³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An duine a tha airson a bhith na phrìomhaire

'S e trioblaid a tha ann an Alba do Dhàibhidh Camshron.

Tha Ceannard nan Tòraidhean airson a bhith na phrìomhaire as dèidh an taghaidh.

Ach fiù 's ma gheibh na Tòraidhean mòr-chuid, bidh e fìor dhuilich dhaibh barrachd na àireamh bheag de bhuill fhaighinn ann an Alba.

An-dràsta 's e Dàibhidh Mundell an aon bhall Albannach a tha aig na Tòraidhean anns na Cumantan.

Tha fios air Mgr Camshron, mar sin, gu faodadh e a bhith na phrìomhaire gun ach beagan bhall an Alba.

Agus gum biodh aige ri dèiligeadh ri riaghaltas nàiseantach ann an Dùn Èideann.

Urram

Anns an òraid aige an-diugh do cho-labhairt Albannach nan Tòraidhean ann am Peairt, bha teachdaireachd don Phrìomh Mhinistear.

Tha Mgr Salmond an dòchas gum bi muinntir na h-Alba nas coltaiche taic a thoirt don SNP - agus do neo-eisimileachd - ma bhios riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.

Tha Mgr Camshron eòlach air seo agus mar neach-taic an aonaidh, tha e airson sabaid eadar Lunainn agus Dùn Èideann a sheachnadh.

An-diugh, thuirt Mgr Camshron uair eile gun dèiligeadh e ri Alba le urram nam faigheadh e na h-iuchraichean do dh'Àireamh a Deich.

Chàin e mar nach do choinnich Gòrdon Brown ri Ailig Salmond fad bliadhna nuair a chaidh ceannard an SNP a thagadh mar Phrìomh Mhinistear.

Thuirt e gun tigeadh e do dh'Alba airson coinneachadh ris a' Phrìomh Mhinistear cho luath 's a dheidheadh a thaghadh.

Barrachd cumhachd

Gheall Mgr Camshron gun gluaiseadh na Tòraidhean air adhart le cumhachdan a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba.

Tha am pàrtaidh a bha an aghaidh fèin-riaghlaidh a-nis ag ràdh gur iad am pàrtaidh airson fèin-riaghalaidh.

Dh'fhoillsicheadh iad pàipear geal stèidhichte air molaidhean Choimisean Chalmain.

Chan eil cinnt gun gabhadh na Tòraidhean ri gach moladh a thug an coimisean seachad - air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô mar eisimpleir.

Ach tha na Tòraidhean a-nis a' dol gu iomairt an taghaidh ag iarraidh barrachd chumhachdan do Holyrood.

Tha cùisean air atharrachadh gu mòr on a bha an riaghaltas Tòraidheach mu dheireadh ann am Westminster.

Atharrachadh

'S e sin an teachdaireachd a tha na Tòraidhean fhèin airson a sgaoileadh don luchd-bhòtaidh.

Tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil iad air atharrachadh as dèidh bhliadhnaichean nuair a bha feadhainn ann an Alba ro dhiuid an t-ainm 'Tòraidh' a thoirt orra fhèin.

Anns an òraid aicese anns a' mhadainn, dh'iarr Annabel Goldie air daoine nach do bhòt air an son roimhe an taic a thoirt do na Tòraidhean an turas-sa.

'S e beachd nan Tòraidhean gun do sheall am pàrtaidh aig Holyrood gur urrainn dhaibh buaidh a thoirt air polasaidhean riaghaltas na h-Alba

Tha iad airson sealltainn gu bheil am pàrtaidh air ais ann an Alba airson nan taghaidhean ann am Westminster.

Leis na cunntasan-bhachd a' teannachadh, dh'fhaoidte gum biodh buill Albananch glè chudromach dhaibh

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.