˿

Prìomh fhiosrachadh

Bidh cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda na àitichean eile. 'S dòcha gu bheil seo air sgàth 's cò às a tha a' ghaoth a' tighinn, dè cho fada shuas 's a tha iad, agus fiù 's a bheil iad air an dùthaich no ann am baile. Carson a tha na rudan sin a' dèanamh diofar?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Carson a tha barrachd sneachda ann an cuid a dh'àitichean seach àitichean eile
  • Cò às am bi na gaothan fuara san RA a' tighinn
  • Mar a tha à a' toirt buaidh air teòthachd na h-èadhair
  • Dè th' ann an teas bailteil

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a’ bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha barrachd sneachda ann an cuid a dh’àitichean seach àitichean eile.

Carson a bhios cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda?

Àrd na gaoithe

  • 'S e seòrsa de a th' ann an sneachd. Bidh sinn a' faighinn sneachd an àite uisge nuair a tha teòthachd na h-èadhair fo 0°C (ìre an reothaidh).
  • San RA, tha an èadhar fuar gu leòr airson sneachd nuair a tha a' ghaoth a' sèideadh à àitichean fuara mar na sgìrean Artaigeach aig tuath no à Siberia san ear.

À

  • 'S e adhbhar eile a bhios cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd sneachda na àitichean eile. Tha seo air a thomhas ann am meatairean os cionn .

  • Mar as à a thèid thu, 's ann as fhuaire a bhios an èadhar agus bidh thu nas buailtiche sneachd fhaighinn na uisge.

Teas bailteil

  • Tha a bhith ann am baile cuideachd a' toirt buaidh air na thuiteas de shneachd.
  • Tha bailtean trang. Tha na rudan a tha mòran dhaoine a' dèanamh agus an lùth aca, an trafaig agus na togalaichean a' teasachadh na h-èadhair. Faodaidh an teas seo ciallachadh nach bi uiread de shneachd ann. Canar teas bailteil ris a seo.
  • Nuair a tha i fuar sa gheamhradh, tha e nas buailtiche gum bi sneachd air an dùthaich, fada air falbh bho bhailtean mòra, na gum bi e ann am meadhan mòr-bhaile trang.
  • Canar eilean teas bailteil ri baile trang anns a bheil teòthachd nas blàithe na sgìrean mun cuairt.
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Siberia agus an Sgìre Artaigeach ann an Nirribhidh, Àird na gaoithe Cha bhi i fuar gu leòr airson sneachd san RA ach nuair a bhios a’ ghaoth a’ sèideadh bho àitichean uabhasach fuar mar Siberia (air an làimh chlì) no bho na sgìrean Artaigeach (air an làimh dheis).
Back to top

  • sileadh - Uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh gur e uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhios ann an sileadh.
  • sgìrean Artaigeach - An sgìre mu chuairt a' Phòla a Tuath, Muir na h-Artaig agus pàirtean de dh'Alasga.
  • Siberia - Sgìre mhòr ann an ceann an ear na Roinn Eòrpa agus ann an Àisia a Tuath a tha ainmeil airson nan geamhraidhean fada, fada, fuar.
  • à - Cho àrd 's a tha àite. Tha seo air a thomhas ann am meatairean os cionn ìre na mara.
  • ìre na mara - Ìre chuibheasach na mara.
  • teas bailteil - Nuair a tha bailtean agus mòr-bhailtean nas blàithe na an dùthaich mun cuairt air sgàth 's na th' annta de dhaoine, de thrafaig agus de thogalaichean.
  • ùٳ󳦳󲹾 - Sgìre air an dùthaich air falbh bho bhailtean trang.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Sneachd air feadh an t-saoghail

Cliog air a' mhap gu h-ìosal agus faigh a-mach mu shneachd ann an diofar àitichean. An dèan thu a-mach dè dh'fhaodadh buaidh a thoirt air sneachd anns na sgìrean sin?

ù

Rannsaich dè na bhios an sgìre agad a' faighinn de shneachd gach bliadhna.

An obraich thu a-mach dè dh'fhaodadh a bhith a' toirt buaidh air sneachd far a bheil thu a' fuireach. A bheil thu a' fuireach ann an àite àrd no ann am baile trang?

San artaigil seo, fhuair sinn a-mach carson a bhios barrachd sneachda ann an cuid a dh’àitichean seach àitichean eile, ach tha tuilleadh ri ionnsachadh! Faigh a-mach mar a tha diofar sheòrsaichean bhleideagan sneachda air an cruthachadh agus gu math a bharrachd.

Back to top