³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Manifesto...na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-13, 12:33

Dh'fhoillsich na Tòraidhean manifesto a' phàrtaidh na bu tràithe - sgrìobhaidh mi barrachd mu dheidhinn nuair a thèid an dreach Albannach fhoillseachadh an ath-seachdainn.

Anns an eadar-ama, chaidh manifesto eile fhoillseachadh an-diugh.

Coltach ris an fheadhainn eile a chì sinn an t-seachdainn-sa tha e a' cur adhart amasan airson na bliadhnaichean a tha romhainn agus targaidean a ghabhas cleachdadh gus tomhas an deach na h-amasan sin a cholionadh.

Agus - coltach ris an manifestothan eile - tha e faiceallach gun a bhith a' dèanamh ghealltanasan nach gabh a chur an gnìomh, gu h-àraid nuair a tha airgead gann.

'S e ainm a' mhanifesto seo Ginealeach Ùr na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, agus chaidh a chur ri chèile le Bòrd na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ as dèidh iarrtais bho Riaghaltas na h-Alba.

'S e amas a' phlana "àireamh luchd-labhairt na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a mheudachadh" - saoil an obair e?

Còig Rudan

Tha am plana - - a' toirt sùil air còig rudan gu sònraichte:

'S iad taic do phàrantan, adhartachadh na cànain, ionnsachadh inbheach, foghlam do chloinn fo aois sgoile, agus foghlam do chloinn aig aois sgoile.

'S e amas a' Bhuird 100,000 neach-labhairt a ruighinn ro 2025 agus tha am plana gnìomha seo a' foillseachadh slighe don targaid sin.

A-measg na gnìomhan a tha anns a' phlana tha barrachd chothroman do phàrantan a bhith air am bogadh anns a' chànain, agus iomairt nàiseanta airson inbhe na cànain a thogail.

Tha am Bòrd a' moladh tuilleadh airgid airson an dòigh ionnsachaidh Ùlpan a leasachadh, a bharrachd air leasachadh air an làrach-linn chonnspaideach

Cuideachd, tha am plana a' moladh iomairt gus taic a thoirt do chloinn fo aois sgoile ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail, a thuilleadh air barrachd foghlaim tron Ghàidhlig airson choinn nas sine.

Deasbad

Mar a bhiodh dùil. chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air a' plana.

Ach an-diugh, dh'iarr Ministear na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Fiona Hyslop air a' bhòrd aire shònraichte a thoirt air dìreach trì rudan - foghlam do chloinn fo aois sgoile, ionnsachadh inbheach, agus foghlam tro meadhan na Ghàidhlig.

Am beachd an riaghaltais 's iad na rudan as cudromaiche airson àireamh luchd-labhairt na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail.

Ach dè ur beachdan fhèin?

Bidh cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba a' chùis a dheasbad diardaoin.

Anns an eadar-ama, carson nach cleachd sinn am blog seo airson deasbad a chumail? Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.