³ÉÈË¿ìÊÖ

  • À¾±°ù±ð²¹³¾³ó²¹³¦³ó»å

    • Ã’rdugh obrachaidh ann an àireamhachd

      Tagh agus dèan obrachaidhean san òrdugh cheart a rèir cudrom a’ cleachdadh 'riaghailtean' CÒRICT (Camagan, an uair sin Òrdugh de Roinn, Iomadaich, Cuir-ris agus Thoir-air-falbh).

    • Iomadachadh

      Obrachaidhean anns a bheil iomadachadh le àireamhan slàna.

    • Roinneadh

      A' roinn àireamh shlàn aon-fhigear far am faod an t-obrachadh a dhol cho fada ri dà ionad deicheach.

    • Àireamhan àicheil

      'S ann mar as trice le co-chomharran is teòthachd a bhios àireamhan àicheil dhan cleachdadh. Cleachd àireamhan àicheil ann an ceistean cur-ris/toirt-air-falbh is a' toirt-air-falbh àireamh àicheil.

    • Cruinneachadh

      Bidh iomadh obrachadh a' toirt dhut freagairt nas mionaidiche na dh'fheumas tu. Feumaidh tu an uair sin na freagairtean a chruinneachadh chun na h-ìre de mhionaideachd a tha a dhìth ort.

    • Cruinneachadh agus tuairmse

      'S e dòigh air freagairt a thuairmse a th' ann an cruinneachadh gu figearan brìgheil. Faodar an uair sin obrachaidhean a dhèanamh is freagairtean a chruinneachadh chun an fhigeir bhrìgheil as fhaisge.

    • Astar, luaths agus ùine

      Thèid againn air ceistean mu astar, luaths agus ùine obrachadh a-mach le foirmlean. Nuair a bhios tu gan dèanamh seo, bu chòir dhut a bhith cunbhalach leis na h-aonadan.

    • Ceudadan

      Obrachaidhean le ceudadan de dh'uireadan. Ag obair le meudachadh agus beagachadh a bharrachd air a bhith a' cur uiread an cèill mar cheudad de dh'uiread eile.

    • Bloighean

      Canaidh sinn bloighean ri obrachaidhean co-cheangailte ri bloigh de shùim, de chumadh no de nì. Le bloighean co-ionann thèid agad air cansaileadh chun an riochd as sìmplidhe.

    • Co-mheas

      Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad.

    • Coltachd

      Thathar a' toirt sùil air coltachd shìmplidh agus tricead ris am biodh dùil. Thathar a' sgrùdadh riosg agus a' bhuaidh aige air ar beatha.