Prìomh fhiosrachadh
Bidh cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd uisge na àitichean eile. Faodaidh seo a bhith air sgàth 's na tha de dh'uisge mun cuairt, an àird bho bheil a' ghaoth, agus dè cho faisg 's a tha iad air beanntan. Carson a tha iad sin a' dèanamh diofar?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Carson a bhios barrachd uisge ann an cuid a dh'àitichean na àitichean eile
- Mar a tha sgòthan air an cruthachadh
- Dè th' ann an à-ܾ
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha barrachd uisge ann an cuid a dh'àitichean na àitichean eile.
Cuairt an uisge
'S e seòrsa de sileadhTaiseachd a thuiteas às na sgòthan. Faodaidh sneachd, uisge, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh. a th' ann an uisge. Tha e na phàirt de cuairt an uisgeAm pròiseas anns am bi uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais a-rithist gu talamh. 'S e na trì ceumannan ann an cuairt an uisge deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh..
- Deatachadh - bidh a' ghrian a' blàthachadh an uisge air an talamh, ann an aibhnichean, ann an lochan agus anns na cuantan agus ga thionndadh gu deatach uisgeUisge nuair a tha e na ghas neo-fhaicsinneach..
- -ùٳ - bidh an deatach uisge ag èirigh suas dhan èadhar. Bidh deatach uisge san èadhar a' fuarachadh agus a' dol air ais na bhoinneagan beaga uisge, agus a' cruthachadh sgòthan.
- Sileadh – bidh na sgòthan a' fàs trom agus bidh uisge a' tuiteam air ais gu talamh mar uisge, clach-mheallain, flinne no sneachd.
- Bidh uisge an adhair a' sruthadh air an talamh agus a' cruinneachadh ann an lochan no ann an aibhnichean, a bhios ga thoirt airs ais dhan mhuir. Bidh cuairt an uisge a' tòiseachadh a-rithist.
Carson a bhios cuid a dh'àitichean a' faighinn barrachd uisge?
Na tha de dh'uisge faisg
- Ma tha barrachd uisge ann a deatachadhNuair a bhios uisge ag atharrachadh bho lionn gu gas. anns a' ghrèin, mar as trice bidh barrachd sgòthan agus barrachd uisge ann. Dh'fhaodadh an t-uisge seo tighinn bhon mhuir, lochan, aibhnichean agus fiù 's amaran sa ghàrradh!
- Tha Alba, agus an còrr dhen RA, air an cuairteachadh le muir agus mar sin, tha tòrr uisge ann a dheataicheas anns a' ghrèin. Bidh seo ga dèanamh caran fliuch an taca ri dùthchannan a tha fada a-staigh air an tìr.
Gaothan bhon iar
- Tha a' mhòr-chuid dhen ghaoith ann an Alba a' tighinn bhon iar, agus canar a' ghaoth an iar rithe.
- Bidh gaoth bhon iar a' toirt èadhar bhlàth, thais a-steach thar Cuan an Atlantaig a Tuath.
- Tha èadhar bhlàth, fhliuch dìreach ceart airson sgòthan a chruthachadh - a' ciallachadh barrachd uisge!
- Sin an t-adhbhar gu bheil barrachd uisge glè thric air taobh an iar Alba seach na tha air an taobh an ear.
Beanntan
- Airson gun tèid sgòthan a chruthachadh, feumaidh teòthachd na h-èadhair a bhith fuar gu leòr airson gun -ùٳNuair a bhios uisge ag atharrachadh bho dheatach uisge gu lionn. uisge bho dheatach uisge gu boinneagan beaga, bìodach de dh'uisge.
- Tha beanntan math air èadhar fhuarachadh.
- Bidh gaothan bhon iar a' sèideadh èadhar bhlàth, fhliuch bhon mhuir a-steach gu tìr agus bidh na beanntan a' forsadh na h-èadhair suas. Mar a bhios an èadhar ag èirigh, bidh i a' fuarachadh. Bidh an deatach a' dol air ais na bhoinneagan uisge agus a' cruthachadh sgòthan. Bidh sgòthan a' toirt uisge thugainn.
- Sin as coireach gu bheil àitichean a tha shuas àrd buailteach a bhith nas fliche.
- Air an làimh eile, faodaidh beanntan cuideachd fasgadh a thoirt do dh'àitichean bhon ghaoith agus bhon uisge. Canar à-ܾ ris a seo.
