³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

A' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-18, 19:02

Tha an dà phàrlamaid - agus am blog seo - nam fosadh.

Ach shaol mi gum bu chòir dhomh beagan a sgrìobhadh mun òraid a bheir Gòrdon Brown seachad ann an Conventry Disathairne.

Tha sinn a' tuigsinn gum foillsich am Orìomhaire na ceithir cuspairean a bhios aig cridhe iomairt a' phàrtaidh Làbaraich san taghadh choitcheann.

'S iad:

  1. dèanamh cinnteach gun lean am feabhas anns an eaconomaidh
  2. dìon sheirbheisean bunaiteach
  3. toirt taic don mhòr-chuid
  4. dìon chosnaidhean anns an àm ri teachd.

Iomairt

Bidh na roinneagan mòra bhon phàrtaidh an làthair; Alistair Darling, Peter Mandleson agus Alan Johnson nam measg.

Chan eil dùil gun tèid là an taghaidh fhoillseachadh, ach tha e soillear gu bheil Mgr Brown a' cur iomairt nan Làbarach air cois.

Dè seòrsa iomairt a bhios innte ge-tà?

Shaoladh sibh gum biodh gach pàrtaidh a' bruidhinn mun eaconomaidh, seirbheisean agus cosnaidhean.

Ach thoiribh sùil air an treas chuspair.

Ma tha na Làbaraich a' toirt taic don mhòr-chuid dè tha iad ag innse dhuinn mu na Tòraidhean?

Cogadh nan Clasaichean

Tha Mgr Brown air dualchas Dhàibhidh Chamshron a chleachdadh na aghaidh roimhe.

Thuirt e gun deach polasaidhean a' phàrtaidh aige a chruthachadh air roinnean-cluiche Eton.

A bheil na Làbaraich airson 's gur e cogadh nan clasaichean a bhios ann an iomairt an taghaidh?

Cha do dh'obraich sin cho math ann am fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich.

Ach dh'fhaoidte gum bi daoine nas deònaiche èisteachd ri seo agus tòrr dhaoine a' fullaing mar thoradh air droch staid na h-eaconomaidh.

Anns an eadar-ama, tha sinn uile dìreach a' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.