˿

Faodaidh roghainn bìdh sheasmhach diofar mòr a dhèanamh dhan àԲԱ𲹳 chruinneil agus ionadail againn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann am mìltean bìdh
  • Dè tha biadh ràitheil a' ciallachadh
  • Carson a tha caitheamh bìdh na dhuilgheadas agus mar a ù岹𲹲 sinn e
  • Na buannachdan agus na dùbhlain an cois roghainnean bìdh seasmhach a dhèanamh

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

A' toirt buaidh dheimhinneach air an àԲԱ𲹳

An robh fios agad gum bi sinn a' toirt buaidh dheimhinneach air an àԲԱ𲹳 tro na roghainnean bìdh a nì sinn?

Seo rudan a dh'fhaodas sinn a dhèanamh:

Na mìltean bìdh againn a lùghdachadh, ithe a rèir na ràithe agus barrachd bìdh ithe stèidhichte air lusan

Mìltean bìdh

Tha mìltean bìdh ag innse dè cho fada 's a shiubhail biadh mus do ràinig e thu.

Mar as fhaide a dh'fheumas biadh siubhal mus tèid ithe, 's ann as miosa a tha e dhan àԲԱ𲹳. Tha seo a chionn 's gum bi e air a ghiùlan air làraidh, bàta agus/no plèan a bhios a' cleachdadh connadh a bhios a' dèanamh cron air an àԲԱ𲹳.

Ma dh'itheas sinn biadh a chaidh fhàs gu h-ionadail, cha bhi e air siubhal cho fada airson faighinn thugainn. Tha seo a' ciallachadh nach bi uiread de bhuaidh aige air an àԲԱ𲹳.

Mìltean bìdh. revision-guide

Faigh a-mach barrachd mu mhìltean bìdh san artaigil seo

Mìltean bìdh

Biadh ràitheil

'S e biadh ràitheil measan agus lusan a tha abaich agus deiseil ann an ràith shònraichte.

Mar eisimpleir, ann an Alba bidh sinn a' togail shubhan-làir as t-samhradh. Ma tha sinn ag iarraidh shubhan-làir ùra anns a' gheamhradh, feumaidh sinn an toirt a-steach à dùthchannan eile no am fàs ann an taighean-glainne anns am bi teas agus solas bho dhealan.

Ma bhios fios againn cuin a tha biadh ga fhàs gu h-ionadail, cuidichidh e sinn gu daithead sheasmhach, ionadail a bhith againn, nas lugha de mhìltean-bìdh agus bidh sinn a' cuideachadh na h-àԲԱ𲹳.

Biadh ràitheil. revision-guide

Faigh a-mach barrachd mu bhiadh ràitheil san artaigil seo

Biadh ràitheil

Image caption,
Ma dh'itheas sinn barrachd bìdh stèidhichte air lusan, dh'fhaodadh gum bi an daithead againn nas seasmhaiche.

Biadh stèidhichte air lusan

'S e biadh stèidhichte air lusan a th' ann am measan, lusan, pònair, cnothan, gràn, sìol agus fiù 's feamainn.

Feumaidh lusan a bhios tu a' fàs airson biadh talamh agus lùth, ach bidh na lusan a' faighinn a' mhòr-chuid dhen lùth sin bhon ghrèin.

Tha beathaichean a tha air an cumail airson feòil, uighean no bathar bainne a' cur feum air barrachd lùth. Bidh na beathaichean a' faighinn lùth bho bhiadh, ach dìreach mar a tha sinn fhèin, tha tòrr dhen lùth sin air a chosg air gluasad agus fuincseanan bodhaig. Tha fada nas lugha dhen lùth a' dol a dh'ionnsaigh biadh do dhaoine.

'S e duilgheadas eile gum bi crodh a' dèanamh tòrr meatan. Sin gas taigh-glainne a bhios a' cur ri blàthachadh na cruinne.

Ma dh'itheas sinn barrachd bìdh stèidhichte air lusan, dh'fhaodadh gum bi an daithead againn nas seasmhaiche.

Image caption,
Ma dh'itheas sinn barrachd bìdh stèidhichte air lusan, dh'fhaodadh gum bi an daithead againn nas seasmhaiche.