1 of 3
- cuairt an uisge - Mar a bhios uisge a' siubhal bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais sìos gu Talamh a-rithist.
- deataich - Nuair a bhios uisge a' dol bho bhith na lionn gu gas (deatach uisge).
- -ùٳ - Nuair a bhios uisge ag atharrachadh bho ghas (deatach uisge) gu uisge.
- sileadh - Taiseachd a bhios a' tuiteam bho sgòthan. Tha sneachd, uisge, flinne agus clach-mheallain nan eisimpleirean de shileadh.
- deatach uisge - Uisge nuair a tha e na ghas nach faic sinn.
- gaothan bhon iar - Gaothan blath, tais a bhios a' toirt uisge a-steach bhon Atlantaig.
- sileadh bliadhnail - Na bhios àite a' faighinn de dh'uisge gach bliadhna.
- à-ܾ - Àitichean a tha a' faighinn fasgadh bhon ghaoith 's bho thaiseachd le beanntan.
Feuch dè nas aithne dhut
Cliog air map Alba gu h-ìosal agus faigh a-mach dè na tha de shileadh anns gach àite gach bliadhna.
An smaoinich thu air feartan sam bith a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air na tha de dh'uisge anns gach àite air a' mhap?
- Sealtainn 'S e buidheann eileanan a th' ann an Sealtainn agus mar sin tha e air a chuairteachadh leis a' mhuir. Tha sin a' ciallachadh gu bheil tòrr uisge ann a dh'fhaodas deatachadh agus a thèid mu dheireadh na sgòthan agus na uisge.
- A' Chrìon-Làraich Tha a' Chrìon-Làraich faisg air taobh an iar Alba far am bi gaothan bhon iar a' toirt a-steach èadhar bhlàth, thais thar a' Chuain Atlantaig a Tuath. Tha èadhar bhlàth, thais dìreach ceart airson a bhith a' cruthachadh sgòthan. Tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd teansa ann air uisge.
- Dùn Dè Tha Dùn Dè air taobh an ear Alba agus chan eil na gaothan bhon iar a' toirt uiread de bhuaidh air. Tha e cuideachd ann an à-ܾ chionn tha na beanntan a' toirt fasgadh dha bhon ghaoith agus bhon uisge.
- Dùn Phris Tha mòran chnuic agus bheanntan ann an Dùn Phris. Tha beanntan math air an èadhar fhuarachadh, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd teansa air uisge.
Rannsaich dè na tha an sgìre agad a' faighinn de dh'uisge ann am bliadhna.
An tèid agad air coimeas a dhèanamh eadar far a bha bheil thu fhèin a' fuireach agus àitichean eile? Dè an t-àite as fliche? Saoil carson?
Beachdan airson smaoineachadh:
- A bheil thu a' fuireach faisg air a' mhuir no farsaingeachd mhòr eile de dh'uisge?
- Dè cho faisg 's a tha thu air an taobh an iar far am bi gaothan bhon iar a' toirt a-steach èadhar bhlàth, fhliuch?
- A bheil thu a' fuireach faisg air beinn a tha a' fuarachadh na h-èadhair?
- A bheil thu ann an à-ܾÀitichean a tha a' faighinn fasgadh bhon ghaoith 's bho thaiseachd le beanntan.?
Barrachd mu shileadh uisge agus cuairt an uisge
Dè th' ann an uisge? revision-guideDè th' ann an uisge?
Bidh an t-uisge againn glè thric ann an Alba, ach dè th' ann an uisge agus cò às a tha e a' tighinn?
Cuairt an uisge. revision-guideCuairt an uisge
Tha sileadh uisge na phàirt cudromach de chuairt an uisge. Faigh a-mach barrachd.
Ciamar a bhios an t-uisge a' toirt buaidh air beatha làitheil? revision-guideCiamar a bhios an t-uisge a' toirt buaidh air beatha làitheil?
Faodaidh uisge buaidh a thoirt air ar beatha ann an iomadh dòigh.
Faigh a-mach ciamar as urrainn dhuinn uisge an adhair a chleachdadh airson dealan ath-nuadhachail a ghintinn.
'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh., a bhios a' cleachdadh cumhachd uisge a bhios a' gluasad airson dealan a ghintinn, a th' ann an lùth dealan-uisge.
Dealan-uisge. revision-guideDealan-uisge
'S urrainn dhuinn an t-uisge a bhios sinn a' faighinn ann an Alba a chruinneachadh airson lùth ath-nuadhachail a ghintinn.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic