³ÉÈË¿ìÊÖ

Dè tha tachairt do na beachdan a tha mi a’ cur air a’ BhBC?

Air ùrachadh: 24 An Giblean 2020

Tha sin a rèir cò thu agus càite bheil thu gan cuir.

Mas e pàiste a th’ annad agus tu a’ cur beachd air làraich dha pàistean

Bheir sinn sùil air do bheachd mus cuir sinn suas e gus dèanamh cinnteach nach eil e a' briseadh ar riaghailtean airson beachdachadh agus a' luchdachadh suas

Mas e inbheach a th’ annad

Nochdaidh do bheachd anns a’ bhad, mura bheil thu an urra ri co-mheasadh ro-làimh. Ma ghearaineas duine mu dheidhinn, nì sinn sgrùdadh faic a bheil e a’ briseadh ar riaghailtean.

Leugh mu co-mheasadh ro-làimh ann an "Dè th’ ann an co-mheasadh?"

Ma tha do bheachd a’ briseadh ar riaghailtean

Dubhaidh sinn às e agus cuiridh sinn post-dealain thugad a’ mìneachadh carson. Ma thogras tu, faodaidh tu tagradh a dhèanamh an aghaidh sin. Faic ar riaghailtean mu bheachdachadh agus a' luchdachadh suas an seo, agus leugh mu carson a chaidh do bheachd no na luchdaich thu suas a dhubhadh às an seo. 

A' faicinn do bheachdan

Tha e comasach dhut liosta fhaicinn de na beachdan as ùire a chuir thu suas. Lorgar e anns an earrann de do chunntas.

Ciamar a dhubhas mi às beachd a chuir mi suas?

Feumaidh tu post-dealain a chur gu Central-communities-team@bbc.co.uk ag iarraidh orra am beachd a thoirt air falbh, le fios mu carson. Cuideachd, 's dòcha nach tèid an toirt a-nuas.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha sinn a’ dèiligeadh ri do stuth an seo.

Leugh ar Poileasaidh ±Ê°ùì´Ç²ú³ó²¹¾±»å±ð²¹³¦³ó»å air fad airson faighinn a-mach mu na bhios sinn a' dèanamh le do bheachdan.

Leugh ar Cumhaichean Cleachdaidh air fad airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mu dè dh’fhaodas sinn a dhèanamh le do bheachdan agus dè nach fhaod thu a ràdh nad bheachdan.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: