Son conaltradh èifeachdach feumar beachdan soilleir, briathrachas freagarrach is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Seo cothrom sgilean còmhraidh a leasachadh.
Seo cuibhreann de chòmhradh a dh'fhaodadh a bhith ann eadar sgoilear agus tidsear. Chì thu gu bheil an sgoilear, Màiri, a' mìneachadh chùisean gu dòigheil. 'S e a bhith mionaideach, le gu leòr rudan inntinneach ri ràdh a tha cudromach.