˿

'S e an àrainneachd an t-àite sa bheil sinn a' fuireach.

Tha dleastanas oirnn an aire a thoirt air an dà chuid an àrainneachd ionadail agus an àrainneachd chruinneil – airson an cumail nan àitichean fallain, brèagha dhuinn fhèin agus do dhaoine eile a bhith a' fuireach annta.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Mar as urrainn dhuinn deagh bhuaidh a thoirt air an àrainneachd againn
  • Na buannachdan agus na dùbhlain a tha an cois an aire a thoirt air an àrainneachd

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Ciamar as urrainn deagh bhuaidh a thoirt air an àrainneachd againn?

ù岹, ath-chleachd, ath-chuairtich uiread 's a ghabhas

Tha sgudal na dhuilgheadas mòr. Tha mu 8 millean tunna de phlastaig ga shadail dha na cuantan againn gach bliadhna. Tha seo uabhasach cronail dha na beathaichean a tha a' fuireach a sin.

Bidh mòran dhùthchannan a tha nas beairtiche agus nas leasaichte a' cur an sgudail aca gu dùthchannan nas bochda agus nach eil cho leasaichte airson dèiligeadh ris. Chan eil seo cothromach no seasmhach:

  • Tha e a' cur stad air daoine ann an dùthchannan leasaichte bho bhith a' tuigsinn na tha iad a' dèanamh de sgudal agus bho bhith a' gabhail uallach air a shon.
  • Glè thric, cha tèid aig na dùthchannan dhan tèid an sgudal seo a chur air dèiligeadh ris ceart, agus bidh e a' truailleadh na h-àrainneachd aca no ga shadail dhan mhuir.

Faodaidh sinn gearradh sìos air sgudal agus caitheamh le:

  • smaoineachadh gu math air dè na dh'fheumas sinn
  • ù岹󲹻 na tha sinn a' ceannach no a' cleachdadh de stuthan
  • ath-chleachdadh air rudan a th' againn mar-thà no an toirt do chuideigin eile as urrainn an cleachdadh
  • ath-chuairteachadh air rudan nuair a sinn deiseil leotha
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , ù岹 A bheil thu dha-rìribh a' cur feum air an teicneòlas as ùire no aodach? (RayArt Graphics / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Cuir do sgudal dhan bhiona an-còmhnaidh. Ma tha am biona as fhaisge làn, cùm agad do sgudal gus an lorg thu fear le rùm gu leòr.

Cuir sgudal dhan bhiona san dòigh cheart

Feumar sgudal sam bith nach eilear ag ath-chleachdadh no ag ath-chuairteachadh a chur dhan bhiona san dòigh cheart. Tha fiadh-bheatha na phàirt uabhasach cudromach dhen àrainneachd ionadail againn. Faodaidh sgudal dhaoine cron a dhèanamh air beathaichean agus biastagan le bhith a' milleadh na h-àrainn aca, gan leòn agus gan dèanamh tinn.

Ach rud a tha math 's e nach eil e doirbh dhuinn fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas seo: Cùm agad do sgudal gus an lorg thu biona poblach no thoir leat dhachaigh e. Dh'fhaodadh tu fiù 's a dhol a thogail sgudal còmhla ris an inbheach agad – dìreach bi cinnteach gu bheil thu air do dhìon agus na tog sgath sgudail le do làmhan.

Chan eil sgudal a' coimhead snog nas mò, agus bidh thu mar sin a' cuideachadh gus sgudal a ù岹󲹻 agus bidh an àrainneachd tlachdmhor dhan h-uile duine!

Image caption,
Cuir do sgudal dhan bhiona an-còmhnaidh. Ma tha am biona as fhaisge làn, cùm agad do sgudal gus an lorg thu fear le rùm gu leòr.

Thoir àite-fuirich is biadh dhan fhiadh-bheatha

Bidh fiadh-bheatha gu leòr ann an àrainneachd fhallain!

Tha biastagan, boiteagan agus fiolain eile cudromach chionn bidh iad a' cuideachadh le poileanachadh lusan agus bidh beathaichean nas motha gan ithe. Ma tha biastagan ann an àite, thig eòin agus beathaichean eile cuideachd!

Cuidichidh sinn an fhiadh-bheatha ionadail le bhith a' togail taighean-òsta bhiastagan, pollagan beaga agus biadhairean eòin airson taic a chumail ris na nithean beò san sgìre againn.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , Taigh-òsta bhiastagan Dèan fasgadh sàbhailte do bhiastagan le bhith a' càrnadh suas stuth mar fiodh marbh, rùsg craoibhe, duilleagan tioram agus clachan. Tog e an àiteigin far am faigh e beagan grèine, a bharrachd air beagan dubhair, airson iomadh seòrsa biastag a thàladh. (Andrew Kearton / Alamy Stock Photo)

Image caption,
'S e obair spòrsail, fhoiseil a th' ann an cur. (Bob Daemmrich / Alamy Stock Photo)

Cuir barrachd chraobhan agus lusan (agus fiù 's bàrr a dh'itheas sinn)

Feumaidh sinn craobhan agus lusan airson a bhith beò – bidh iad a' dèanamh ogsaidean, a dh'fheumas sinn airson anail a tharraing. Bidh iad cuideachd a' sùghadh a-steach tòrr carbon dà-ogsaid, a' cur stad air bho bhith a' dol suas a dh'àile na Talmhainn. Le bhith a' dèanamh sin, bidh craobhan agus lusan a' slaodachadh teasachadh na cruinne.

