Bochdainn deireadh nan 1800an
Bha iomadh nì ag adhbhrachadh bochdainn sna 1800an:
- cion cosnaidh – cha b' urrainn daoine teaghlaichean a chumail
- teaghlaichean mòra – bha ri coimhead às dèidh mòran chloinne
- bàs a' 'phrìomh chosnaiche' – cha robh duine ann airson airgead a chosnadh
- ciorram/leòn san obair – tuarastal ga chall air sgàth cion comais air obair a dhèanamh
- tinneas – cha bhiodh daoine a bha far an obair air sgàth tinneis air am pàigheadh agus bha cosgaisean a bharrachd orra airson a dhol gu dotair agus airson leigheas fhaotainn
- seann aois – cha robh daoine a' faighinn teachd-a-steach mura robh iad ag obair
- cha robh Siostam Tèarainteachd Nàiseanta ann airson daoine a dhìon bhon droch bhuaidh aig tinneas agus cion obrach
Cha robh daoine bochd ann am Breatainn a' faighinn mòran cuideachaidh bhon riaghaltas sna 1800an. Thug Lagh nam Bochd 1834 dà sheòrsa cuideachaidh seachad:
- faochadh a-staigh – Taigh nam Bochd (Taigh-obrach) a bha a' cur eagal mòr air daoine
- faochadh a-muigh – daoine aig an taigh a' faighinn biadh agus airgead ach bha stìogma mòr sòisealta na chois
Ach bha mòran dhuilgheadasan fhathast ann ris am feumte dèiligeadh agus bha leisg air an riaghaltas a dhol an sàs sa chùis.