³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach na bliadhna ùir

Niall O’Gallagher | 2011-01-10, 10:10

Ged a thilleas buill-pàrlamaid do Westminster an-diugh, 's ann air ceann a tuath Shasainn a bhios an aire an t-seacdain-sa.

Bheir am fo-thaghadh ann an Oldham East agus Saddleworth a' chiad chothrom do luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad air riaghaltas na co-bhanntachd.

Bidh buill-pàrlamaid a' sgrùdadh an toraidh cuideachd airson beachd air ceannard ùr nan Làbarach, Ed Miliband.

Chaidh am fo-thaghadh adhbhrachadh as dèidh do chùirt fhaighinn gun do bhriseadh na riaghailteach le ball làbarach na sgìre, Phil Woolas, agus e air breugan innse mun tagraiche Lib Deamach, Elwyn Watkins.

Mar as trice, bhiodh dùil gum biodh na Lib Deamaich a' coisinn na sgìre.

Ach tha a' cho-bhanntachd leis na Tòraidhean air sin atharrachadh gu tur.

Taghadh

Bheir poileataigs na co-bhanntachd buaidh air cùisean mu thuath.

Tillidh buill-pàrlamaid na h-Alba do Holyrood airson iomairt an taghaidh Albannaich a chur air cois gu ceart.

Tha an SNP a' sabaid airson dàrna theirm mar riaghaltas fhaighinn agus tha na Làbaraich airson a' chùis a dhèanamh orra agus Iain Gray a chur gu Taigh a' Bhòid.

Airson pàrtaidhean co-bhanntachd Westminster 's e bliadhna mhòr a tha innte cuideachd.

Tha na Tòraidhean airson cur ris na tha aca de sheataichean. Tha na Lib Deamaich draghal gun tèid am peanasachadh ri linn aonta aca leis na Tòraidhean.

Ma thèid, 's i a' cheist càite an tèid a' bhòt aca. Dh'fhaoidhte gum bi toradh an taghaidh air fad an crochadh air an fhreagairt don cheist sin.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 20:31 Air 2011-01-10, Sgrìobh ³Ò°ùྱ²õ²µ:

    Saoil an till am Pàrtaidh Uaine? Cha mhòr nach deach iadsan a shealladh an darna turas ach seo cothrom eile dhuibh nam bheachd-sa.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.