Na h-Oscars
Beachdaich a-nis air an earrainn leughaidh gu lèir:
Question
Dè prìomh amas a' phìos sgrìobhaidh seo?
Freagairtean leithid:
- Gus fiosrachadh a thoirt dhuinn mu chuirm nan Oscars, mar eisimpleir, mar a thòisich iad.
- Gus fiosrachadh a thoirt dhuinn mu eachdraidh nan Oscars, mar eisimpleir fiosrachadh mun neach a chuir na h-Oscars air bhonn.
- Airson ceangal a dhèanamh ri saoghal na à, mar eisimpleir na cothroman a tha FilmG a' toirt do luchd-labhairt na à.
Question
A' cuimhneachadh air amas na h-earrainn, dè cho soirbheachail 's a tha i?
Freagairtean leithid:
- Bha i soirbheachail. Cunntas tarraingeach agus inntinneach. Chleachd an sgrìobhadair tòna aotram le fealla-dhà aig an deireadh. "Cò aig a tha fios? Is dòcha gum faicear fhathast rionnag à saoghal na à an làthair aig cuirm duais nan Oscars latha brèagha air choreigin!" Tha a' cheist reatoraigeach a' cur ri tòna - tha e mar gum biodh an sgrìobhadair a' bruidhinn ri caraid 's an uair sin a' cleachdadh gnàthas-cainnte a' beachdachadh mu na h-Oscars; tha seo a' cur ri àbhachdas na h-earrainn.
- Bha i soirbheachail. A' glacadh aire an leughadair le bhith a' mìneachadh eachdraidh nan Oscars agus ga cheangal ri cultar na à san latha an-diugh. Tha tòrr fiosrachadh ri thoirt seachad, gu tric ann a' liostaichean (nuair a chaidh an oidhche mhòr seo a chur dheth, na tha gach spòg a' riochdachadh air ruidhle film agus na dùaisean FilmG). Tha an dòigh-sgrìobhaidh seo a' glachdadh aire an leughadair 's ga dhèanamh nas inntinniche dhuinn. Tha an sgrìobhadair a' dèanamh coimeas eadar dà rud cho fad bho chèile (Hollywood agus cultar na à) ach gan ceangail còmhla "A' sealltainn gu bheil i a cheart cho comasach ri Hollywood, tha saoghal na à i fhèin a-nis a cumail cuirm gach bliadhna a tha air leth soirbheachail", 's tha seo gar cumail a' leughadh.