³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-01

Ballaichean an teampail

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-26, 16:49

Beachdan (0)

Bha fios aig Tommy Sheridan nuair a thill e don Àrd-Chùirt an Glaschu gum biodh e a' dol don phrìosan.

B' i a' cheist dè cho fada.

Bha a' chùirt làn airson a' bhinn a chluinntinn agus chleachd Tommy Sheridan an cothrom airson òraid fhada a ghabhail, ag iarraidh air a' bhreitheamh a' bhinn a lùghdachadh.

Dh'iarr e air a' Mhorair Bracadale smaoineachadh mun bhuaidh a bheireadh binn prìosain air a bhean, Gail, air a phàrantan agus air a nighinn bhig.

Ach thuirt am Morair Bracadale gun tug Tommy Sheridan ballaichean an teampail sìos air a cheann fhèin - agus air cinn a theaghlaich - nuair a chum e a' dol leis a' chùis-lagha aige an aghaidh The News of the World.

Mar sin, thuirt e, cha robh peanas sam bith eile iomachaidh dha ach binn prìosain.

Casg

Chaidh binn trì bliadhna air Tommy Sheridan an-diugh.

Ach chan eil dùil gum fuirich e nas fhaide na 18 mìosan agus dh'fhaodadh e a bhith saor fiù 's nas tràithe.

Thuirt a bhean Gail an-diugh nach b' fhada gus am biodh a duine air ais agus e fiù 's nas treasa na bha roimhe.

An-diugh dhearbh seirbhis fiosrachaidh na pàrlamaid Albannaich nach robh an casg air duine bho sheasamh a-rithist a' toirt buaidh ach air daoine a bha nam ball an-dràsta.

Mar sin dheth, dh'fhaodadh gum bi cothrom aig Tommy Sheridan tilleadh.

Anns an eadar-ama, ge-tà, feumaidh poileataigs na h-Alba fàs cleachdte ri beatha as aonais.

Dùil ri binn air Tommy Sheridan

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-26, 7:49

Beachdan (0)

Thèid binn a chur an-diugh air an t-seann BhPA sòisealach, Tommy Sheridan, as dèidh mar a fhuaireadh gun do dh'innis e breugan anns a' chùirt.

Tha dùil ris a' bhinn bho 1000 aig an Àrd Chùirt ann an Glaschu agus bidh mi fhìn an làthairÌýairson aÌýcluinntinn.

Thug am breitheamh cead do dhaoine a bhith a' tweetadh bhon chùirt.

AirsonÌýna naidheachd cho luath agus a thig i, aig @niallogallagher.

Dà roghainn

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-25, 11:26

Beachdan (0)

Gheibh buill-pàrlamaid na h-Alba an ciad chothrom a-màireach bhòtadh air buidseat na bliadhna-sa.

Dearbhaidh e na bhios aig an ath riaghaltas ri cosg anns a' chiad bhliadhna dhen phàrlamaid ùir.

Anns an eadar-ama, ge-tà, bidh taghadh ann.

O chaidh riaghaltas an SNP a stèidhicheadh ann an 2007, bu duilich dhaibh buidseat fhaighinn troimhe agus iad gun mhòrchuid.

Dà bhliadhna air ais, b' fheudar dhaibh feuchainnÌýturas eileÌýas dèidh mar a thuitÌýbile a' bhuidseit air bhòt an oifigeir riaghalaidh.

Ach dè thachras an turas-sa, agus an taghadh a-nis dìreach 100 là air falbh?

Malairt

Mar as àbhaist, bidh malairt ann, agus Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney ag iarraidh taic bho na pàrtaidhean eile.

Fon lagh, chan eil roghainn aig Mgr Swinney - 's ann airsan a tha an dleastanas buidseat a chur fa chomhair na pàrlamaid.

Ach le taghadh air fàire, tha roghainn aig na pàrtaidhean eile.

'S urrainn dhaibh feuchainn riÌýduaisean fhaighinn bho Mhgr Swinney, duaisean a chòrdas ris an luchd-bhòtaidh.

Air neo, 's urrainn dhaibh bhòtadh an aghaidh a' bhuidseit gus cothrom a thoirt dhaibh coire a chur air na pàrtaidhean eile airson na bhios ann.

An turas-sa, ge-tà, chan eil tòrr dhuaisean aig Mgr Swinney ri toirt seachad a' fàgail gu bheil an dàrna roghainn a' coimhead nas tarraingiche.

Gearraidhean

Cuimhnich, chan eil smachd aig Iain Swinney air meud a' bhuidseit aige ach air an iomall.

Tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil e a' dèanamh a dhìcheil leis na cumhachdan a tha aige agus e a' cumail a-mach gu bheil barrachd a dhìth airson eaconomaidh na h-Alba a chur am feabhas.

Ach, tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil an SNP a' dèanamh obair Sheòrais Osborne, agusÌýiad a' toirt air adhart ghearraidhean Tòraidheach.

Tha an teachdaireachd seo nas prìseile do na Làbaraich naÌýduais sam bith eileÌýbho Mhgr Swinney agus mar sin dheth tha mi cinnteach gum bhòt iad na aghaidh.

Dh'iarr na h-Uainich air Mgr SwinneyÌýan smachdÌýa tha aige air a' chìs chosnaidh a chleachdadh airson a' bheàrn a lìonadh. ChaÌýchleachd, agus mar sin, is coltach gun bhòt iadsan na aghaidh cuideachd.

Mar sin dheth, tha gach sùil air na Tòraidhean agus na Lib Deamaich.

Taghadh

A-màireach, thèid a' bhòt troimhe.

Cha bhi a h-uile duine ann - tha ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, ann an Sealtainn airson Up Helly Aa, agus chan fhaigh e air aisÌýron bhòt.

Bidh feadhainn eile deònach bhòtadh a sheachnadh gus cothrom a thoirt do naÌýcomataidhean am buidseat a sgrùdadh ann am barrachd doimhneachd.

Ma thèid e don oifigear riaghalaidh, bhòt e air a shon aig an ìre-sa.

Ach mura tig iad gu aonta ron bhòt mu dheireadh, bhòtaidh Ailig Fearghasdan na aghaidh.

Nan tachradh sin, dh'fhaoidte gum bi an taghadh fiù 's na bu tràithe - ach am bi iad deònach, saoil,Ìýsin a dhèanamh?

Connspaid nan sgoiltean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-13, 13:32

Beachdan (0)

Chaidh aire a thoirt air falbh bho chonnspaid nan sgoiltean an Earra-Ghàidheal an-dè nuair a dh'fhoillsich Mìcheal Ruiseal diùltadh cead airson dùnadh ceithir sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar.

Chleachd e na cumhachdan ùra aig mar Rùnaire an Fhoghlaim gus toirt air Comhairle nan Eilean Siar smaointinn a-rithistÌýmu Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil Sheileaboist agus mu na roinnean àrd-sgoile dà bhliadhna aig Lìonail agus Siabost.

Ach b' fheudar dha tighinn don t-seòmar anns a' chiad dol a-mach gus mìneachadh a thoirt seachad mun phàirt aige anns an trot mu dhùnadh sgoiltean an Earra-Ghàidheal.

Sin as dèidh mar a chaidh post-dealain dìomhar a' sgaoileadh anns an robh Mgr Ruiseal a' toirt rabhadh do chomhairlichean nàiseantach gun thaic a thoirt do dhùnadh 25 sgoiltean anns an sgìre.

Tha Mgr Ruiseal ann an suidheachadh neònach agus e na bhall airson AlbaÌýa Deas ach na thagraiche ann an Earra-Ghàidheal.

'S ann air sgàth sin a sgrìobh seann thagraiche nan Làbarach anns an sgìre, Dàibhidh Greumach, do Choimiseanair Inbhean na Pàrlamaid a' gearan gun do bhris Mgr Ruiseal na riaghailtean fo .

Doirbh

Tha dùil agamsa nach tèid gabhailÌýris a' ghearan.

Dhearbh oifis a' choimiseanair dhòmhsa nach eil gearanan fo earrann a h-ochd den chòd fon smachd aige, agus gun tèid a leithid de ghearanan a thoirt don Oifigear Riaghalaidh.

Chaidh Mgr Ruiseal as àidhcheadh gun d' rinn e càil ceàrr agus e dìreach a' toirt beachd seachad mun chùis ann am post-dealain prìobhaiteach.

Thuirt e cuideachd gun tèid co-dhùnadh sam bith mu sgoiltean anns an sgìre a ghabhail le ministear eile - is coltach gurÌýann air Angela Constance a bhiodh an dleastanas seo.

Tha seo doirbh dha agus e coltach gun deach Rùnaire an Fhoghlaim an sàs ann an co-dhùnadh mu dhùnadh sgoiltean anns an dearbh àite far a bheil e a' lorg taic ron taghadh.

Ach dh'fhaoidte nach dèan a' chonnspaid cusÌýcron air anns an àm ri teachd.

TaghadhÌý

Air Aithris na Maidne an-diugh thuirt Mòrag Rothach,ÌýbhoÌýChomhairle nan Eilean Siar,Ìýnach do chuir diùltadh Mhgr Ruiseal iongnadh oirre "o chionn tha sinn a' teannadh faisg air taghadh".

Chaidh i na b' fhaide, ag ràdh "tha sinn a' faicinn nach b' ann airson adhbhair foghlaim a bha e a' diùltadh gin de na sgoiltean seo a dhùnadh".

Bidh e an SNP a' tomhas gun dèan connspaid nan sgoiltean barrachdÌýfeum na cronÌýorra anns an dà sgìre, le pàrantan agus mar sin leis an luchd-bhòtaidh.

'S ann air sgàth sin a tha na pàrtaidhean eile an Earra-Ghàidheal cho feargach.

Aig a' cheann thall, gheibh muinntir nan sgìrean seo cothrom beachd a thoirt seachad nuair a thig an taghadh.

'S e ceist eile dè thachras do sgoiltean mar seo nuair a bhios an taghadh sin seachad.

Dè gheàrras sinn - feachdan, no oifigearan?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-12, 16:42

Beachdan (2)

Tha e a' coimhead nas coltaiche a-nis gun tèid feachdan poilis na h-Alba a thoirt còmhla.

Cha tig an co-dhùnadh mu dheireadh ron taghadh, ach tha an riaghaltas ag ràdh nach urrainn do chùisean cumail a' dol mar a tha iad.

An-dràsta tha ochd feachdan poilis ann an Alba.

Dh'fhaoidte gun tèid iad uile a thoirt còmhla, no gun tèid an àireamh de dh'fheachdan a ghearradh gu trì no ceithir.

Ged a dh'fhoillsich Coinneach MacAsgail grunn roghainnean an-diugh tha na Làbaraich agus na Tòraidhean air an taic-san a chur ri feachd poilis nàiseanta mar-thà.

Ach tha feadhainn eile gu tur na h-aghaidh.

Seirbhisean

Tha Mgr MacAsgail a' creidsinn gun gabh airgead a shàbhaladh nan dèidheadh co-dhiù cuid de na feachdan poilis a thoirt còmhla.

B' fheàrr leis an àireamh de dh'fheachdan a ghearradh, seach an àireamh de dh'oifigearan.

Ach tha cuid eile draghail mun a bhuaidh a bheir seo air seirbhisean, gu h-àraid ann an sgìrean iomalach.

Nan dèidheadh cur às, can, do Phoilis a Chinn a Tuath, an toireadh sin droch bhuaidh air seirbhisean air Ghàidhealtachd?

Tha na Lib Deamach a' creidsinn gun toireadh, ach dè ur beachd fhèin?

Thèid seo a thogail a-rithist mar chuspair aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

Ceist dhuilich do MhacIlleMhìcheil

An cuala sibh Alasdair Allan BPA air Aithris na Maidne an-diugh?

Bha e a' bruidhinn mu phlanaichean Riaghaltas Bhreatainn airson goireasan nam Maor-cladaich a ghearradh.

Fo na planaichean sin cha bhiodh ach aon stèisean mhaor-cladaich làn-ùine ann an Alba, stèidhichte ann an Obar Dheathain.

BhiodhÌýstèisean eile fosgailte tron là a-mhàin - ann an Steòrnabhagh no ann an Sealtainn.

Dhùineadh am fear eile.

Mar a bhiodh dùil, tha Alasdair Allan an aghaidh a' phlana seo.

²Ñò°ù³¦³ó³Ü¾±»å

Tha esan ag ràdh gu bheil na planaichean an aghaidh riaghailtean nam maor-cladaich fhèin - tha aig an luchd-obrach aca ri bhith eòlach air an sgìre anns am bi iad a' obair.

Am beachd an Dtr Allan, cha tachradh sin le dìreach dà stèisean airson Alba air fad.

Ach as bith a bheil e ceart na ceàrr, tha taghadh air fàire agus tha Alasdair Allan a' dìon mòrchuid theann anns na h-Eileanan an Iar.

BidhÌýesan airson sealltainnn gu bheil e a' dèanamh a dhìcheil airson seirbhisean agus cosnaidhean a ghlèidheadh anns an sgìre sin.

Bidh agus na Lib Deamaich a tha a' riochdachadh nan Eilean mu Thuath.

Ach, tha trioblaid eile acasan.

±·Ã ¾±°ù±ð

'S e Tavish Scott, ceannard Albannach nan Lib Deamach, ball pàrlamaid na h-Alba airson Shealtainn.

Tha esan air a ràdh mar-thà gum bu chòir do na stèiseanan ann an Sealtainn agus Steòrnabhagh cumail a' dol anns an àm ri teachd.

Tuigidh na càirdean aige mu dheas gu bheil aig Mgr Scott ri sin a dhèanamh agus cha chuir e cus nàire orra.

Ach tha cùisean fada nas duilghe do bhall pàrlamaid Westminster Arcaibh agus Shealtainn

Tha Alistair MacIlleMhìcheil na chuip a dh'fheumas taic a chur ri polasaidh an riaghaltais.

Am b' urrainn dha sin a dhèanamh ma mholas iad dùnadh stèisean Shealtainn?

TUILLEADH 1400

Tha oifis Alistair MhicIlleMhìcheil air innse dhomh nach urrainn dhaibh a ràdh dè dhèanadh e gus an tigeadh an co-dhùnadh mu dheireadh.

Toiseach na bliadhna ùir

Ged a thilleas buill-pàrlamaid do Westminster an-diugh, 's ann air ceann a tuath Shasainn a bhios an aire an t-seacdain-sa.

Bheir am fo-thaghadh ann an Oldham East agus Saddleworth a' chiad chothrom do luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad air riaghaltas na co-bhanntachd.

Bidh buill-pàrlamaid a' sgrùdadh an toraidhÌýcuideachd airson beachd air ceannard ùr nan Làbarach, Ed Miliband.

Chaidh am fo-thaghadh adhbhrachadh as dèidh do chùirt fhaighinn gun do bhriseadh na riaghailteach leÌýball làbarach na sgìre, Phil Woolas, agus e air breugan innse mun tagraiche Lib Deamach, Elwyn Watkins.

Mar as trice, bhiodh dùil gum biodh na Lib Deamaich a' coisinn na sgìre.

Ach tha a' cho-bhanntachd leis na Tòraidhean air sin atharrachadh gu tur.

Taghadh

Bheir poileataigs na co-bhanntachd buaidh air cùisean mu thuath.

Tillidh buill-pàrlamaid na h-Alba do Holyrood airson iomairt an taghaidh Albannaich a chur air cois gu ceart.

Tha an SNP a' sabaid airson dàrna theirmÌýmar riaghaltas fhaighinn agus tha na Làbaraich airson a' chùis a dhèanamh orra agus Iain Gray a chur gu Taigh a' Bhòid.

Airson pàrtaidhean co-bhanntachd Westminster 's e bliadhna mhòr a tha innte cuideachd.

Tha na Tòraidhean airson cur ris na tha aca de sheataichean. Tha na Lib Deamaich draghal gun tèid am peanasachadh ri linn aonta aca leis na Tòraidhean.

Ma thèid, 's i a' cheist càite an tèid a' bhòt aca. Dh'fhaoidhte gum bi toradh an taghaidh air fad an crochadh air an fhreagairtÌýdon cheist sin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.