³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An naidheachd as ùir...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-11, 13:36

Tha mi dìreach air cluinntinn gu bheil Uilleam Hague a' dol air ais do dh'Oifis a' Chaibineit airson tuilleadh chòmharraidhean leis na Lib Deamaich.

Chrìochnaich còmharraidhean eadar na Lib Deamaich agus na Làbaraich mu uair a thìde air ais - thuirt Ed Milliband gun deach iad gu math, ach cha chuala sinn fhathast an deach adhartas sam bith a dhèanamh.

As dèidh mar a thuirt Gòrdon Brown a-raoir gum fàgadh e a dhreuchd bha cuid dòchasach gun gabhadh aonta a ruighinn eadar na Lib Deamaich agus na Làbaraich.

Ach tha sin fhathast a' coimhead duilich.

An toiseach, cha bhiodh buill-pàrlamaid gu leòr eadar an dà phàrtaidh airson mòr-chuid a bhith aca.

Agus, as dèidh do Ghòrdon Brown Àireamh a Deich fhàgail bhiodh prìomhaire eile againn nach deach a thaghadh ach le muinntir na sgìre aige (no aice) fhèin.

Cleachdadh àbhaisteach

Chan e rud ùr a tha sin idir - fon t-siostam a tha againn aig Westminster, 's i a' phàrlamaid a thèid a thaghadh leis a' mhòr-shluagh - 's i a' phàrlamaid a thaghas am prìomhaire.

(Gu h-oifigeal thèid am prìomhaire a thaghadh leis a' bhànrigh, ach 's e an cleachdadh àbhaisteach gun tagh i an duine aig a bheil earbsa Thaigh nan Cumantan).

Tha Aonghas Robasdan bhon SNP ag ràdh gu bheil am pàrtaidh aigesan deònach pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd airson an Tòraidhean a chumail a-mach.

Ach gu poileataigeach, dh'fhaodadh sin a bhith doirbh do Mhgr Clegg - agus tha feadhainn anns a' phàrtaidh Làbaraich gu tur na h-aghaidh cuideachd.

A-raoir thuirt Tom Harris, am ball Làbarach airson Ghlaschu a Deas nach robh e airson co-bhanntachd leis na Lib Deamaich.

Agus, thuirt e, nach biodh e idir deònach suidhe còmhla ris an SNP.

Roghainnean duilich

Tha beachd ann, ge-tà, gum bi aig na pàrtaidh ri aonta air choireigin a ruighinn a dh'aithghearr.

Tha eagal air cuid gum fàs na margaidhean frionasach anns na làithean a tha romhainn mar bhios sinn fhathast gun riaghaltas.

Tha roghainnean duilich ro na pàrtaidhean uile - ach tha an roghainn as duilghe ro Mhgr Clegg.

Tha mi cinnteach gum bi barrachd naidheachd agam dhuibh tron fheasgar.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.