Bidh iomadh obrachadh a' toirt dhut freagairt nas mionaidiche na dh'fheumas tu. Feumaidh tu an uair sin na freagairtean a chruinneachadh chun na h-ìre de mhionaideachd a tha a dhìth ort.
Part of MatamataigÀ
Save to My Bitesize
Ann an iomadh obrachadh bidh dùil gun cruinnich thu do fhreagairt chun na h-àireimh shlàin as fhaisge no chun an deich as fhaisge.
Sgrìobh \(38.7\) chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.
Tha \(38.7\) eadar \(38\) agus \(39\).
Tha \(38.7\) nas fhaisge air \(39\) na air \(38\).
Mar sin, \(38.7 = 39\) (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.)
Feuch a-nis na ceistean seo.
Sgrìobh \(6.5\) chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.
Tha \(6.5\) eadar \(6\) agus \(7\).
Tha \(6.5\) letheach eadar \(6\) agus \(7\).
Nuair a thachras seo, bidh sinn daonnan a' cruinneachadh suas.
Mar sin, \(6.5 = 7\) (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge.)
Cruinnich \(103.4\) chun an deich as fhaisge.
Tha \(103.4\) eadar \(100\) agus \(110\).
Tha \(103.4\) nas fhaisge air \(100\) na air \(110\).
Mar sin, \(103.4 = 100\) (chun an deich as fhaisge).