³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-05

Abair seachdain

Tha seachdain leithid nach fhaca sinn a-riamh a' tighinn gu crìoch.

An-diugh, tha am prìomhaire, Dàibhidh Camshron, ann an Alba airson coinneimh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond.

Bidh Mgr Camshron an dòchas gun cuidich Rùnaire ùr na h-Alba, an Lib Deamach Danny Alexander, leis an trioblaid Albannach aige.

Nan aonar, chan eil ach aon bhall-pàrlamaid aig na Tòraidhean ann an Alba, ach leis na Lib Deamaich, tha 12.

Bidh Mgr Alexander còmhla ris a' phrìomhaire an-diugh - ach bidh fios aige gu faodadh an càirdeas ùr eadar an dà phàrtaidh cron a dhèanamh air na Lib Deamaich aig an ath- thaghadh.

Chan eil an taghadh sin - don a' phàrlamaid Albannaich - ach bliadhna air falbh.

Làithean duilich

Tha Mgr Camshron ag iarraidh càirdeas ùr eadar Westminster agus Holyrood.

Ach ged a dh'obraichidh Mgr Salmond leis nuair a bhios aonta eatorra, tha làithean duilich roimhe.

Tha Mgr Salmond airson 's gun tèid an dà chuid cumhachd agus airgead a bharrachd a thoirt do Holyrood.

Gluaisidh Mgr Camshron air a' chumhachd - tha e airson na molaidhean a rinn Coinneach Calman a chur an gnìomh - ach tha sabaid air fàire mun airgead.

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun do chuir an easbhaidh sgàil air a h-uile rud.

Ach bidh Mgr Salmond airson gearraidhean à Westminster a chleachdadh airson toirt air daoine bhòtadh airson neo-eisimileach.

Tha mise a-nis a' dol air saor-làithean agus mar sin dheth bidh am blog seo sàmhach fad greis.

Ach airson Dhàibhidh Chamshroin, Nick Clegg agus a h-uile duine ann am poileataigs Bhreatainn, tha an obair dìreach a' tòiseachadh.

Coinneamh a' chaibineit ùir

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-13, 12:09

Beachdan (1)

Sin agaibh e. Tha an caibineat ùr air coinneachadh airson a' chiad ùr - caibineat leithid nach fhaca sinn aig Westminster on dàrna chogadh.

Tha còignear Lib Deamach aig a' bhòrd, nam measg Danny Alexander mar Rùnaire na h-Alba agus Nick Clegg fhèin mar leas-phrìomhaire.

´¡²Ô-»åè, anns na garraidhean aig Àireamh a Deich, nochd Mgr Clegg leis a' phrìomhaire ùr, Dàibhidh Camshron, airson .

Anns an aonta sin, tha rudan airson nan Lib Deamach. Bidh referendum air atharrachadh don t-siostam bhòtaidh, ged nach deidheadh atharrachadh sam bith cho fada agus a tha iad ag ag iarraidh.

Agus tha rudan ann airson nan Tòraidhean - bidh buideat èiginneach agus £6bn de ghearraidhean am bliadhna-sa, ach tha iad air gearradh do chìs an dìleib a chur don dàrna thaobh.

Bha an dà cheannard dòchasach gum maireadh an riaghaltas ùr - ach bidh cuideam air, bho na pàrtaidhean aca fhèin, agus bho thaobh a-muigh.

Sabaid

´¡²Ô-»åè, as dèidh dhaibh bruidhinn air a' fòn anns a' mhadainn.

Anns an litir sin, dh'iarr e air an riaghaltas ùr gun bhuidseat na h-Alba - air an do bhòt Pàrlamaid na h-Alba mar-thà - a ghearradh am bliadhna.

Agus dh'iarr e air Mgr Camshron gun mhaoineachadh na h-Alba atharrachadh gun aonta leis an Riaghaltas Albannach.

Tha Mgr Salmond airson barrachd cumhachd a bhith aig Holyrood air ionmhas agus dh'iarr e air an riaghaltas ùr cumhachdan ùra air an robh aonta a thoirt do Dhùn Èideann.

Mar a chunnaic sin aig Ceistean a' Phrìomh Mhinistear tha an t-sabaid eadar Westminster agus Holyrood air tòiseachadh mar-thà.

Chì sinn dè thachras nuair a thèid Mgr Camshron gu Alba a dh'aithghearr.

