˿

Prìomh fhiosrachadh

Tha an ٱòٳ󲹳 gu math eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail. Carson a bhios seo a' tachairt?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Na h-àitichean as fhuaire agus as teotha air an t-saoghal
  • Dè th' anns a' Chrios-meadhain agus a' bhuaidh aige air ٱòٳ󲹳
  • Dè th' ann an domhan-leud
  • Mar a tha a bhith faisg air a' mhuir a' toirt buaidh air ٱòٳ󲹳

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha an ٱòٳ󲹳 cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean.

An Crios meadhain a' sgaradh an Talamh ann an dà leth.
Image caption,
'S e loidhne mhac-meanmnail a tha a' dol mun cuairt na Talmhainn a tha sa Chrios-meadhain. Tha i a' comharrachadh na loidhne a tha a' sgaradh na leth-chruinne a Tuath agus Deas.

Carson a tha an ٱòٳ󲹳 cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean?

Astar bhon Chrios-meadhain

  • 'S e a' Ghrian a tha a' toirt teas dhuinn air an Talamh. Mar as motha a gheibh àite de sholas na grèine, 's ann as teotha as àbhaist dha a bhith.
  • Tha uiread agus neart na grèine a rèir 's dè cho fada 's a tha sinn bhon .
  • Nuair a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain, canaidh sinn domhan-leud ris.
An Crios meadhain a' sgaradh an Talamh ann an dà leth.
Image caption,
'S e loidhne mhac-meanmnail a tha a' dol mun cuairt na Talmhainn a tha sa Chrios-meadhain. Tha i a' comharrachadh na loidhne a tha a' sgaradh na leth-chruinne a Tuath agus Deas.

Astar bhon mhuir

  • Bidh an tìr a' blàthachadh agus a' fuarachadh gu math nas luaithe na bhios uisge.
  • Tha àitichean buailteach a bhith nas teotha as t-samhradh agus gu math nas fhuaire sa gheamhradh.
  • Chan àbhaist àitichean faisg air a' chosta a bhith cho teth as t-samhradh chionn tha iad ri taobh uisge a tha nas fhuaire. Cha bhi iad cho fuar sa gheamhradh chionn tha iad faisg air muir a tha nas blàithe.

Àirde os cionn ìre na mara

  • Bidh ìre na mara ag innse dè cho àrd 's as àbhaist dhan mhuir a bhith.
  • Mar as àirde a thèid thu suas bho , 's ann as fhuaire a bhios i. Sin as coireach gu bheil mullaich bheanntan glè thric fuar agus le sneachd orra.

Teòthachdan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail

Dèan coimeas eadar na ٱòٳ󲹳an ann an àitichean air feadh an t-saoghail. Am mìnich thu carson a tha na ٱòٳ󲹳an nas àirde no nas ìsle?

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Brat-deighe An Antartaig, An Antartaig 'S e An Antartaig an t-àite as fhuaire air an t-saoghal agus faodaidh e bhith cho fuar ri -89C fo ìre an reothaidh! Tha e cho fuar seo san Antartaig chionn tha e fada air falbh bhon Chrios-meadhain. Feumaidh teas agus solas na Grèine a dhol tro bharrachd de dh'à na Talmhainn agus tha e air a sgaoileadh thar farsaingeachd nas motha. Anns an t-samhradh againne tha an geamhradh san Antartaig agus 's e glè, glè bheag de sholas na grèine a th' ann.
Back to top

  • ٱòٳ󲹳 - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha i. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas ٱòٳ󲹳 ann an ceuman Celsius.
  • Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na Talmhainn ann an dà phàirt. Tha àitichean os cionn a' Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Tuath. Tha feadhainn fon Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Deas.
  • domhan-leud - Mar a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain. Mar eisimpleir, tha Alba air domhan-leud mu 55-57° Tuath air a' chrios-meadhain.
  • à - Filleadh èadhair a tha mun cuairt na Talmhainn. Feumaidh teas agus solas na Grèine tighinn tron à airson faighinn thugainn.
  • ìre na mara – An àirde aig an àbhaist am muir a bhith. Mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na mara, 's ann as taine a bhios an èadhar agus 's ann as fhuaire a bhios i.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Tomhais an ٱòٳ󲹳 ann an diofar àitichean le teas-mheidh agus taisbean na ٱòٳ󲹳an ann an clàr.

Seo cuideachadh airson faighinn gu dol:

  • Cuimhnich gum feum am fiosrachadh a leanas a bhith anns a' chlàr:
    • tiotalan a' leubaileadh gu soilleir fiosrachadh a tha thu a' taisbeanadh:
    • an t-àite san do chlàr thu an ٱòٳ󲹳.
    • an ٱòٳ󲹳 a chaidh a chlàradh ann an ceuman Celsius.
  • Nuair a bhios tu air na ٱòٳ󲹳an a chlàradh, feumaidh tu smaoineachadh mun òܲ dhan cuir thu am fiosrachadh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu am fiosrachadh a chur ann an òܲ bhon rud as lugha chun an rud as motha.
  • An smaoinich thu air dòighean eile air am fiosrachadh a thaisbeanadh? Dè mu dheidhinn graf no graf-cholbhan?

Ma bhios tu ag iarraidh cuideachadh le clàradh agus taisbeanadh dàta, faigh a-mach barrachd san artaigil seo air Matamataig agus Àireamhachd: Ciamar a bhios mi a' clàradh agus a' taisbeanadh dàta?

Back to top