Tha tòrr chraobhan gan leagail air feadh na cruinne. Nì sinn diofar le bhith a' cur chraobhan agus lusan san sgìre ionadail againn. 'S dòcha gun tèid aig an tidsear agaibh air pròiseact clas a chur air dòigh airson seo ma mholas sibh sin. No ma tha gàrradh agaibh, faodaidh sibh craobhan agus lusan a chur. Mura bheil, 's àbhaist pròiseactan ionadail a bhith a' dol anns am faodadh sibh pàirt a ghabhail airson craobhan a chur san sgìre ionadail.

'S dòcha cuideachd gun tèid agaibh air biadh fhàs anns a' ghàrradh agaibh no anns an sgoil. Seo dòigh sheasmhach air biadh fhaighinn gun e bhith air a ghiùlan air soithichean agus làraidhean a bhios a' dèanamh truailleadh.

Image caption,
'S e obair spòrsail, fhoiseil a th' ann an cur. (Bob Daemmrich / Alamy Stock Photo)

Image caption,
'S e dòigh mhath air an àrainneachd a chuideachadh coiseachd, saidhcleadh no sgutair a thoirt leat dhan sgoil. (Kathy deWitt / Alamy Stock Photo)

Coisich, cleachd cuibhlean no còmhdhail phoblach nas trice

Faodaidh tu sgur de thurasan goirid ann an càraichean airson gum bi càileachd na h-èadhair nas fheàrr agus gum bi nas lugha de thruailleadh san àrainneachd ionadail agad. Bidh nas lugha de thurasan ann an càraichean a' ciallachadh nas lugha de dh'eimiseanan carbon. Bidh sin na chuideachadh gu bhith a' ù岹󲹻 atharrachadh na gnàth-shìde agus a' cuideachadh na h-àrainneachd ionadail.

Coisich no cleachd cuibhlean air na turasan sin agus bidh thu cuideachd fiot agus fallain!

Image caption,
'S e dòigh mhath air an àrainneachd a chuideachadh coiseachd, saidhcleadh no sgutair a thoirt leat dhan sgoil. (Kathy deWitt / Alamy Stock Photo)
Back to top

Na buannachdan agus na dùbhlain ann a bhith a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd

Buannachdan

  • Bidh càileachd èadhair nas fheàrr, daoine nas fallaine agus nas lugha de sgudal san àrainneachd ionadail (an sgoil, a' choimhearsnachd agus an dachaigh).

  • Bidh an fhiadh-bheatha san sgìre agad a' dèanamh gu math agus tha sin na chomharra air àite a tha fallain gu nàdarra. Tha seo a' ciallachadh gum faigh sinn air tòrr ionnsachadh mu na diofar sheòrsaichean bheathaichean, bhiastagan agus eòin a tha san aon àite rinn.

  • Bidh a' choimhearsnachd nas càileire airson cluich innte. Tha barrachd chraobhan agus nas lugha de sgudal an-còmhnaidh na rud math!

ù

  • 'S dòcha gun cosg e beagan a bharrachd rudan a cheannach gu h-ionadail le nas lugha de mhìltean ri shiubhal airson biadh agus aodach.

  • Faodaidh e beagan a bharrachd ùine a thoirt an toiseach obrachadh a-mach càit an tèid a h-uile sìon ath-chuairteachadh agus càit an ceannaich sinn rudan a tha nas seasmhaiche.

Ach tha na buannachdan dhan àrainneachd ionadail a' dèanamh suas gu mòr airson nan eas-bhuannachdan sin.

Back to top

àrainneachd ionadail – An sgìre ionadail faisg air do dhachaigh. An t-àite sa bheil thu a' fuireach, a' cluich agus a' dol dhan sgoil.

àrainneachd chruinneil – Planaid na Talmhainn gu lèir, air a dèanamh suas de na h-àrainneachdan ionadail agus nàiseanta againn. 'S e an còrr dhen t-saoghal a th' ann, air falbh bhon sgìre againn fhèin.

àԲԱ𲹲 – Àitichean anns am bi beathaichean a' fuireach. Bheir àrainn fasgadh, biadh agus uisge do bheathach. Tha diofar bheathaichean air feadh an t-saoghail a' fuireach ann an diofar àԲԱ𲹲 mar coilltean, talamh-feòir, fàsaichean agus beanntan.

seasmhach – A' dèanamh rudeigin nach dèan cron, no glè bheag, air an àrainneachd agus a chumas a' dol thar ùine mhòr.

carbon dà-ogsaid – Gas, a tha ri fhaighinn anns a' chruth as cumanta aige, ann an àile na Talmhainn. Gas taigh-glainne a th' ann a dh'fhaodas cron a dhèanamh air an àrainneachd chionn bidh e a' cur ri blàthachadh na cruinne.

atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh fad-ùine ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh, agus cuideachd a' bhuaidh aca, mar eisimpleir barrachd tart agus tuiltean.

eimiseanan carbon dà-ogsaid - Carbon ga sgaoileadh a dh'àile na Talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dèan bileag

Innis do dhaoine eile san sgìre agad mu na buannachdan a tha an cois a bhith a' toirt an aire air an àrainneachd ionadail.

Feuch gun cuir thu ann fiosrachadh air mar a bheir daoine an aire air an àrainneachd agus cuir ann dealbhan a shoilleiricheas am fiosrachadh agad.

A' faireachdainn dèanadach?

Cruthaich fasgadh do bhiastagan no theirig a thogail sgudal.

Cunnt cia mheud biastag a th' ann mus tog thu am fasgadh agus a-rithist an ceann beagan sheachdainean, no clàraich gach seòrsa sgudail a chaidh a thogail agus cuir am fiosrachadh air clàr.

Back to top

More on Beò ann an dòigh sheasmhach

Find out more by working through a topic