Riaghaltas ùr, Caibineat ùr

Tha beagan fiosrachaidh againn a-nis mun chaibineat ùr.

Uile gu lèir, tha sinn a' tuigsinn gum bi còignear Lib Deamach ann an caibineat de 23.

Thèid Ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg,Ìýna leas-phrìomhaire ri taobh Dhàibhidh Chamshroin. Thèid Uilleam Hague gu Oifis nan Cùisean Cèin agus 's e Anndra Lansley Rùnaire ùr na Slàinte.

'S e Seòras Osborne an Seansalar ùr, ach bidh dleastanas air Vince Cable airson nam bancaichean.

Bidh Albannach, Liam Fox, aig Roinn an Dìon agus 's e am ball Lib Deamach airson Inbhir Nis, Danny Alexander a thèid an àite Jim Murphy mar Rùnaire na h-Alba.

Tuilleadh a dh'aithghearr.

Dàibhidh Camshron na phrìomhaire

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-11, 20:47

Beachdan (0)

Le beagan fhaclan taobh a-muigh Àireamh a Deich thòisich am prìomhaire ùr an dreuchd aige.

Rinn Dàibhidh Camshron luaidh air an t-seann phrìomhaire agus thuirt e gun robh e airson co-bhanntachd làn a chruthachadh leis na Lib Deamaich.

Tha duil ri barrachd naidheachd mu dheidhinn sinn ro dheireadh na h-oidhche.

Ach dìreach dà uair on a dh'fhàg Gòrdon Brown, chaidh Mgr Camshron tron doras dhubh le bhean, Samantha, agus bha riaghaltas ùr againn.

Anns na làithean a tha romhainn ionnsaichidh sinn tuilleadh mun riaghaltas ùr agus na tha roimhe.

Ach 's e oidhche eachdraidheil a tha againn a-nochd.

Eachdraidh

Airson a' chiad uair o 1979, tha prìomhaire Tòraidheach ann an Àireamh a Deich.

Agus as dèidh 13 bliadhna ann an cumhachd bidh aig buill-pàrlamaid Làbarach ri suidhe air na beingean dùbhlanach.

Ceud bliadhna on a chaidh an riaghaltas Libearalach mu dheireadh a thaghadh, fo cheannas H.H. Asquith,Ìý's choltach gum bi Lib Deamaich aig bòrd a' chaibineit.

Chì sinn dè a' bhuaidh a bheir sin air na Lib Deamaich aig an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Bidh Ailig Salmond agus an SNP an dòchas gun toir barrachd Albannach taic do neo-eisimileachd agus riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.

Chrìoch linn ann an eachdraidh Bhreatainn a-nochd - agus tha te eile a-nis a' tòiseachadh.

Soraidh Slàn, Gòrdon Brown

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-11, 20:29

Beachdan (0)

Le bhean, Sarah, còmhla ris, thàinig Gòrdon Brown tron doras dhubh aig Àireamh a Deich airson an turais mu dheiredh airson soraidh slàn a ràdh don dùthaich.

Chan eil fhios againn fhathast am bi na Tòraidhean a' cruthachadh riaghaltas gun mhòr, no am bi co-bhanntachd leis na Lib Deamaich.

An-dràsta, tha na sgiopaidhean Tòraidheach agus Lib Deamaich a' coinneachadh ris na pàrtaidhean aca anns na Cumantan - tha Dàibhidh Camshron dìreach air luchairt Bhuckingham fhàgail far an robh esan a' coinneachadh ris a' Bhanrigh.

A dh'aithghearr, cluinnidh sin bhon phrìomhaire ùr.

Ach, as dèidh còig là, tha fios agam cò e.

Tuilleadh a dh'aithghearr.

Faisg air riaghaltas ùr...

Tha sinn nas fhaisge air riaghaltas ùr, agus tha a h-uile coltas gur e riaghaltas Tòraidheach a bhios ann.

Cha chinnteach am bi na Tòraidhean a' cruthachadh riaghaltas gun mhòr-chuid no am bi co-bhanntachd leis na Lib Deamaich.

Ach, 's coltach a-nis gur e Dàibhidh Camshron a bhios na phrìomhaire ùr, agus gu faodadh e bhith ann an Àireamh a Deich cho tràth ri a-màireach.

Tha sinn a' feitheamh airson naidheachdan bho dh'Oifis a' Chaibineit far a bheil na còmharraidhean fhathast a' leanntainn eadar na Tòraidhean agus na Lib Deamaich.

