Sgilean à ireamhach
Cruinneachadh
Faodar à ireamhan a chruinneachadh gu figearan brìgheil. 'S à bhaist nach e à ireamhan le neoni a bhios ann am figearan brìgheil. Faodaidh neonithean a bhith cudromach ge-tà ann an dà shuidheachadh.
Surdan agus indeacsan
Gabhaidh cuid de shurdan a shìmpleachadh a' cleachdadh diofar riaghailtean no le bhith a' raiseanaileadh an t-seòrsaiche. Gabhaidh cuid de theirmean le indeacsan cuideachd a bhith air an sìmpleachadh.
Ceudadan
Lorg riadh fillte is à rdachadh/ìsleachadh luach. A' tilleadh an atharrachaidh gus an t-sùim ro à rdachadh/ìsleachadh ceudadach a lorg. Faodar 4 dòighean an co-chuir ri bloighean le à ireamhan measgte.
Sgilean ailseabrach
Co-aontaran agus eas-aontaran
'S e foirmle sa bheil co-dhiù aon chaochladair a th' ann an co-aontar. Tha grunn sheòrsachan ann: co-aontar loidhne dhìreach, ailseabrach, co-amail is far am feum cuspair an fhoirmle atharrachadh.
Fuincseanan agus co-aontaran ceà rnanach
Nì fuincsean ceà rnanach graf paraboilig. Gabhaidh na feartan obrachadh a-mach bhon sgeidse aige agus a chaochladh. Fuasglaidh tu co-aontaran ceà rnanach le factaradh no leis an fhoirmle cheà rnanach.
Meudachadh chamagan
Tha toirt chamagan air falbh a' ciallachadh gum bi thu ag iomadachadh an teirm taobh a-muigh nan camagan leis an teirm air an taobh a-staigh - Lagh an Sgaoilidh. Cleachd an t-òrdugh FOIL is sìmplich.
Factaradh
Tha ceithir dòighean ann air a bhith a' factaradh abairt: factar cumanta, diofar eadar dà luach cheà rnaichte, abairt thrì-theirmeach/cheà rnanach is a' cur crìoch air ceà rnagachadh.
Bloighean ailseabrach
Sìmplich bloighean ailseabrach le bhith a' dubhadh às fhactaran cumanta air an à ireamhaiche agus air an t-seòrsaiche. 'S urrainn dhuinn cuideachd na ceithir dòighean-obrach agus camagan a chleachdadh.
Sgilean geoimeatraidh
Pythagoras
Teoram Phythagoras: ann an triantan ceart-cheà rnach, tha faid cheà rnagaichte a' hypotenuse co-ionann ri sùim faidean ceà rnagaichte an dà thaobh eile. Cuidichidh seo le ceistean mu dhiagraman 2sh/3sh.
°ä±ðà °ù²Ô²¹²Ô
Thig suim nan ceà rnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheà rnach gu 360°. Gabhaidh ceà rnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheà rnach is tansaintean.
Co-choltas
Ma tha faid, farsaingeachd no tomhas-lìonaidh a dhìth air cumadh lùghdaichte/meudaichte, 's urrainn dhut obrachadh a-mach le bhith an toiseach ag obrachadh a-mach an fhactair sgèile.
Caisead
Gabhaidh caisead loidhne dhìreach obrachadh a-mach a' cleachdadh seata comharraichte de phuingean cho-chomharran. Tha 3 suidheachaidhean ann de loidhnichean dìreach: co-shìnte, còmhnard is bheartagail
Arcan agus seactoran
'S e bloigh dhen chearcall-thomhas a th' ann am faid arc. 'S e bloigh cearcaill a th' ann am farsaingeachd seactor.
°Õ´Ç³¾³ó²¹²õ-±ôì´Ç²Ô²¹¾±»å³ó
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh nan cruinnean, leth-chruinnean, cònaichean, priosaman, siolandairean is pioramaidean, a bharrachd air cumaidhean ceangailte. Cruinnich gu figearan brìgheil freagarrach.
Bheactoran 2sh
A' lorg co-phà irtean bheactor bho dhiagram, bheactoran seasaimh, a' cur-ris/a’ toirt-air-falbh bheactoran 2sh agus 3sh agus a' lorg mheudachdan.
Sgilean triantanachd
Grafan agus dà imhean triantanachd
Bheir an graf aig fuincsean triantanachd fios mun cho-aontar aige. Thèid co-aontaran triantanachd fhuasgladh leis na riaghailtean bho CUST. Thèid abairtean a shìmpleachadh le ionannachdan triantanachd
Triantain gun cheà rn ceart
Bidh riaghailtean sine/cosine gan cleachdadh le triantain gun cheà rn ceart is thaobh/cheà rn a tha a dhìth. Bidh seo ga chleachdadh le cùrsaichean. Obraichear an fharsaingeachd a-mach le triantanachd.
Sgilean staitistigs
Seataichean-dà ta, claonadh à bhaisteach is an loidhne as freagarraiche
Dèan coimeas air seataichean-dà ta le cuibheasan, plot-bhogsaichean, an raon eadar-chairtealach is claonadh à bhaisteach. Cleachd graf-sgapte is an loidhne as freagarraiche gus toraidhean a ro-innse.