成人快手

CogadhCogadh

Tha mion-sgr霉dadh is luachadh earrann leughaidh a' gabhail a-steach, ceistean tuigse, anailis is luachaidh, is ge脿rr-chunntas air a' ph矛os. Bi cuideachd mothachail air adhbhar is amas an sgr矛obhadair.

Part of 骋脿颈诲丑濒颈驳Leughadh

Cogadh

Seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig 脤re N脿iseanta 5. Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Saighdearan Breatannach
Image caption,
Saighdearan Breatannach

Tha cogadh is trioblaid a' ruith tro eachdraidh an t-saoghail. Bidh fios aig an neach a thaghas an t-Arm mar dhreuchd gu bheil cunnart ann gun iarrar air uair neo uaireigin a dhol a shabaid ann an cogadh.

Ann an 2014 bhathar a' comharrachadh ceud bliadhna bho th貌isich a' Chiad Chogadh Mh貌r. Th貌isich an cogadh anns an L霉nastal 1914 agus mus t脿inig e gu cr矛och c貌rr air ceithir bliadhna an d猫idh sin, bha barrachd air ochd millean neach air am beatha a chall. Bha an sgrios uabhasach. Ach cha do chuir e stad air miann dhaoine airson a bhith a' tagradh agus a' sabaid, oir bha Cogadh M貌r eile ann 脿s a dh猫idh agus grunn eile nach robh cho m貌r 脿s d猫idh sin, na b' fhaisge air an latha anns a bheil sinn fh矛n be貌. Gu dearbha tha cuid a chanas gur gann a bha aon latha gun chogadh air choireigin san t-saoghal bho sguir an D脿rna Cogadh ann an 1945.

Tha cuid den bheachd nach gabh cogadh a bhith air fh矛reanachadh ann an d貌igh sam bith agus nach bu ch貌ir a dhol an s脿s ann idir. Gu dearbha bu toil leinn uile gum biodh s矛th air feadh an t-saoghail. Ach uaireannan tha e furasta d矛ochuimhneachadh gu bheil droch dhaoine nar measg, a tha ag iarraidh a h-uile c脿il dhaibh fh猫in. Bidh cogaidhean ann fhad 's a bhios daoine ann a dh'iarradh ar cur fo an casan nam biodh cothrom aca. Gu m矛-fhortanach cha tuig cuid dhiubh cainnt sam bith ach a' bhr霉idealachd a tha iad fh猫in a' cleachdadh. Tha e doirbh suidhe air ais gun ch脿il a dh猫anamh nuair a tha ar c貌irichean gam briseadh.

An-diugh tha daoine a' f脿s suas agus cuid a tha air a thighinn gu aois, aig nach eil aithne air sabaid ann an cogadh, a bharrachd air aithrisean air cogaidhean ann an t矛rean c猫in. Ach tha sinn uile mothachail air cogadh ann an d貌ighean eile: tro na cunntasan a chuala sinn bho dhaoine na bu shine, bho na leugh sinn nar leabhraichean agus air sg脿th 's gu bheilear aon latha gach bliadhna a' cuimhneachadh orrasan a chaill am beatha ann an cogadh. Cha mh貌r an rud e d矛thean dearg a chuir nar broilleach fad seachdain no dh脿 sa bhliadhna mar chomharra air cho mothachail 's a tha sinn air na thachair anns na cogaidhean. Tha gu le貌r be貌 fhathast aig a bheil cuimhne air cogadh, a dh'fhiosraich pian ann a bhith a' dealachadh ri daoine agus briseadh d霉il nuair nach do thill iad. Is iomadh sgeul phearsanta a dh'猫ireas 脿 cogadh.

Ann an 1918, ged chaidh an t-s矛th a ghairm air 11mh den t-Samhain, cha robh an cogadh seachad, gu s貌nraichte do mhuinntir Le貌dhais. Grunn sheachdainean an d猫idh sin, air madainn L脿 na Bliadhn' 脵ire 1919, chaidh am b脿ta an Iolaire air na creagan agus i a' tighinn a-steach gu Ste貌rnabhagh. Chaill ceud seachdad sa ceithir fear 脿 Le貌dhas am beatha agus chaillear cuideachd seachdnar 脿s na Hearadh. Cha do rinn na peilearan is sligean a' ch霉is orra ach bha a' mhuir gu bhith neo-thr貌caireach agus iad gu bhith aig an dachaigh.

Tha e do-dh猫anta a chuir ann am briathran mar a dh'atharraich an Cogadh M貌r ar saoghal. Tha e a cheart cho doirbh tuigsinn ciamar a tha miann sabaid aig mac-an-duine fhathast, 脿s d猫idh na dh'fhuiling sinn de phian air s脿illibh cogadh. Tha cuid fhathast a' dol am bad a ch猫ile, a' cath is a' marbhadh; a' togail a' cheist nach do dh'ionnsaich sinn dad o na bliadhnaichean a dh'fhalbh?

Related links