliadhna as dèidh sin, tha Dàibhidh Camshron aig Àireamh a Deich.

Ach tha Dàibhidh eile - Mgr Mundell - fhathast na aon bhall-pàrlamaid Albannach a tha aig na Tòraidhean aig Westminster.

Choinnich iad ann am Peairt air an deireadh-sheachdainn mus tèid luchd-bhòtaidh na h-Alba do na bogsaichean-baileit a-rithist.

'S e an t-amas aca an turas-sa cur ris na tha aca de sheataichean aig Holyrood.

Roghainn

Anns an òraid aicese disathairne, chaidh Annabel Goldie as àidhcheadh gun robh an taghadh seo na roghainn eadar Ailig Salmond agus Iain Gray.

Mhol i na fhuair na Tòraidhean anns a' phàrlamaid seo - air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô gnìomhachais agus àireamhan poilis - bho na còmhraidhean buidseit gach bliadhna le Iain Swinney.

Agus dh'iarr i air an luchd-bhòtaidh taic a chur riutha gus barrachd mar seo fhaighinn anns an àm ri teachd.

An turas-sa, chan eil Annabel Goldie a' diùltadh pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd le pàrtaidhean eile.

Ach b' i sin ceist airson là eile. Anns an eadar-ama, thuirt Annabel Goldie gun robh na Tòraidhean eadar-dhealaichte agus iad deònach a bhith onarach leis na luchd-bhòtaidh, mu shuidheachadh ionmhais na dùthcha gu sònraichte.

Nì muinntir na h-Alba an roghainn aca fhèin ann ceann seachd sheachdainnean.

Fàilte bhlàth

Bha dùil gun faigheadh Ailig Salmond fàilte bhàidheil bhon phàrtaidh aige aig a' cho-labhairt aca ann an Glaschu.

'S e pàrtaidh gu math aonaichte a tha anns an SNP anns na làithean seo agus gheibh Mgr Salmond taic mhòr phearsanta bhuapa.

An turas-sa, ge-tà, bha an fhàilte sin fiù 's na bu bhlàithe nan àbhaist.

'S e Ailig Salmond a' chiad phrìomh mhinistear nàiseantach a-riamh - rud a shaoil cuid nach faiceadh iad a chaoidh.

'S i a' cheist a tha aca a-nis, am bi Mgr Salmond fhathast na phrìomh mhinistear as dèidh an taghaidh Albannaich anns a' Chèitein.

Tha fios aca uile gu bheil sabaid mhòr romhpa gus dèanamh cinnteach gun cum an duine acasan grèim air na h-iuchraichean do Thaigh a' Bhòid.

Eagalach

Ach ma tha dragh air Mgr Salmond fhèin mun t-sabaid sin, chan eil e ga nochdadh.

Gu dearbh, tha na nàiseantaich a' creidsinn gur iad na Làbaraich a tha eagalach ron taghadh, as dèidh do phàrtaidh Iain Gray gabhail ris a' pholasaidh acasan air reòthadh na cìse comhairle.

Anns an òraid aige don cho-labhairt, rinn Mgr Salmond ceangal eadar neo-eisimileachd do dh'Alba agus coimhearsnachd nas fheàrr - chan e dìreach a' choimhearsnachd mhòr aig Dàibhidh Camshron, ach coimhearsnachd chothromach.

Dh'fheuch e ri diofar a dhèanamh eadar an SNP, mar phàrtaidh le beachdan agus dòchas, agus na Làbaraich nach robh a' tabhainn ach eagal don mhòr-shluagh.

'S e an dòchas a tha aig Mgr Salmond fhèin gum bi an luchd-bhòtaidh deònach a chumail-san mar phrìomh mhinistear fad ceithir bliadhna eile.

Ach bidh barrachd na dìreach dòchas a dhìth air an SNP aig an taghadh seo - mar a tha fios aca uile.

Naoi seachdainean fada

Grunn smaointean as dèidh dhomh tilleadh gu Holyrood bho cho-labhairt Albannach nan Lib Deamach.

'S iad na Lib Deamaich a fhuair a' chiad chothrom am bliadhna-sa na polasaidhean agus an sgioba aca a chur fa chomhair a' mhòr-shluaigh.

Leis an taghadh dìreach beagan sheachdainnean air falbh, tha co-labhairtean na bliadhna-sa fiù 's nas cudromaiche nan àbhaist.

