Ann a’ bhith a’ beachdachadh air à岹 is sgeulachdan goirid, feumar smaoineachadh mu chànan, ìomhaighean, faireachdainnean is teachdaireachd gach pìos. Seo stiùir a chuidicheas le sin a dhèanamh.
Anns an earrainn seo seallaidh sinn ri bhith a' beachdachadh air à岹 agus air sgeulachdan goirid agus ri mar a dh'fhaodadh tu mapa-inntinn a chleachdadh gus do chuideachadh.
Nuair a tha thu a' toirt cunntas air pìos à岹 a leugh thu, dh'fhaodadh tu mapa-inntinn mar seo a chleachdadh.
Feuch fhèin air mapa-inntinn a chruthachadh a fhreagras air à岹 a leugh thu.
Sgrìobh an uair sin air pìos a fhreagras air a' cheist:
Tagh pìos à岹 a thug buaidh ort. Inns mun bhuaidh a thug i ort agus seall mar a tha na sgilean sgrìobhaidh a chleachd am bàrd a' cur ris a' bhuaidh seo.