³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Am facal mu dheireadh?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-02-07, 15:55

Nuair a chaidh bomaire Locarbaidh a shaoradh ann 2009 bha beachd aig a h-uile duine mu dhèidhinn.

Carson nach biodh? 's i an ionnsaigh ceannairc bu mhiosa air Breatainn a-riamh, anns an do bhàsaich 370 duine.

Ach chum Gòrdan Brown a bheachd am falach agus e ag ràdh gur e cùis do mhinistearan Albannach a bha innte a-mhàin.

Tha dearbhadh againn a-nis ge-tà, gun robh beachd aig Riaghaltas Bhreatainn, fear a bha gu math eadar-dhealaichte bho na dh'fhoillsich an càirdean Làbarach aig Holyrood.

´¡-°ùè¾±°ù , bha an riaghaltas mu dheireadh airson 's gun dèidheadh Abdelbasset ali Mohmed al-Megrahi a shaoradh.

Ach aig a' cheart àm, ge-tà, fhuair e nach robh fianais gun do dh'iarr Riaghaltas Ghòrdan Brown air an SNP sin a dhèanamh.

Aire

A dh'aindeoin sin, dh'innis Dàibhidh Camshron do Thaigh nan Cumantan gum bu chòir don riaghaltas mu dheireadh bruidhinn a-mach an aghaidh saoradh Mhegrahi.

Agus, thuirt e nach robh an aire air a' cheist as cudromaiche nuair a bha iad a' smaoineachadh air a' chùis seo.

Sin, am bu chòir dhaibh taic a thoirt do shaoradh an aon duine a dhìteadh airson na h-ionnsaigh ann an Locarbaidh?

Tha na pàipearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh a' sealtainn gun robh dragh air Riaghaltas Bhreatainn mu na thacradh nam bàsaicheadh al-Megrahi ann am prìosan Albannach.

Cha robh Dàibhidh Camshron a' stiùireadh an riaghaltais aig an àm seo.

Ach nan robh, am biodh e deònach a chluaisean a dhùnadh ris a' chomhairle sin agus iarraidh air an riaghaltas Albannach Megrahi a chumail an grèim?

Cealgearachd

Thuirt Ailig Salmond gun robh Riaghaltas na h-Alba gu ìre mhath toilichte leis na chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha Mgr Salmond agus an SNP air prìs phoileataigeach a phàigheadh airson saoradh Mhegrahi mar-thà agus chì sinn a dh'aithghearr an toir sin buaidh orra aig an taghadh Albannach.

Ach, an-diugh, chuir e air na Làbaraich ann an Alba gun robh iad ri cealgaireachd air a' chùis.

Thug iad slaic mhòr air an SNP airson saoradh Mhegrahi aig an àm - ach an-diugh thàinig an dearbhadh gun robh Riaghaltas Ghòrdan airson a h-uile càil a dhèanamh cinnteach gun tacradh sin.

Anns an eadar-ama, tha bomaire Locarbaidh fhathast beò ann an Tripoli.

Thuirt am prìomhaire nach biodh rannsachadh ùr an-diugh. Ach cha tig am facal mu dheireadh cho fada a mhaireas Megrahi fhèin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.