'S ann aig an taghadh sin a chì sinn dè a' bhuaidh a thug co-dhùnadh Nick Clegg co-bhanntachd a chruthachadh leis na Tòraidhean air a' phàrtaidh aige ann an Alba.

Tha na pàrtaidhean eile air a bhith ag ràdh gun tèid na Lib Deamaich a pheanasachadh gu mòr airson sin nuair a thèid muinntir na h-Alba do na bogsaichean-baileit.

'S e an dùbhlan ro Thavish Scott toirt air daoine a tha mì-thoilichte leis a' cho-bhanntachd aig Westminster chreidsinn gu bheil na Lib Deamaich Albannach eadar-dhealaichte.

³§²µÃ ¾±±ô

Anns an òraid aige ris a' cho-labhairt disathairne cha d' rinn Mgr Scott iomradh idir air Nick Clegg, Westminster air neo a' cho-bhanntachd.

Dh'innis e don phàrtaidh aige nach robh adhbhar aca a bhith eagalach ro bheachd an luchd-bhòtaidh.

Ach, cuiridh na rudan sin sgàil mhòr air iomairt a' phàrtaidh ann an Alba am bliadhna-sa.

Thuirt Mgr Scott gur iad an eaconomaidh agus foghlam na cuspairean as cudromaiche don phàrtaidh aige aig an taghadh seo.

Ach an cur an luchd-bhòtaidh earbsa annta air foghlam as dèidh mar a bhòt na Lib Deamaich airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oideachaidh a chur suas mu dheas?

Chan eil ach 9 seachdainn eadarainn agus an taghadh - ach do Mhgr Scott, 's e seachdainean fada a bhios annta.

BPA (cha mhòr) air an aon ràbh mu phrìs a' chonnaidh

'S e prìs àrd a' chonnaidh tè dhe na cuspairean as trice a thèid a dheasbad air na prògraman naidheachd againne.

Agus is furasta sin a thuigsinn, agus i a' toirt buaidh air daoine a h-uile là, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach.

An-diugh, chuir Pàrlamaid na h-Alba a h-ainm ris na tha de dhaoine ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn rudeigin a dhèanamh airson a lùghdachadh.

Tha ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô conaidh fo smachd Westminster.

Mar sin, chan urrainn do bhuill-pàrlamaid na h-Alba ach beachd a thoirt seachad.

Ach an-diugh, rinn iad am beachd gu math soilleir.

Teachdaireachd

Mar a bhiodh dùil, bhòt na h-Uainich an aghaidh a' ghluasaid gus iarraidh air Seòras Osborne cur às do dh'àrdachadh eile a tha air fàire anns a' Ghiblean.

Ach bha na pàrtaidhean mòra aig Holyrood cha mhòr uile air an aon ràbh air seo.

Cha robh an Làbaraich toilichte, ge-tà, mun iarrtas riaghaladair cìs a' chonaidh a stèidheachadh, agus iadsan ag ràdh nach biodh a leithid ag obair.

Mar sin, cha robh iad deònach taic a chur ris a' ghluasad.

A' bruidhinn riumsa as dèidh a' bhòit, thuirt BPA nàiseantach nan Eilean Siar nach robh e a' tuigsinn, agus nach biodh tòrr anns na h-Eileanan a' tuigsinn carson.

Ach am bi Dòmhnall Crichton toilichte le dol a-mach a chàirdean Làbarach aig Holyrood agus e a' feuchainn ris na h-Eileanan fhaighinn air ais don phàrtaidh?

Uallach

Thuirt am prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun robh e a' tuigsinn an uallaich a chuir prìsean àrda air luchd-dràibhidh.

Ach tha uallach air a' cho-bhanntachd air a' chùis bho àird eile.

Tha tòrr Lib Deamach Albannach aig Westminster a' riochdachadh sgìrean iomallach.

Nam measg, tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander (Inbhir Nis), Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore (na Crìochan) agus cuip na co-bhanntachd, Alistair MacIlleMhìcheil (Arcaibh is Sealtainn).

Tha fios aca gum bi cùisean duillich dhaibh aig an ath thaghadh - agus 's dòcha don chàirdean aca an seo aig Holyrood - mura tèid rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo.

Thèid an deasbad a-nis air ais gu Westminster.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.