³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Manifesto nan Làbarach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-12, 18:39

Dh'fhoillsich na Làbaraich am manifesto Albannach aca an-diugh.

Gheibh sinn manifestothan bho na pàrtaidhean eile anns na beagan làithean a tha romhainn.

Tha feadhainn gu math amharasach mu mhanisfestothan, agus iad teagmhach gun tèid na gealltanasan a tha nam broinn a cholionadh

Ach tha iad cudromach - 's e cumhnantan a tha annta eadar pàrtaidh agus an luchd-bhòtaidh.

Tha e nas duilghe do na dùbhlanaich -Ìýno cul-bheingearan pàrtaidh an riaghaltais fhèin -seasamh an aghaidh rudeigin a bha ann am manifesto a fhuair taic bhon mhòr-shluagh.

Mar sin, dè tha ann am manifesto nan Làbarach?

Taghadh Albannach

Is urrainn do dhaoine a tha airson a sgrùdadh gu mionaideach .

Ach mhothaich mì fhìn do rud no dhà mar-thà.

An toiseach, tha am manifesto a' dèiligeadh ri rudan a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba, a bharrachd air na rudan a tha glèidhte do Westminster.

Tha na Làbaraich ag ràdh gum feuch iad ris a' phrogram aca gu lèir a chur an gnìomh - pàirt dheÌýmar riaghaltas mu dheas, agus pàirt eile mar dhùbhlanaich mu thuath.

Chan urrainn do thagraichean cuspairean mar shlàinte agus foghlaim a sheachnadh, agus mar sin dheth tha seo a' dèanamh ciall.

Ach tha e follaiseach cuideachd gu bheil aon shùil aig na Làbaraich air an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

SporanÌý

'S e an rud eile a bhuaileas ormsa gu bheil na Làbaraich a' feuchainn ri gealltanasan mòra a sheachnadh, gu h-àraid gealltanasan a tha cosgail.

Tha seo furasta a thuigsinn - an toiseach, chan eil tòrr anns an sporan.

Ach, aig a' cheart àm, tha iad a' tomhas nach biodh an luchd-bhòtaidh gan creidsinn co-dhiù.

Tha e soilleir mar-thàÌýgum biÌýearbsaÌýaig cridhe an taghaidh seo.

Tha sgainneal nan cosgaisean a' fàgail gu bheil earbsa ann an luchd-poileataigs fiù 's nas ìsle na bha i roimhe.

'S e amas manisfesto nan Làbarach toirt air an luchd-bhòtaidh creidsinnÌýgun gabh earbsa a chur anntasan airson ceithir no còig bliadhna eile.

Saol an soirbhich leotha?

Barrachd air na pàrtaidhean eile tron t-seachdainn.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.