˿

Prìomh fhiosrachadh

Bidh ùٳ-grèine a' tighinn bhon ҳè agus 's e mar sin bun-ùٳ ath-nuadhachail a th' ann.

'S urrainn dhuinn an ùٳ bhon ghrèin a chleachdadh airson teas a thoirt seachad gu dìreach. Faodaidh sinn cuideachd panailean grèine a chleachdadh air an dèanamh de cheallan grèine airson solas na grèine atharrachadh gu dealan seasmhach.

Tha panailean grèine uabhasach èifeachdach ann an Alba. Tha 35,000 dachaigh mar-thà air gluasad gu ùٳ na grèine agus bidh iad a' cur dealan a-steach dhan .

Panailean grèine ann an Eilean Eige
Image caption,
Panailean grèine ann an Eilean Eige, Alba.

Lùth na grèine agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mar a ghabhas a' ghrian a cleachdadh airson dealan a ghintinn.

Mar a tha ùٳ na grèine air a chleachdadh

Panailean dealan grèine

Tha dealan air a ghintinn bhon ҳè tro phanailean grèine. Tha iad sin air an dèanamh bho cheallan grèine fa leth (ris an canar cuideachd ceallan foto-bholtaig).

  1. Bidh solas bhon ghrèin a' dol tron chòmhdach ghlainne air cealla grèine.
  2. Bidh solas na grèine a' bualadh air fillidhean de ٳ-ùԲ𲹲, a' toirt ùٳ a bharrachd do dh'eileagtronan anns na ٳ-ùԲ𲹲.
  3. Bidh an ùٳ seo a' togail suas theàrrdsan posataibh agus neagataibh anns na diofar fhillidhean.
  4. Bidh na caochladh theàrrdsan a' toirt air sruth dealain sruthadh tro uèirichean meatailte.
  5. Gabhadh an dealan seo an uair sin a chleachdadh no a ghiùlan tron Ghriod Nàiseanta gu dachaighean agus àiteachan-obrach.

Panailean grèine tearmach

Cho math ri bhith a' gintinn dealan, faodar ùٳ na grèine a chleachdadh gu dìreach airson ar dachaighean a theasachadh. Tha e gu math cumanta a chleachdadh airson uisge teth seach a bhith an urra ri boidhlear gas.

Bidh panailean grèine tearmach a' sùghadh ùٳ bhon ghrèin. Bidh seo a' teasachadh lionn a tha a' ruith tromhpa. Bidh an lionn an uair sin a' toirt an teas seo air ais gu tanca uisge.

Diagram a' sealltainn mar a ghabhas panailean grèine a chleachdadh airson uisge a theasachadh
Figure caption,
Faodar panailean grèine a chleachdadh airson uisge a theasachadh a ghabhas a chleachdadh nar dachaighean.

Factaran suidheachaidh

  • 'S e a' Ghrian a bhios a' toirt dhuinn ùٳ na grèine agus bidh na panailean grèine a' cleachdadh solas na grèine airson dealan a dhèanamh.
  • Mar sin, tha feum air suidheachaidhean air a bheil a' ghrian a' bualadh gu dìreach.
  • Bidh sgìrean a tha a' coimhead gu deas a' faighinn barrachd de sholas na grèine na àiteachan a tha a' coimhead gu tuath, agus mar sin 's e àiteachan math a th' annta sin.
  • Cha bhi panailean grèine ag obrachadh ann an dubhar. Faodaidh cnapan-starra mar craobhan, togalaichean no fiù 's similear air mullach togalaich stad a chur orra bho bhith ag obrachadh.
  • Tha àiteachan a bhios a' faighinn iomadh uair a thìde de sholas na grèine san latha thar na bliadhna math air an son.
  • Ann an Alba, tha cuid dhe na h-àiteachan as grianaiche air, no faisg air, a' chosta an ear agus cuideachd air eileanan mar Tiriodh.
Panailean grèine air Linne na Manachainn faisg air Inbhir Nis, Alba
Image caption,
Panailean grèine air Linne na Manachainn faisg air Inbhir Nis.

Seasmhachd ùٳ na grèine

Airson 's gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àԲԱ𲹳 agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.

'S e stòr ath-nuadhachail a th' ann an ùٳ na grèine. Fhad 's a bhios a' Ghrian a' toirt solas dhan Talamh, bidh an-còmhnaidh ùٳ na grèine againn.

Tha ùٳ na grèine seasmhach chionn cha bhi e a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil no a' truailleadh.

'S e a' bhuaidh a tha aig an dèanamh aca agus a bhith gan giùlan a' bhuaidh àicheil aig ùٳ na grèine. Tha feum air uireadan mòra ùٳ agus uisge airson ceallan grèine a dhèanamh agus faodaidh na ceimigean a tha air an cleachdadh truailleadh adhbharachadh.

Tha meatailtean tearc ann an ceallan grèine agus faodaidh a' chladhach aca sin àԲԱ𲹳an ionadail a mhilleadh.

Tha dùil gum mair a' mhòr-chuid de phanailean grèine ùr-nodha eadar 40 – 50 bliadhna. Le bhith gan ath-chuairteachadh, bidh iad nas seasmhaiche.

Panailean grèine air mullach taigh
Image caption,
Panailean grèine air mullach taigh.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan ùٳ na grèine

Buannachdan

  • 'S e tè dhe na buannachdan as motha aig ùٳ na grèine gu bheil e ath-nuadhachail. Chan fheum e connadh sam bith a bharrachd air solas na grèine.
  • Tha e furasta panailean grèine a chleachdadh ann an iomadh dòigh bhon a tha iad dhen h-uile seòrsa meud. Tha e cudromach an t-àite as fheàrr fhaighinn air an son. Faodar seansor solais a chleachdadh airson an t-àite as motha a tha a' faighinn de sholas a lorg.
  • Chan eil cosgaisean connaidh ann agus chan eil gasaichean truaillidh cronail a' dol mu sgaoil.
  • Thèid aig ceallan grèine air dealan a thoirt a dh'àiteachan iomallach far nach eil prìomh lìonradh dealain.
  • Faodar panailean grèine tearmach a chleachdadh airson àiteachan agus uisge a theasachadh gu dìreach.

Eas-bhuannachdan

  • Air sgàth 's mar a tha a' ghrian againn barrachd ann an cuid de ràithean, bidh ùٳ na grèine a' gintinn barrachd dealain as t-samhradh bhon a tha treisean nas fhaide de sholas an latha againn, ach chan eil e cho èifeachdach anns a' gheamhradh fhada agus sgòthan san adhar.
  • Bhon a tha solas na grèine cho caochlaideach ann an Alba, tha e a' ciallachadh gu bheil e nas earbsaiche ùٳ ath-nuadhachail a ghintinn tro ùٳ na gaoithe agus tro dhealan-uisge.
  • Cha bhi panailean grèine ag obrachadh air an oidhche. 'S ann an uair sin a bhios daoine glè thric a' cleachdadh a' mhòr-chuid de ùٳ anns na dachaighean aca.
  • Chan urrainn panailean grèine ùٳ a stòradh, agus feumar mar sin bataraidhean no capasatar airson seo a dhèanamh.
  • Tha feum air meatailtean tearc a bharrachd air tòrr ùٳ agus uisge airson ceallan grèine a dhèanamh.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan ùٳa is seasmhachd

Find out more by working through a topic