˿

Spòrs: IomainSpòrs: Iomain

Son conaltradh èifeachdach feumar beachdan soilleir, briathrachas freagarrach is beairteas de dh'abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Seo cothrom sgilean còmhraidh a leasachadh.

Part of àò

Spòrs: Iomain

Mapa-inntinn: Mar a tha an gèam air atharrachadh o làithean mo sheanair

Mar a tha an gèam air atharrachadh o làithean mo sheanair

Tidsear: Ciamar a chanadh tu a tha an geama air atharrachadh o làithean do sheanair?

Calum: Uill, tha cuideam mòr ga chuir air sàbhailteachd san latha an-diugh. Feumaidh clogaid a bhith air gach cluicheadair. Tha pìosan plastaig nar stocainnean cuideachd gus ar casan a dhìon o bhuillean. Nuair a bha mo sheanair a' cluich cha robh sgath dhen sin aca. Gu math tric bhiodh neach air a ghoirteachadh ann an tubaist, gearradh air a cheann no air aodann mar eisimpleir.

Mapa-inntinn: Mar a bha ann an làithean mo sheanair

Mar a bha ann an làithean mo sheanair

Chaidh mo sheanair fhèin a ghoirteachadh tric gu leòr ach cha do chuir sin stad air. Chanainn gu bheil an gèam fhathast a cheart cho math is a cheart cho luath ach is e deagh rud a th' ann a bhith a' cluich gu sàbhailte.

More guides on this topic

Related links