³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Leigidh Gòrdon Brown a dhreuchd seachad

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-10, 17:29

Dìreach air ais aig Millbank as dèidh dhomh innse do luchd-èisteachd Radio nan Gaidheal gun leig Gòrdon Brown a dhreuchd seachad.

Chuala sinn dìreach ro 1700 gum biodh Mgr Brown a' bruidhinn agus beagan mhionaidean as dèidh sin, thuirt e gum fàgadh e.

Tha tòrr dhaoine - feadhainn dhiubh anns a' phàrtaidh aige fhèin - air a bhith feuchainn ri a thoirt far a dhreuchd cha mhòr o chaidh e na phrìomhaire ann an 2007.

Aig a' cheann thall ge-tà, b' e bhòt a' mhòr-shluaigh a thug air Mgr Brown a dhreuchd fhàgail.

Sin agus fios bho na Lib Deamaich gun robh iad fhathast ag iarraidh soilleireachadh bho na Tòraidhean mus tigeadh iad gu aonta leothasan.

Thuirt Mgr Brown gun do dh'iarr na Lib Deamaich còmharraidhean foirmeal leis na Làbaraich agus gun seasadh e sìos airson na còmharraidhean sin a chuideachadh.

°äò³¾³ó²¹°ù°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

Anns an eadar-ama, tha Gòrdon Brown a' fuireach mar phrìomhaire, ach thuirt e nach biodh e a' fuireach na b' fhaide na bha a dhìth.

Cha shoilleir fhathast dè cho fada a bhios e ann ach tha dùil gum fàg e ro cho-labhairt a' phàrtaidh as t-fhoghar.

Tòisichidh còmharraidhean foirmeal eadar na Làbaraich agus na Lib Deamaich a dh'aithgheàrr - leanaidh na còmharraidhean eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean cuideachd.

A dh'aithgheàrr chì sinn cò na daoine a chuireas iad fhèin air adhart gus dol an àite Mhgr Brown mar cheannard nan Làbarach.

A-nis tha roghainn fìor dhuilich ro Nick Clegg.

Tuilleadh air An Là aig 8f.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.