Prìomh fhiosrachadh
Chì sinn òٳ a h-uile latha agus tha iomadh seòrsa ann.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an sgòth
- Mu dhiofar sheòrsachan òٳ
- Mu dheidhinn -ùٳ
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu òٳ.
Dè th' ann an sgòth?
Nuair a tha thu pìos bhuapa, 's dòcha gu bheil coltas clòimh-chotain air òٳ ach 's e uisge a th' annta.
Bidh òٳ air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas an èadhar. Bidh seo ag atharrachadh gas nach fhaic sinn san èadhar ris an canar deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach. gu bhith na bhoinneagan uisge, no fiù 's chriostalan deighe beaga, bìodach. Canar -ùٳ ris an atharrachadh seo.
Tha na boinneagan uisge mòr gu leòr airson an solas a ghlacadh agus mar sin chì sinn iad, ach tha iad cho beag 's cho aotrom 's gum bi iad dìreach crochte san adhar gun tuiteam idir.
Bidh na boinneagan uisge gu lèir a' tighinn còmhla agus a' dèanamh òٳ.
Diofar sheòrsachan òٳ
1 of 6
cirrus - Sgòthan tana, stireach coltach ri itean, a bhios mu 6,000m shuas san adhar.
cumulus - Sgòthan coltach ri clòimh-chotain no clòimh-mhilis. 'S àbhaist dhaibh a bhith eadar 300 is 2,000 meatair shuas san adhar.
stratus - Sgòthan a tha glè thric còmhnard agus nach bi a' gluasad. Air latha dorcha, gruamach bidh iad a' sgaoileadh tarsainn an adhair coltach ri plaide.
nimbus - Bidh sinn a' cur an fhacail 'nimbus' ri ainmean òٳ airson cunntas a thoirt orra nuair a tha uisge no sneachd a' sileadh asta. Mar eisimpleir, 's e sgòth thàirneanaich dhorcha le uisge a' sileadh aiste a th' ann an cumulonimbus.
Ceistean
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count7 of 21
- count8 of 21
- count9 of 21
- count10 of 21