Ach tha na Làbaraich air aideachadh a-nis gu bheil na còmharraidhean acasan leis na Lib Deamaich agus nach faigh iad buannachd asta.

Tha cùisean a' gluasad air adhart gu luath - thoiribh sùil air An Là aig 8f.

An naidheachd as ùir...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-11, 13:36

Beachdan (0)

Tha mi dìreach air cluinntinn gu bheil Uilleam Hague a' dol air ais do dh'Oifis a' Chaibineit airson tuilleadh chòmharraidhean leis na Lib Deamaich.

Chrìochnaich còmharraidhean eadar na Lib Deamaich agus na Làbaraich mu uair a thìde air ais - thuirt Ed Milliband gun deach iad gu math, ach cha chuala sinn fhathast an deach adhartas sam bith a dhèanamh.

As dèidh mar a thuirt Gòrdon Brown a-raoir gum fàgadh e a dhreuchd bha cuid dòchasach gun gabhadh aonta a ruighinn eadar na Lib Deamaich agus na Làbaraich.

Ach tha sin fhathast a' coimhead duilich.

An toiseach, cha bhiodh buill-pàrlamaid gu leòr eadar an dà phàrtaidh airson mòr-chuid a bhith aca.

Agus, as dèidh do Ghòrdon Brown Àireamh a Deich fhàgail bhiodh prìomhaire eile againn nach deach a thaghadh ach le muinntir na sgìre aige (no aice) fhèin.

Cleachdadh àbhaisteach

Chan e rud ùr a tha sin idir - fon t-siostam a tha againn aig Westminster, 's i a' phàrlamaid a thèid a thaghadh leis a' mhòr-shluagh - 's i a' phàrlamaid a thaghas am prìomhaire.

(Gu h-oifigeal thèid am prìomhaire a thaghadh leis a' bhànrigh, ach 's e an cleachdadh àbhaisteach gun tagh i an duine aig a bheil earbsa Thaigh nan Cumantan).

Tha Aonghas Robasdan bhon SNP ag ràdh gu bheil am pàrtaidh aigesan deònach pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd airson an Tòraidhean a chumail a-mach.

Ach gu poileataigeach, dh'fhaodadh sin a bhith doirbh do Mhgr Clegg - agus tha feadhainn anns a' phàrtaidh Làbaraich gu tur na h-aghaidh cuideachd.

A-raoir thuirt Tom Harris, am ball Làbarach airson Ghlaschu a Deas nach robh e airson co-bhanntachd leis na Lib Deamaich.

Agus, thuirt e, nach biodh e idir deònach suidhe còmhla ris an SNP.

Roghainnean duilich

Tha beachd ann, ge-tà, gum bi aig na pàrtaidh ri aonta air choireigin a ruighinn a dh'aithghearr.

Tha eagal air cuid gum fàs na margaidhean frionasach anns na làithean a tha romhainn mar bhios sinn fhathast gun riaghaltas.

Tha roghainnean duilich ro na pàrtaidhean uile - ach tha an roghainn as duilghe ro Mhgr Clegg.

Tha mi cinnteach gum bi barrachd naidheachd agam dhuibh tron fheasgar.

Leigidh Gòrdon Brown a dhreuchd seachad

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-10, 17:29

Beachdan (0)

Dìreach air ais aig Millbank as dèidh dhomh innse do luchd-èisteachd Radio nan Gaidheal gun leig Gòrdon Brown a dhreuchd seachad.

Chuala sinn dìreach ro 1700 gum biodh Mgr Brown a' bruidhinn agus beagan mhionaidean as dèidh sin, thuirt e gum fàgadh e.

Tha tòrr dhaoine - feadhainn dhiubh anns a' phàrtaidh aige fhèin - air a bhith feuchainn ri a thoirt far a dhreuchd cha mhòr o chaidh e na phrìomhaire ann an 2007.

Aig a' cheann thall ge-tà, b' e bhòt a' mhòr-shluaigh a thug air Mgr Brown a dhreuchd fhàgail.

Sin agus fios bho na Lib Deamaich gun robh iad fhathast ag iarraidh soilleireachadh bho na Tòraidhean mus tigeadh iad gu aonta leothasan.

Thuirt Mgr Brown gun do dh'iarr na Lib Deamaich còmharraidhean foirmeal leis na Làbaraich agus gun seasadh e sìos airson na còmharraidhean sin a chuideachadh.

