˿

Prìomh fhiosrachadh

Ged a tha lùth ath-nuadhachail a' fàs nas cumanta, tha duilgheadasan mòra fhathast rim fuasgladh ma tha sinn a' dol a ghluasad air falbh gu tur bho .

Tha mòran stòran an urra ris an t-sìde (gaoth, tuinn, grian) a tha cho caochlaideach. Chan eil e an-còmhnaidh air chomas dhuinn solar earbsach de lùth a bhith againn. Dh'fhaodadh stòradh lùth cuideachadh leis a seo.

Tha stòradh lùth cudromach airson gum bi lùth ath-nuadhachail nas fhasa a ghiùlan.

Càr le cealla connadh haidridean ag ath-lìonadh le haidridean aig stèisean lìonaidh H2 haidridean, Herten, A' Ghearmailt
Image caption,
Càr le cealla connadh haidridean ag ath-lìonadh le haidridean aig stèisean lìonaidh H2 haidridean, Herten, A' Ghearmailt.

Lùthan ùra ath-nuadhachail agus a' bhuaidh aca

Faigh a-mach mu chuid dhe na seòrsaichean as ùire de ghintinn lùth ath-nuadhachail.

Stòradh air a phumpadh

Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Dail Mhàilidh, Earra-Ghàidheal
Image caption,
Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Dail Mhàilidh, Earra-Ghàidheal.

Chan e beachd ùr a th' ann an stòradh air a phumpadh, ach ghabhadh barrachd leasachaidh a dhèanamh air airson cur ris a' chomas stòraidh lùth againn.

Gabhaidh uireadan mòra de lùth a stòradh ann an siostaman stòraidh air am pumpadh mar a tha a' tachairt aig Stèisean Cumhachd Dealan-uisge Chruachain.

Tha tòrr dz-ùٳ ann an uisge air a chumail ann an stòr-amar àrd.

Nuair a tha feum air lùth, tha an t-uisge air a leigeil mu sgaoil agus bidh e a' sruthadh sìos tro agus a-steach dhan stòr-amar ìosal. Bidh seo ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.

Nuair a bhios dealan a bharrachd ann, thèid aig Cruachan air pàirt dhen lùth a bharrachd a chleachdadh airson uisge a phumpadh air ais suas dhan stòr-amar àrd, deiseil airson a shruthadh air ais sìos a-rithist.

Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Dail Mhàilidh, Earra-Ghàidheal
Image caption,
Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Dail Mhàilidh, Earra-Ghàidheal.

Stòradh grabhataidh

Goireas stòradh grabhataidh Gravitricity, Lìte, AlbaImage source, COURTESY OF GRAVITRICITY/ PETER DIBDIN
Image caption,
Goireas stòradh grabhataidh Gravitricity, Lìte, Alba.
Toll-mèine
Image caption,
Dh'fhaodaist seann tuill-mèinne a chleachdadh mar làraich airson stòradh grabhataidh.

'S e siostam nas ùire a th' ann an stòradh grabhataidh a bhios a' cleachdadh an aon phrionnsabal ri stòradh air a phumpadh. An àite uisge 's e tha a' tachairt gu bheil cuideaman mòra, mòra air an leagail 's air an togail ann an toll a tha suas ri 1500m a dhoimhne.

Nuair a tha barrachd dealain air a ghintinn na tha air a chleachdadh, gabhaidh pàirt dhen lùth a tha a bharrachd a chleachdadh airson na cuideaman a thogail. Bidh seo cur ris a' chomas-lùth grabhataidh aca.

Le bhith a' leigeil às nan cuideaman airson an leagail, bidh an dz-ùٳ air atharrachadh gu lùth cineataigeach. Bidh tuirbinean agus gineadairean ag atharrachadh seo gu lùth dealain - lùth cineataigeach gu lùth dealain. Le bhith leigeil leis na cuideaman tuiteam aig diofar luathsan, gabhaidh smachd a chumail air an uiread dealain a tha air a ghintinn airson diofar ìrean iarrtais a shàsachadh.

Toll-mèine
Image caption,
Dh'fhaodaist seann tuill-mèinne a chleachdadh mar làraich airson stòradh grabhataidh.

