˿

Comann-sòisealta air a sgaradhBeachdan air daoine bochda

Deireadh an 19mh linn, bha bochdainn ann ri linn cion obrach, tinneas is an aois. Cogadh nam Boer – doirbh fir a lorg a bha fiot. Bha aig an Riaghaltas Libearalach 1906 ri dèiligeadh ri bochdainn.

Part of EachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Beachdan air daoine bochda

Bha Riaghaltas Bhreatainn ag obrachadh a rèir prionnsapal 'laissez faire'. B' e sin an creideas nach bu chòir dhan riaghaltas a bhith an sàs ann an cùisean bochdainn is cruadail. Nam biodh iad an sàs annta, chosgadh e airgead agus dheigheadh cìsean suas. Bhiodh saoranaich bhon mheadhan-chlas agus bhon bhàrr-chlas a' pàigheadh airson coimhead às dèidh dhaoine eile.

Slàinte a' phobaill agus an riaghaltas

Samuel Smiles, a sgrìobh Self-Help
Figure caption,
Samuel Smiles

Bha daoine beairteach dhen bheachd gun robh na daoine bochda mì-fhortanach ach gun robh iad nam pàirt do-sheachanta dhen chomann-shòisealta. [Poor people are] made of inferior material ... and cannot be improved, Norman Pearson.

Bha creideas ann gur e leisg, misg agus dìth moraltachd a bha ag adhbhrachadh bochdainn. Bha mòran dhen bheachd gum bu chòir fèin-chuideachadh, sin uallach a bhith air gach duine fa leth coimhead às dèidh an seasamh agus am beòshlaint fhèin, a bhrosnachadh. Chuireadh am beachd sin air adhart le Samuel Smiles a dh'fhoillsich leabhar leis an ainm Self-Help ann an 1859. Self-help is the root of all genuine growth, Samuel Smiles.

Bhathar a' sùileachadh gun toireadh daoine iad fhèin a-mach à bochdainn tro fhoghlam agus obair chruaidh.