°äò³¾³ó²¹°ù°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

Anns an eadar-ama, tha Gòrdon Brown a' fuireach mar phrìomhaire, ach thuirt e nach biodh e a' fuireach na b' fhaide na bha a dhìth.

Cha shoilleir fhathast dè cho fada a bhios e ann ach tha dùil gum fàg e ro cho-labhairt a' phàrtaidh as t-fhoghar.

Tòisichidh còmharraidhean foirmeal eadar na Làbaraich agus na Lib Deamaich a dh'aithgheàrr - leanaidh na còmharraidhean eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean cuideachd.

A dh'aithgheàrr chì sinn cò na daoine a chuireas iad fhèin air adhart gus dol an àite Mhgr Brown mar cheannard nan Làbarach.

A-nis tha roghainn fìor dhuilich ro Nick Clegg.

Tuilleadh air An Là aig 8f.

Diluain, agus fhathast gun riaghaltas ùr

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-10, 13:18

Beachdan (0)

Ceithir là on taghadh, tha sinn fhathast gun riaghaltas ùr.

Tha Gòrdon Brown fhathast aig Àireamh a Deich, a' feitheamh airson toradh nan còmharraidhean eadar na Tòraidhean agus Lib Deamaich.

Mar a gheall e ron taghadh, thug Nick Clegg a' chiad chothrom do Dhàibhidh Camshron riaghaltas a chruthachadh, leis gum b' esan an duine leis an àireamh a bu mhotha de bhòtaichean agus seataichean.

Mar a thachair ann an 1974, tha an dà phàrtaidh air a bhith glacte ann an còmhraidhean a' feuchainn ri aonta a ruighinn.

An uair sin, dh'fhailig orra sin a dhèanamh air sgàth sgaradh bheachdan air an t-siostam bhòtaidh.

Is coltach gur i sin an trioblaid as motha an turas seo cuideachd.

Siostam bhòtaidh

Tha atharrachadh don t-siostam bhòtaidh air leth cudromach do na Lib Deamaich. Aig an taghadh seo, fhuair am pàrtaidh 23% de na bhòtaichean ach dìreach 9% de na seataichean.

Am beachd tòrr dhaoine anns a' phàrtaidh cha bu chòir dhaibh taic a thoirt do phàrtaidh sam bith as aonais gealltanais air atharrachadh don t-siostam bhòtaidh.

Ach, tha na Tòraidhean gu tur na aghaidh - 's e an dragh a tha orra nach b' urrainn dhaibh riaghaladh nan aonar tuilleadh nan robh siostam PR againn airson thaghaidhean do Thaigh nan Cumantan.

As dèidh chòmharraidhean a bharrachd anns a' mhadainn, coinnichidh Mgr Camshron ris a' chaibineat dhùbhlain feasgar, agus bruidhnidh Mgr Clegg ri buill-pàrlamaid a' phàrtaidh aigesan.

Fiù 's nan deidheadh aca air aonta a ruighinn eatorra fhèin, bu dhuilich dhaibh na pàrtaidhean aca a thoirt leotha.

Agus, as dèidh briseadh dùil don dithis aca diardaoin, tha iad nas laige na bha iad roimhe.

²Ñò°ù-³¦³ó³Ü¾±»å

Anns an eadar-ama, tha Gòrdon Brown a' feitheamh gus am faic e dè thacras.

Thuirt Mgr Brown gum biodh e deònach referendum air PR a thoirt do na Lib Deamaich nan deidheadh iad còmhla ris na Làbaraich.

Tha co-dhiù dà thrioblaid ann an ge-tà - an toiseach cha bhiodh mòr-chuid aca, agus bhiodh taic a dhìth orra, can, bhon SNP, a tha air a ràdh gum biodh iad deònach sin a dhèanamh.

Agus, tha cuid a-measg nan Lib Deamach den bheachd nach b' urrainn dhaibh taic a thoirt do Ghòrdon Brown mar phrìomhaire - tha an uallach a' fàs air Mgr Brown cantainn gum biodh e deònach a dhreuchd a leigeal seachad.

Air an là seo ann an 1940, chaidh Winston Churchill na phrìomhaire ann an riaghaltas co-bhanntachd.

'S dòcha gun tachair sin a-rithist ro dheireadh na h-oidhche a-nochd.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.