Air ùrachadh: 14 An Dàmhair 2022
Cunntasan chloinne ³ÉÈË¿ìÊÖ
Faodaidh clann de dh'aois sam bith cunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ a chur air dòigh. Ach airson an cumail sà bhailte, feumaidh clann fo aois 13 cead fhaighinn bho phà rant no neach-cùraim mus fhaod iad cuid de rudan a dhèanamh, mar beachdan fhà gail air bùird-brath.
Faodaidh tu ceadan a stèidheachadh nuair a chlà ras tu airson cunntas chloinne ùr. Dìreach lean an stiùireadh.
Ma tha thu airson ceadan atharrachadh aig à m eile, tha e nas fhasa ma tha cunntais ³ÉÈË¿ìÊÖ aig an dithis agaibh. Mar sin, faodaidh tu cunntas do phà iste a cheangal ris a’ chunntas agad fhèin agus ceadan a chur air dòigh aig à m sam bith. Faodaidh tu ³¦±ôà °ù²¹»å³ó airson cunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ mura bheil fear agad. Tha e luath is furasta a dhèanamh.
Chan fheum thu cunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ airson smachd a chumail air ceadan. Nuair a dh’fheuchas do phà iste ri rudeigin ùr a dhèanamh air a’ BhBC, mar eisimpleir beachdan fhà gail air là raich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu .
Faigh a-mach mar a nì thu na rudan seo, agus tòrr a bharrachd, le bhith cliogadh air na ceanglaichean gu h-ìosal.
Iomraidhean chloinne air iPlayer
Air iPlayer, faodaidh clann logadh a-steach leis a’ chunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ aca fhèin. No, mar phà rant no neach-cùraim, faodaidh tu iomraidhean chloinne a chur ris a’ chunntas agad fhèin.
Faigh a-mach tuilleadh mu à rainn na cloinne air iPlayer.
Cha sheall iomraidhean chloinne ach stuthan iPlayer do luchd-cleachdaidh a tha fo aois 13 a-mhà in, leis an sin tha e sà bhailte do chlann brobhsadh air TBh. Coltach ri cunntas, tha iomradh a’ ciallachadh gum faigh iad molaidhean pearsaichte agus gum faod iad leantainn orra a’ coimhead prògram far an do stad iad ga choimhead.
Eu-coltach ri cunntas, chan obraich sin ach air iPlayer a-mhà in, agus cha bhi iad comasach air feartan là raich leithid fà gail bheachdan, bhòtadh agus cur a-steach airson farpaisean a chleachdadh. Ge-tà , faodaidh tu cunntas chloinne a chruthachadh gus tuilleadh cheadan a thoirt dhaibh.
Ma tha thu fo aois 16 agus taobh air a-muigh na RA…
Gu mì-fhortanach, cha bhi e comasach dhut ³¦±ôà °ù²¹»å³ó airson cunntas no iomradh ³ÉÈË¿ìÊÖ ma tha thu fo aois 16 agus air taobh a-muigh na RA. Ma tha cunntas chloinne agad mar-thà is gu bheil thu air taobh a-muigh na RA, chan fhaigh thu na h-aon stuthan chloinne ’s a gheibh thu anns an RA.