˿

Bidh sinn a' cleachdadh tòrr ùٳ nar beatha làitheil. Uaireannan barrachd na dh'fheumas sinn.

Gu dearbh, san Rìoghachd Aonaichte, tha còrr is leth an ùٳ a tha air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh air a chaitheamh fiù 's mus ruig e na dachaighean, na sgoiltean agus na h-àitichean-obrach againn. Tha a' chaitheamh seo a' cosg tòrr airgid agus tha droch bhuaidh aige air an àrainneachd.

San artaigil seo, gheibh thu a-mach mu dheidhinn:

  • Carson a dh'fheumas sinn ùٳ a chaomhnadh
  • Mar a thèid againn air nas lugha de ùٳ a chleachdadh

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Carson a dh'fheumas sinn ùٳ a chaomhnadh?

Tha tòrr dhen ùٳ a bhios sinn a' cleachdadh gach latha a' tighinn bho chonnaidhean-fosail (gual, ola agus gas).

'S e bunan-ùٳ a th' annta seo. Tha losgadh chonnaidhean-fosail a' truailleadh na h-àrainneachd agus faodaidh e ar dèanamh tinn. Bidh e a' leigeil mu sgaoil carbon dà-ogsaid, gas taigh-glainne a tha a' cur ri teasachadh na cruinne agus .

Tha a-nis tòrr a bharrachd bhunan ùٳ ann, mar tuathan-gaoithe agus tuathan-grèine. Tha iad sin uile a' toirt suas rùm, agus feumaidh iad tòrr stòrasan airson an dèanamh. Feumaidh sinn mar sin nas lugha de ùٳ a chleachdadh.

Fìneadair ola ann an Ontario, Canada
Image caption,
Tha connaidhean-fosail air an losgadh airson ùٳ a ghintinn mar dealan airson taighean a theasachadh, cumhachd do chàraichean agus do charbadan eile, agus airson cuideachadh le rudan a dhèanamh ann am factaraidhean. Feumaidh sinn na tha sinn a' cleachdadh de ùٳ a bheagachadh fhad 's a tha sinn fhathast an urra riutha. (Jim West / Alamy Stock Photo)
Back to top

Ciamar a chaomhaineas sinn ùٳ?

Nuair a tha comas againn ùٳ fhaighinn sa bhad, tha e mar dhleastanas oirnn a chleachdadh ann an dòigh chiallach agus gun a chaitheamh. Seo dòigh no dhà air ùٳ a chaomhnadh nar beatha làitheil:

Inbheach agus dithis chloinne a' dol tarsainn an rathaid. Tha sgutair aig an inbheach agus aig aon dhen chloinne
Image caption,
'S e dòigh mhath a th' ann an coiseachd, saidhcleadh no sgutair airson a dhol dhan sgoil an àite càr. (Kathy deWitt / Alamy Stock Photo)

Siubhal agus còmhdhail

Aig ìre chruinneil, tha aiseag dhaoine is bathar ag adhbharachadh trì cairteil dhe na gasaichean cronail a bhios a' milleadh na h-àrainneachd.

Tha turasan goirid gun adhbhar ann an càr a' cur ris a seo. An àite dràibheadh air turas nach toir ach còig mionaidean, dh'fhaodamaid coiseachd. No, ma tha sinn air slighe le còmhdhail phoblach, dh'fhaodamaid bus no ٰè a ghabhail an àite dràibheadh.

Inbheach agus dithis chloinne a' dol tarsainn an rathaid. Tha sgutair aig an inbheach agus aig aon dhen chloinne
Image caption,
'S e dòigh mhath a th' ann an coiseachd, saidhcleadh no sgutair airson a dhol dhan sgoil an àite càr. (Kathy deWitt / Alamy Stock Photo)

Teasachadh

Tha tòrr ùٳ air a chleachdadh a' teasachadh nan taighean againn.

Sa chiad àite dh'fhaodamaid nas lugha de ùٳ a chleachdadh le bhith a' cur oirnn geansaidh agus a' tionndadh an teas sìos beagan.

