³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Fàilte bhlàth

Niall O’Gallagher | 2011-03-16, 10:50

Bha dùil gun faigheadh Ailig Salmond fàilte bhàidheil bhon phàrtaidh aige aig a' cho-labhairt aca ann an Glaschu.

'S e pàrtaidh gu math aonaichte a tha anns an SNP anns na làithean seo agus gheibh Mgr Salmond taic mhòr phearsanta bhuapa.

An turas-sa, ge-tà, bha an fhàilte sin fiù 's na bu bhlàithe nan àbhaist.

'S e Ailig Salmond a' chiad phrìomh mhinistear nàiseantach a-riamh - rud a shaoil cuid nach faiceadh iad a chaoidh.

'S i a' cheist a tha aca a-nis, am bi Mgr Salmond fhathast na phrìomh mhinistear as dèidh an taghaidh Albannaich anns a' Chèitein.

Tha fios aca uile gu bheil sabaid mhòr romhpa gus dèanamh cinnteach gun cum an duine acasan grèim air na h-iuchraichean do Thaigh a' Bhòid.

Eagalach

Ach ma tha dragh air Mgr Salmond fhèin mun t-sabaid sin, chan eil e ga nochdadh.

Gu dearbh, tha na nàiseantaich a' creidsinn gur iad na Làbaraich a tha eagalach ron taghadh, as dèidh do phàrtaidh Iain Gray gabhail ris a' pholasaidh acasan air reòthadh na cìse comhairle.

Anns an òraid aige don cho-labhairt, rinn Mgr Salmond ceangal eadar neo-eisimileachd do dh'Alba agus coimhearsnachd nas fheàrr - chan e dìreach a' choimhearsnachd mhòr aig Dàibhidh Camshron, ach coimhearsnachd chothromach.

Dh'fheuch e ri diofar a dhèanamh eadar an SNP, mar phàrtaidh le beachdan agus dòchas, agus na Làbaraich nach robh a' tabhainn ach eagal don mhòr-shluagh.

'S e an dòchas a tha aig Mgr Salmond fhèin gum bi an luchd-bhòtaidh deònach a chumail-san mar phrìomh mhinistear fad ceithir bliadhna eile.

Ach bidh barrachd na dìreach dòchas a dhìth air an SNP aig an taghadh seo - mar a tha fios aca uile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.