˿

Prìomh fhiosrachadh

'S e rud a th' ann am bogha-frois a chì sinn, mar as trice nuair a tha measgachadh ann de ghrian agus de fhrasan uisge. Ach ciamar a tha bogha-frois air a chruthachadh?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Na diofar dhathan solais a gheibh sinn bhon ghrèin
  • Na bhios a' tachairt nuair a bhuaileas solas ann am boinne uisge
  • An t-adhbhar a tha cruth arc air bogha-frois
  • Mar a nì thu bogha-frois dhut fhèin

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a tha bogha-frois air a chruthachadh.

Ciamar a tha bogha-frois air a chruthachadh?

Airson bogha-frois a bhith air a chruthachadh, tha feum air dà rud – solas na grèine agus uisge.

Bidh sinn a' faicinn solas na grèine mar sholas geal ach tha an solas geal seo air a dhèanamh suas de speactram de dh'iomadh dath air am measgadh còmhla.

Chì sinn bogha-frois nuair a tha solas geal air a sgapadh a-mach anns na diofar dhathan seo. Canar ris.

  1. Nuair a thèid solas na grèine a-steach a bhoinne uisge, bidh na diofar dhathan air an lùbadh aig diofar cheàrnan. Canar ris an seo.
  2. Bidh na diofar dhathan air an ath-thilgeil bho thaobh a-staigh cùl a' bhoinne uisge.
  3. Mar sin nuair a tha a' ghrian air do chùlaibh agus an t-uisge air do bheulaibh, chì thu bogha-frois de dhathan air an ath-thilgeil bho thaobh a-staigh gach boinne.
  4. 'S e na seachd phrìomh dhathan a chì sinn dearg, orains, buidhe, uaine, gorm, guirmean agus bhiolait.
Back to top

A' sgaoileadh an t-solais

Tha e furasta na dathan ann an solas geal a sgaradh le priosam glainne triantanach.

  1. Cuir am priosam air pìos pàipear geal air bòrd
  2. Deàrrs leus solais (mar eisimpleir bho thoirdse) tron phriosam
  3. Gluais am priosam agus atharraich a' cheàrn aig am bi an solas ga bhualadh
  4. Nuair a tha a' cheàrn freagarrach, bidh am priosam a' sgaoileadh an t-solais mar bhogha-frois.
Priosam glainne air uachdar geal a' sgaoileadh solas na grèine ann an speactram solais a' bhogha-frois
Image caption,
Nuair a thèid solas geal a dheàrrsadh tro phriosam, gabhaidh a sgaoileadh ann an speactram de dhiofar dhathan. (Menno van der Haven / Alamy Stock Photo)
Back to top

Dè an cruth a tha air bogha-frois?

Tha bogha-frois lùbte chionn chì sinn solas air ath-thilgeil aig diofar cheàrnan bho bhoinnean uisge air feadh an taoibh dha bheil thu a' coimhead.

'S àbhaist gum faic sinn bogha-frois mar arc. Tha seo air sgàth 's gu bheil an tìr a' tighinn anns an rathad air.

Ach ma thu shuas ann am plèan no air mullach beinne, 's dòcha gum faiceadh tu bogha-frois mar chearcall slàn.

Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn diofar sheòrsaichean bogha-frois a dh'fhaodadh tu fhaicinn.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Nuair a tha grian agus uisge ann còmhla, 's dòcha gum faic thu bogha-frois. Tha cruth arc air bogha-frois chionn tha an talamh a' cur stad oirnn bho bhith a' faicinn barrachd dhen chearcall.
Back to top

  • bogha-frois - Arc de dhiofar dhathan a chì thu nuair a dheàrrsas solas na grèine tro uisge.

  • priosam - Nì 3sh a tha an aon mheud 's an aon chruth tron h-uile sgath dheth. Gabhaidh priosam triantanach geal a chleachdadh airson solas geal a sgaradh ann an diofar dhathan.

  • ath-raonadh - An t-atharrachadh ann an luaths solais a dh'fhaodas toirt air diofar dhathan lùbadh aig diofar cheàrnan nuair a ghluaiseas e bho èadhar agus a-steach do ghlainne no stuth eile.

  • sgaoileadh - A' sgaradh solas geal ann an speactram de dhiofar dhathan.

  • speactram - An raon de dhiofar dhathan dhan gabh solas geal a bhith air a sgaradh.

Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Dèan fhèin bogha-frois

Feumaidh tu:

  • Latha brèagha grianach
  • Stealladair uisge no pìob-gàrraidh
  • A' ghrian a chumail air do chùlaibh, an t-uisge a stealladh air falbh bhuat. Nuair a bhios tu a' dèanamh seo, chì thu bogha-frois ga chruthachadh leis na boinneagan-uisge san stealladair.
Back to top