Seo rudan a dh'fhaodas tu a dhèanamh:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Seall air a' phacadh air do bhiadh airson faighinn a-mach dè cho fada 's a shiubhail e mus do ràinig e thu Bidh cuid de chompanaidhean a' fàs biadh ann an aon dùthaich, ga ghiùlan a dh'àٱigin eile airson a phacadh, agus an uair sin ga chur thugadsa. Bidh companaidhean a' dèanamh seo airson airgead a chaomhnadh, ach tha e a' cur tòrr mhìltean bìdh ris agus chan eil e seasmhach. Le bhith a' coimhead a-mach airson an fhiosrachaidh seo, cuidichidh e thu gu bhith a' taghadh chompanaidhean a bhios a' dèanamh biadh ann an dòigh nas seasmhaiche. (Radharc Images / Alamy Stock Photo)

Nas lugha de chaitheamh bìdh

Image caption,
Mar as motha de bhiadh a bhios sinn a' caitheamh, 's ann as motha de dh'iasg, feòil agus lusan a tha sinn a' toirt às an eag-shiostam gun adhbhar. (Arterra Picture Library / Alamy Stock Photo)

Tha mu 4.5 millean tunna de bhiadh ga chaitheamh san RA gach bliadhna. Tha sin coltach ri 4.5 millean càr de chuideam! 'S e biadh à bùithtean agus supermarcaitean a tha seachad air an deit a th' ann am pàirt dheth, agus cuideachd corran bìdh à taighean-bidh. Tha sinn a' caitheamh tòrr bìdh aig an taigh cuideachd.

Tha seo na dhuilgheadas mòr dhan chinne-daonna oir:

  • mar as motha de bhiadh a bhios sinn a' caitheamh gun adhbhar, 's ann as motha de dh'iasg, feòil agus lusan a dh'fheumas tighinn às an àԲ aca gun adhbhar.

  • cha bhi an uair sin uiread de dh'iasg anns a' mhuir, bidh barrachd anns an talamh, agus thèid barrachd talmhainn agus barrachd choilltean a ghlanadh airson beathaichean àrach, agus tha sin uile a' milleadh na fiadh-bheatha agus na h-eag-shiostaman ionadail.

Image caption,
Mar as motha de bhiadh a bhios sinn a' caitheamh, 's ann as motha de dh'iasg, feòil agus lusan a tha sinn a' toirt às an eag-shiostam gun adhbhar. (Arterra Picture Library / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Mura bi sinn a' caitheamh uiread de bhiadh, bidh buaidh mhath aige air an àԲԱ𲹳. (Oramstock / Alamy Stock Photo)

Tha taobh air caitheamh bìdh cuideachd.

Tha sinn a' fuireach ann an dùthaich sa bheil a' mhòr-chuid de dhaoine fortanach gu bheil de bhiadh againn na tha sinn ag iarraidh. Chan eil a h-uile duine air an t-saoghal cho fortanach 's gu bheil uiread de bhiadh aca.

Bu chòir dhan chinne-daonna gu lèir smaoineachadh barrachd air ciamar a ù岹𲹲 sinn caitheamh bìdh nach leigeamaid a leas, agus biadh a sgaoileadh ann an dòigh nas cothromaiche air feadh an t-saoghail, agus san rìoghachd againn fhèin, gus nach bi duine leis an acras.

Image caption,
Mura bi sinn a' caitheamh uiread de bhiadh, bidh buaidh mhath aige air an àԲԱ𲹳. (Oramstock / Alamy Stock Photo)

Seo rudan a dh'fhaodas tu a dhèanamh airson caitheamh bìdh a lùghdachadh:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Na ceannaich ach na dh'fheumas tu de bhiadh Bidh daoine glè thric a' ceannach cus bìdh agus bidh pàirt dheth ga chaitheamh. Ma nì thu plana airson gach tràth bìdh agus ma nì thu liosta airson na bùtha, cha cheannaich thu ach an stuth a tha a dhìth ort. (Elizabeth Crego / Alamy Stock Photo)

Cuimhnich!

Ged as urrainn dhuinn biadh a chompostadh ann am bionaichean sgudal bìdh, chaidh fhathast a dhèanamh, agus tha e mar sin air buaidh a thoirt air an àԲԱ𲹳 mar-thà.

'S e an rud as fheàrr as urrainn dhuinn a dhèanamh na tha sinn a' caitheamh de bhiadh a lùghdachadh.

