³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

BPA (cha mhòr) air an aon ràbh mu phrìs a' chonnaidh

'S e prìs àrd a' chonnaidh tè dhe na cuspairean as trice a thèid a dheasbad air na prògraman naidheachd againne.

Agus is furasta sin a thuigsinn, agus i a' toirt buaidh air daoine a h-uile là, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach.

An-diugh, chuir Pàrlamaid na h-Alba a h-ainm ris na tha de dhaoine ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn rudeigin a dhèanamh airson a lùghdachadh.

Tha ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô conaidh fo smachd Westminster.

Mar sin, chan urrainn do bhuill-pàrlamaid na h-Alba ach beachd a thoirt seachad.

Ach an-diugh, rinn iad am beachd gu math soilleir.

Teachdaireachd

Mar a bhiodh dùil, bhòt na h-Uainich an aghaidh a' ghluasaid gus iarraidh air Seòras Osborne cur às do dh'àrdachadh eile a tha air fàire anns a' Ghiblean.

Ach bha na pàrtaidhean mòra aig Holyrood cha mhòr uile air an aon ràbh air seo.

Cha robh an Làbaraich toilichte, ge-tà, mun iarrtas riaghaladair cìs a' chonaidh a stèidheachadh, agus iadsan ag ràdh nach biodh a leithid ag obair.

Mar sin, cha robh iad deònach taic a chur ris a' ghluasad.

A' bruidhinn riumsa as dèidh a' bhòit, thuirt BPA nàiseantach nan Eilean Siar nach robh e a' tuigsinn, agus nach biodh tòrr anns na h-Eileanan a' tuigsinn carson.

Ach am bi Dòmhnall Crichton toilichte le dol a-mach a chàirdean Làbarach aig Holyrood agus e a' feuchainn ris na h-Eileanan fhaighinn air ais don phàrtaidh?

Uallach

Thuirt am prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun robh e a' tuigsinn an uallaich a chuir prìsean àrda air luchd-dràibhidh.

Ach tha uallach air a' cho-bhanntachd air a' chùis bho àird eile.

Tha tòrr Lib Deamach Albannach aig Westminster a' riochdachadh sgìrean iomallach.

Nam measg, tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander (Inbhir Nis), Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore (na Crìochan) agus cuip na co-bhanntachd, Alistair MacIlleMhìcheil (Arcaibh is Sealtainn).

Tha fios aca gum bi cùisean duillich dhaibh aig an ath thaghadh - agus 's dòcha don chàirdean aca an seo aig Holyrood - mura tèid rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo.

Thèid an deasbad a-nis air ais gu Westminster.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.