Air ùrachadh: 17 An Dàmhair 2022
Ruigidh apps sam bith a luchdaicheas tu a-nuas gu d’ fhòn-là imhe, no gu do thelebhisean, air cuid a dh’fhiosrachadh air d’ inneal.
Tha cuid a sheòrsachan dà ta air a chruinneachadh co-dhiù, mar:
- An seòrsa inneal a tha thu a’ cleachdadh
- Aithnichear sònraichte (mar ID an inneil no seòladh IP)
- Fiosrachadh mu na dòighean a thathar a’ cleachdadh na apps againn.
Leigidh seo leis an app cuimhne a chumail ort agus stuthan sam bith a dh’iarr thu a thoirt dhut.
Iarraidh cuid de apps cead ort (aonta), gus an dà ta agad a chleachdadh airson goireasan a bharrachd a thoirt thugad. Mar eisimpleir, bidh app ³ÉÈË¿ìÊÖ Aimsir a' faighneachd cead airson à ite d' inneal, (Baile/Cathair-bhaile), airson aimsir ionadail a thoirt dhut. Cha bhi app ³ÉÈË¿ìÊÖ Aimsir a' sgaoileadh à ite d' inneal. Bidh à ite d' inneal no à iteachan bha thu 'a' lorg' air an stòradh air d' inneal airson 4-6 uairean, cha bhi am ³ÉÈË¿ìÊÖ a' stòradh d' fhiosrachaidh. Faodaidh tu seo a chur air no dheth aig à m sam bith ann an seataidhean d' inneal.
Airson a bhith sà bhailte
Dèan cinnteach gu leugh thu an earrann mu cheadan air app sam bith mus luchdaich thu a-nuas e. Sin an dòigh as fheà rr air tuigsinn dè dìreach an dà ta a ghlacas e.
Faodaidh apps fiosrachadh a ghleidheadh air d’ inneal cuideachd
Mar eisimpleir, ma luchdaicheas tu a-nuas prògram air app mobile iPlayer, thèid a stòradh air d’ inneal.