³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Atharrachadh beachd air Stuart MacLennan

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-09, 14:27

Ìý

labour0904.jpg

Tha sinn air tòrr a chluinntinn mun bhuaidh a bheireadh Twitter air iomairt an taghaidh.

An-diugh, thug e fìor bhuaidh oirre.

Anns a' mhadainn, chaidh aithris gun robh tagraiche nan Làbarach ann am Moireabh air slaic a thoirt air luchd-poileataigs agus daoine eile tron chùnntas Twitter aige.

Cha gabh tòrr de na thuirt e ath-aithris an seo, ach bha e làn fhaclan le ceithir litrichean agus rudan eile nach gabhadh a chur an clò.

Anns a' mhadainn, ge-tà, chuir am pàrtaidh taic ri Stuart MacLennan.

Sin a dh'aindeoin gairm bho phàrtaidhean eile a chur far a dhreuchd.

Dà each

Bha mise ann an Sruighlea anns a' mhadainn, far an robh Iain Gray agus Jim Murphy a' foillseachadh sanas ùr a' phàrtaidh Làbaraich.

Anns an t-sanas - a rinn iomradh air a' Ghrand National a-màireach - bha dà each, agus na Làbaraich ag ràdh nach robh ach dà phàrtaidh a bha cudromach aig an taghadh seo.

Dh'fhaighnich mi do Mhgr Murphy an robh iomairt nan Làbarach anns an Ear Thuath air tuiteam aig a' chiad fheansa.

Thuirt e nach robh, agus gum biodh Mgr MacLennan a' fuireach mar thagraiche.

Nuair a fhuair mi air ais gu oifis a' BhBC ann an Glaschu, bha e air falbh.

Dè bha air atharrachadh anns an uair gu leth sin?

Cron

Fhuair mi grèim air Mgr Murphy a-rithist as dèidh dha bruidhinn mun chùis ri Sianal Naidheachd a' BhBC.

Thuirt e nach robh fios aige nuair a bhruidhinn e riumsa ann an Sruighlea mu gach rud a thuirt Mgr MacLennan.

Cho luath agus a dh'ionnsaich, b' fheudar dha falbh.

Tha na Tòraidhean, an SNP agus na Lib Deamaich air a' phàrtaidh Làbarach a chàineadh airson seo, ag ràdh gu bheil e air cron a dhèanamh air iomairt a' phàrtaidh ann an Alba.

ThaÌýluchd-poileataigs air a bhith a' feuchainn ri Twitter agus a leithid a chleachdadhÌýairson an teachdaireachd acasan a sgaoileadh, ach 's urrainn dha cron a dhèanamh orra cuideachd - bidh iad nas faiceallaiche as dèidh seo.

(Mothaichidh cuid gu bheil ceangal don chùnntas TwitterÌýfhìn a-nis air prìomh dhuilleag a' bhloig).

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.