Faodaidh sinn cuideachd feuchainn gun a bhith a' caitheamh uiread le bhith a' dèanamh cinnteach gun cuir sinn dheth rèididheatoran ann an rumannan nach fheum sinn a theasachadh, no siostam teas a bhith againn a leigeas leinn rumannan àraidh a theasachadh.

Bu chòir na taighean againn a bhith air an ionsulaideadh airson a bhith cinnteach nach bi sinn a' call ùٳ teas. Gheibh a' mhòr-chuid de dhaoine smart meter a-nis agus cuidichidh sin iad a' cumail sgeul air na tha iad a' cleachdadh de ùٳ.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , Ma chleachdas sinn nas lugha de ùٳ san dachaigh, bidh e math dhan àrainneachd agus bidh sinn cuideachd a' caomhnadh airgead. (incamerastock / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha e furasta rudan a chur dheth nuair nach eil feum orra, mar an lampa seo air latha grianach.

A' caomhnadh dealan

Bidh na h-uidheaman agus na h-innealan againn a' cleachdadh tòrr dealain, uaireannan nuair nach eil sinn fiù 's gan cleachdadh. Ma chuireas sinn dheth uidheaman mar telebhisean, spiogairean, consòilean geamannan bhidio agus coimpiutairean nuair nach eil sinn gan cleachdadh, bidh e na chuideachadh a' caomhnadh ùٳ.

Bidh uidheaman sa chidsin mar coireachan, innealan-tioramachaidh, innealan-nigheadaireachd agus innealan-nighe a' cleachdadh tòrr dealain. Faodaidh sinn na tha sinn a' caitheamh de dhealan a bheagachadh le bhith a' dèanamh rudan mar:

  • a' goil dìreach na dh'fheumas sinn de dh'uisge aig aon àm

  • a' crochadh nigheadaireachd a-muigh seach a bhith a' cleachdadh inneal-tioramachaidh no a' cur aodach air rèididheatoran

  • a' nighe aodach aig teòthachd nas ìsle (no dìreach a' pasgadh aodach air falbh mura bheil iad salach no fàileadh dhiubh)

  • a' nighe nan soithichean ann am mìos uisge seach an sinc a lìonadh

  • a' gabhaibh fras ghoirid an àite a dhol dhan amar airson uisge teth a chaomhnadh

  • a' cleachdadh bholgain solais beag-ùٳ LED

Image caption,
Tha e furasta rudan a chur dheth nuair nach eil feum orra, mar an lampa seo air latha grianach.
Image caption,
Bidh smart meters air an cleachdadh ann an taighean dhaoine airson gun cùm iad sùil air na tha iad a' cleachdadh de ùٳ. Innsidh smart meter cuideachd do dhaoine dè na tha iad a' cosg air an ùٳ a tha iad a' cleachdadh. Mar as lugha a chleachdas sinn de ùٳ, 's ann as lugha a bhios againn ri phàigheadh, cha bhi mar sinn cunntasan an taighe againn cho mòr. (Russell Hart / Alamy Stock Photo)
Back to top

Buannachdan caomhnadh ùٳ agus na cunnartan a tha romhainn mura dèan sinn e

<mark>Buannachdan</mark>
  • Tha beagachadh uiread an ùٳ a tha sinn a' cleachdadh math dhan àrainneachd. Le bhith a' beagachadh uiread an ùٳ a tha sinn a' cleachdadh, tha sinn a' cuideachadh le bhith a' lùghdachadh na tha gan cruthachadh de ghasaichean taigh-glainne cronail.

  • Le bhith a' cleachdadh nas lugha de ùٳ, thèid againn cuideachd air nas lugha a phàigheadh air na cunntasan ùٳ againn, a' caomhnadh airgead.

  • Tha e nar comas diofar a dhèanamh. Faodaidh na co-dhùnaidhean againn an àrainneachd a chuideachadh. Tha mòran dhaoine air tòiseachadh a' taghadh dè an seòrsa ùٳ a chleachdas iad agus a' taghadh solaraichean ùٳ a bhios a' cleachdadh stòrasan ath-nuadhachail.

Cunnartan

  • Mar as motha a chleachdas sinn de ùٳ, 's ann as motha a nì sinn cron air an àrainneachd. Mar a bhios uiread nan connaidhean-fosail a thathar a' losgadh a' dol am meud, 's ann as motha a bhios uiread nan gasaichean cronail a bhios ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde.

  • Ma tha gasaichean taigh-glainne a' dol am meud, bidh sin ag adhbharachadh:

    • Teasachadh cruinne – teòthachdan ag èirigh, tuinn-teas agus tart

    • Ìre na mara nas àirde mar a tha na ceapan-deighe pòlarach a' leaghadh

    • Pàtrain sìde mhì-nàdarra air feadh an t-saoghail

    • Barrachd mhòr-thubaistean nàdarra air sgàth atharrachadh san aimsir

  • Bhon a dh'fheumas sinn pàigheadh airson an ùٳ a chleachdas sinn, tha a' chosgais oirnn a' dol am meud mar as motha de ùٳ a chleachdas sinn.

Back to top

connaidhean-fosail – 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan ùٳ neo-ath-nuadhachail. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho lusan agus bho bheathaichean marbh a tha air an dùٳadh fon talamh fad mhilleanan bhliadhnaichean agus a tha, mu dheireadh, a' dol nan connaidhean-fosail.

neo-ath-nuadhachail – Stòrasan nàdarra nach tig air ais nuair a thèid an cleachdadh. Tha uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas uile nan stòrasan neo-ath-nuadhachail.

gasaichean taigh-glainne - Gasaichean san àile a bhios a' glacadh teas. Ged a tha feum orra airson an Talamh a chumail blàth gu leòr airson beatha a bhith air, tha cus dhiubh ann a-nis, agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e gas taigh-glainne a th' ann an carbon dà-ogsaid.

carbon dà-ogsaid - Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Mar eisimpleir, bidh beathaichean (agus daoine) a' tarraing ogsaidean a-steach air an anail agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid, ach bidh lusan an ceart aghaidh sin. Ach tha carbon dà-ogsaid cuideachd air a chruthachadh nuair a tha connaidhean-fosail air an losgadh. Tha seo na dhuilgheadas chionn tha cus dheth anns an àile a-nis. Mar ghas taigh-glainne, 's e carbon dà-ogsaid am prìomh adhbhar airson teasachadh na cruinne agus mar sin airson atharrachadh sa ghnàth-shìde.

teasachadh na cruinne – Canar cuideachd blàthachadh na cruinne ris. Am meudachadh ann an teòthachd cuibheasach na Talmhainn, a' mhòr-chuid dheth air sgàth gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil san àrainneachd nuair a bhios daoine a' losgadh chonnaidhean-fosail.

atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh fad-ùine ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh, agus cuideachd a' bhuaidh aca, mar eisimpleir barrachd tart agus tuiltean.

ùٳ ath-nuadhachail - Seo bun ùٳ nach teirig agus a tha seasmhach. Gabhaidh ùٳ na grèine, na gaoithe agus an uisge a chruinneachadh agus a chleachdadh airson dealan a ghintinn tro iomadh seòrsa teicneòlais mar pannalan grèine, tuirbinean gaoithe agus innealan làin.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

ù

Dèan liosta dhe na dòighean san urrainn dhut ùٳ a chaomhnadh aig an taigh

  • Bruidhinn ri inbheach mu na rudan a dh'fhaodadh sibh a dhèanamh mar theaghlach airson nas lugha de ùٳ a chleachdadh.

  • Ma tha smart meter agaibh aig an taigh, dh'fhaodadh tu a chleachdadh airson uiread an ùٳ a tha sibh a' cleachdadh a chlàradh mus dèan sibh atharrachaidhean agus às dèidh sin, airson gum faic sibh dè na chaomhain sibh de dh'airgead agus de ùٳ.

  • Smaoinich mar a b' urrainn dhut daoine eile nad theaghlach a bhrosnachadh gus ùٳ a chaomhnadh cuideachd.

  • Bruidhinn ris an tidsear agad mu coimhead ri cleachdadh (no caitheamh) ùٳ san sgoil agaibh. An lorg sibh dòighean air na tha air a chleachdadh de ùٳ anns a' chlas no san sgoil gu lèir a bheagachadh?

Back to top

More on Beò ann an dòigh sheasmhach

Find out more by working through a topic