Ceistean is freagairtean air b脿rdachd Cearcall a' Chuain
Question
9. Carson a chleachd na b脿ird ath-aithris aig toiseach rann 3?
'S e Cearcall a' Chuain
tiotal na b脿rdachd. Tha an ath-aithris a' cur ris a' bheachd gur e rud cearcallach a th' ann am beatha. Tha an ath-aithris cuideachd a' cur ris an ruitheam a tha coltach ri gluasad na mara: cunbhalach, ath-aithriseil agus maireannach.
Question
10. M矛nich an 矛omhaigh Cearcall a' Chuain
a tha a' nochdadh ann an tiotal a' ph矛os agus ann an loidhne 21.
Tha an cuan a' riochdachadh ar beatha agus leis a sin, tha na b脿ird den bheachd gur e rud cearcallach a th' innte. Bidh sinn a' f脿s suas, a' f脿gail ar dachaigh agus a' leantainn slighe ar beatha. Ach, aig a' cheann thall, coltach ri cearcall, tillidh sinn dhan 脿ite far an do th貌isich a' chuairt. 'S d貌cha nach till sinn dhan 脿ite sin an da-r矛ribh, ach gu spioradail, bidh ar cridhe an sin.
Question
11. Leugh loidhnichean 21-24 a-rithist. M矛nich an 矛omhaigheachd a tha a' nochdadh aig deireadh an rain.
Tha na b脿ird a' cur ris a' bheachd gur e cearcall m貌r a tha nar beatha agus gun cuir sinn seachad t矛de air falbh a' se貌ladh
ach, gun till sinn, aig a' cheann thall chun an toisich. Tha na b脿ird a' coltachadh na slighe seo ri latha, agus tha seo a' sealltainn nach eil ar beatha ach meanbh an taca ris an t-saoghal mh貌r a tha mun cuairt oirnn 鈥 chan eil ann ach aon latha.
Question
12. A' smaoineachadh mun bh脿rdachd gu l猫ir, seall mar a tha structar air a chleachdadh gu soirbheachail sa bh脿rdachd.
Tha ruitheam socair agus cunbhalach sa bh脿rdachd. Tha sin a' dol leis an 矛omhaigheachd mara a tha aig cridhe na b脿rdachd, oir tha na loidhnichean agus na rannan a' gluasad mar thuinn na mara, an-c貌mhnaidh ag 猫irigh 's a' tuiteam. Dh'fhaodadh gu bheil na b脿ird a' feuchainn ri cur an c猫ill gum bi gnothaichean nar beatha a' dol suas is s矛os an-c貌mhnaidh, ach gur e rud n脿darra a tha seo agus gun tachair sin gu br脿th agus gum b' fhe脿irrde sinn gabhail ris.