³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ballaichean an teampail

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-01-26, 16:49

Bha fios aig Tommy Sheridan nuair a thill e don Àrd-Chùirt an Glaschu gum biodh e a' dol don phrìosan.

B' i a' cheist dè cho fada.

Bha a' chùirt làn airson a' bhinn a chluinntinn agus chleachd Tommy Sheridan an cothrom airson òraid fhada a ghabhail, ag iarraidh air a' bhreitheamh a' bhinn a lùghdachadh.

Dh'iarr e air a' Mhorair Bracadale smaoineachadh mun bhuaidh a bheireadh binn prìosain air a bhean, Gail, air a phàrantan agus air a nighinn bhig.

Ach thuirt am Morair Bracadale gun tug Tommy Sheridan ballaichean an teampail sìos air a cheann fhèin - agus air cinn a theaghlaich - nuair a chum e a' dol leis a' chùis-lagha aige an aghaidh The News of the World.

Mar sin, thuirt e, cha robh peanas sam bith eile iomachaidh dha ach binn prìosain.

Casg

Chaidh binn trì bliadhna air Tommy Sheridan an-diugh.

Ach chan eil dùil gum fuirich e nas fhaide na 18 mìosan agus dh'fhaodadh e a bhith saor fiù 's nas tràithe.

Thuirt a bhean Gail an-diugh nach b' fhada gus am biodh a duine air ais agus e fiù 's nas treasa na bha roimhe.

An-diugh dhearbh seirbhis fiosrachaidh na pàrlamaid Albannaich nach robh an casg air duine bho sheasamh a-rithist a' toirt buaidh ach air daoine a bha nam ball an-dràsta.

Mar sin dheth, dh'fhaodadh gum bi cothrom aig Tommy Sheridan tilleadh.

Anns an eadar-ama, ge-tà, feumaidh poileataigs na h-Alba fàs cleachdte ri beatha as aonais.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.