Lùth ath-nuadhachail airson còmhdhail

Càraichean dealain

Càraichean dealain gan teàrrdsadh air sràid san RA
Image caption,
Càraichean dealain gan teàrrdsadh air sràid san RA.

Tha càraichean dealain uabhasach math airson turasan goirid, ach tha meud na bataraidh a' cur bacadh air an astar a thèid agad air siubhal mus feum thu a teàrrdsadh.

Feumar bataraidhean innleachadh a mhaireas nas fhaide ach a bheir an aon uiread de dhealan, a bhios mun aon mheud ach a bhios cuideachd nas luaithe gan teàrrdsadh.

Tha siostaman measgaichte ann an cuid de chàraichean agus bidh iad a' cleachdadh an dà chuid peatroil agus bataraidhean. Bidh a' bhataraidh air a teàrrdsadh a' cleachdadh lùth air a ghintinn nuair a bhios brèigean a' chàir gan cur air. Gabhaidh a chleachdadh airson cumhachd a thoirt dhan chàr aig luaths meadhanach.

Ceallan connaidh

Cealla connaidh haidridean ann an càr
Image caption,
Cealla connaidh haidridean ann an càr.

'S e fuasgladh eile air stòran lùtha do chòmhdhail a ghabhas an giùlan ceallan connaidh haidridean.

Bidh iad sin a' toirt air haidridean agus ogsaidean iom-obrachadh air dhòigh agus gun tèid lùth dealain a ghintinn a ghabhas cleachdadh. Tha iad seo gu math glan chionn chan eil sgath carbon dà-ogsaid air a dhèanamh; dìreach uisge.

  1. Bidh haidridean a tha air a stòradh a' dol a-steach dhan chealla connaidh.
  2. Bidh catailist a' sgoltadh mhoileciuilean haidridean nam òٴDzԲ agus nan eilegtronan.
  3. Bidh na òٴDzԲ a' siubhal tro eileagtrolaidht bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil.
  4. Bidh na h-eileagtronan a' siubhal tro chuairt a-muigh, bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil, a' cruthachadh sruth dealain.
  5. Aig an eileagtròd àicheil, bidh na òٴDzԲ a' dol còmhla ris na h-eileagtronan agus ogsaidean agus a' dèanamh uisge.

Ach tha ceallan connaidh haidridean daor agus feumaidh iad a bhith gu math nas motha na tanca peatroil àbhaisteach. Tha iad an-dràsta nas freagarraiche do làraidhean agus do bhusaichean na do chàraichean.

Dòighean ath-nuadhachail air ar dachaighean a theasachadh

Pumpaichean teas èadhair taobh a-muigh taighe
Image caption,
Mar a thèid cuir às do bhoidhlearan gas mean air mhean, fàsaidh pumpaichean teas èadhair nas cumanta.

Tha boidhlearan gas sa mhòr-chuid de thaighean ann an Alba airson teas a thoirt dhuinn. Bhon as e connadh-fosail a th' ann an gas nàdarra, feumaidh sinn dòigh nas fheàrr a lorg.

'S e pumpaichean teas èadhair aon dhe na dòighean eile. Bidh iad sin a' toirt èadhar a-steach bho thaobh a-muigh an taighe agus ga -ùٳ󲹻. Bidh seo a' dlùth-theannadh an lùth teas bhon èadhar airson 's gun urrainn fiù 's èadhar fhuar an siostam teas-meadhain a bhlàthachadh.

Ach chan urrainn dhaibh sin teas a thoirt dhuinn aig teòthachd cho àrd ri boidhlear gas. Mar sin tha feum air rèididheatoran nas motha no teas fon làr airson do dhachaigh a chumail blàth. Tha seo cuideachd a' ciallachadh gum feum stuth ionsuladaidh gu math nas fheàrr a bhith anns na dachaighean againn mus obraich pumpaichean teas èadhair gu math.

Pumpaichean teas èadhair taobh a-muigh taighe
Image caption,
Mar a thèid cuir às do bhoidhlearan gas mean air mhean, fàsaidh pumpaichean teas èadhair nas cumanta.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic