³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Sgaradh air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-04-08, 17:44

Aig an ìre-sa, 's e ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô prìomh chuspair an taghaidh.

Agus tha sgaradh soileir air nochdadh eadar an diofar phàrtaidhean air a' chùis.

Thug na Làbaraich ionnsaigh air planaichean nan Tòraidhean cur às do chuid den àrdachadh anns an àrachas nàiseanta ris a tha dùil airson na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Gòrdon Brown, Alistair Darling agus am Morair Mandelson nach b' urrainn do na Tòraidhean pàigheadh airson a' phoileasaidh.

Ach an-diugh fhuair na Tòraidhean taic bho 13 ceannardan gnìomhachais a bharrachd.

Bha iad air an dòigh.

Sporanan

Tha na Tòraidhean an dòchas gum faigh iad bhòtaichean mar thoradh air a' pholasaidh aca air an àrachas nàiseanta.

Gu sìmplidh, tha iad a' tomhas gum bhòt daoine leis na sporanan aca, agus nach bhòt iad airson chìsean nas àirde.

Ach an-diugh, agus e a' cur iomairt Albannach nan Lib Deamach ann an Glaschu, dh'fhàg Nick Clegg air na Tòraidhean gum biodh aca ri VAT a chur suas gus pàigheadh airson a' pholasaidh aca air an àrachas nàiseanta.

A-rèir Mhgr Clegg, dh'fhàgadh seo gum pàigheadh daoine £389 a bharrachd gach bliadhna airson a' bheàrn a lìonadh.

Air a' chùis seo, tha an SNP còmhla ris na Tòraidhean, ged a bha iad faicealach an dà phàrtaidh as motha a chàineadh airson na gearraidhean - thuirt na nàiseantaich - a bheireadh iad far buidseat na h-Alba.

Leis gun tèid an t-àrachas nàiseanta a phàigheadh le luchd-fastaidh a bharrachd air luchd-obrach, thuirt Coinneach MacAsgail bhon SNP gum biodh an t-àrdachadh a' cosg £10m do sheirbhisean poilis agus seirbhisean smàlaidh ann an Alba.

Sgaraidhean

'S dòcha nach eile daoine airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a bharrachd a phàigheadh.

Chan eil sin a' ciallachadh gum bhòt iad an aghaidh an àrdachaidh, ge-tà.

'S i a' cheist a bheil daoine a' creidsinn gun gabh àrdachadh chìsean a sheachnadh, no a bheil iad a' tomhas gum biodh aig pàrtaidh sam bith ri ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chur an àirde?

Chan eil sin ri ràdh gur e àrdachadh anns an àrachas nàiseanta an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh.

Aig deireadh an treas là, tha sgaraidhean eadar na pàrtaidhean a' fàs nas follaisiche.

Is coltach gun lean an deasbad seo fad greis eile fhathast.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.