Caitheamh bìdh. revision-guide

Faigh a-mach barrachd mu chaitheamh bìdh san artaigil seo

Caitheamh bìdh
Back to top

Buannachd agus dùbhlain an cois a bhith a' dèanamh roghainnean bìdh seasmhach

Buannachdan

  • Ma bhios modhan seasmhach againn a thaobh biadh, mar a bhith a' lùghdachadh na tha sinn a' caitheamh de bhiadh agus gun dèan sinn roghainnean math mun bhiadh a bhios sinn ag ithe, thèid againn air solar bìdh an t-saoghail a ghleidheadh agus ar buaidh air an àԲԱ𲹳 a lùghdachadh.

  • Le bhith a' lùghdachadh caitheamh bìdh agus a' planadh na tha thu a' ceannach, thèid agad air airgead a chaomhnadh. Mar as lugha a cheannaicheas tu de bhiadh agus a chaitheas tu, 's ann as lugha a chosgas tu.

  • Gabhaidh biadh a chaidh a chompostadh a chleachdadh airson tuilleadh bìdh fhàs, no fiù 's airson dealan a ghintinn.

ù

  • 'S dòcha nach bi fios aig daoine ciamar a phlanas iad biadh airson liosta-bùtha a dhèanamh.

  • 'S dòcha gum bi daoine ro thrang airson smaoineachadh mu phlana airson a' bhìdh a bhios iad a' ceannach. Uaireannan bidh seo a' ciallachadh gun ceannaich iad cus agus an uair sin thèid am biadh a chaitheamh bhon a tha e seachad air an deit aige.

  • Tha compostadh agus iomadh dòigh ath-chuairteachaidh eile a' cur feum air ùine agus rùm, agus chan eil sin aig a h-uile duine. Faodaidh nach eil fios aig cuid eile càit an tòisich iad.

Back to top

seasmhach - A' dèanamh rudeigin nach dèan milleadh, no co-dhiù glè bheag, air an àԲԱ𲹳 agus mairidh e airson ùine mhòr.

mìltean bìdh - An t-astar a bhios biadh a' siubhal bhon dùthaich sa bheil e a' fàs gu far an ceannaich no an ith an neach-ceannach e. Mar as motha de mhìltean bìdh a dh'fheumas biadh, 's ann as lugha a tha de sheasmhachd aige agus 's ann as miosa a tha e dhan àԲԱ𲹳.

a' gabhail biadh ràitheil - Ag ithe biadh a chaidh fhàs gu h-ionadail agus a chaidh a bhuain san ràith seo. Mar eisimpleir, ag ithe subhan-làir à Alba as t-samhradh ach gun an ithe aig àm sam bith eile.

todhar ceimigeach - Stuthan a tha air am frasadh air bàrr no air an cur dhan ùir airson iad fhèin agus stòran bìdh eile a chuideachadh gu fàs. Faodaidh todhar ceimigeach cron a dhèanamh air an àԲԱ𲹳 agus air slàinte. Sin an t-adhbhar a bhios cuid a' roghnachadh biadh organach ithe (biadh air fhàs gun todhar ceimigeach).

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Faigh a-mach a' phrìomh adhbhar airson a' chaitheamh bìdh agad.

An e biadh a tha thu a' fàgail air an truinnsear no biadh a chaidh seachad air an deit?

  • Tomhais na tha an teaghlach agad a' caitheamh de bhiadh san taigh ann an seachdain.

  • Faighnich am faod thu cuideachadh a' ceannach a' bhìdh an ath sheachdain feuch an lùghdaich an teaghlach agaibh na tha sibh a' caitheamh de bhiadh.

  • Tomhais an sgudal bìdh deireadh na dara seachdain agus faic an deach agaibh air caitheamh bìdh a lùghdachadh.

(Cuimhnich gun compost thu sgudal bìdh mas urrainn dhut!)

(Mar dhùbhlan a bharrachd, coimhead air pacadh a' bhìdh a bhios do theaghlach a' ceannach. Dèan nòta dhen àٱ sa bheil am biadh ga fhàs agus ga phacadh. An lorg thu rudeigin a tha a' fàs gu h-ionadail agus san ràith agus rudeigin a chaidh a thoirt a-steach dhan rìoghachd? Feuch an lorg thu na h-àitichean agus na dùthchannan air map.)

Back to top

More on Stuthan agus stòrasan

Find out more by working through a topic