Main content

Donaidh MacAoidh

Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn Donaidh

Dè a’ chiad chàr a bh' agad?

‘S e Ford Escort MK3 1.6 GL a’ chiad chàr a bha agam, A537 XSX. Cha robh mi ach 15 bliadhna agus bha mi gu math pròiseil às.

Cia mheud turas a rinn thu an deuchainn dràibhidh agad?

Cough cough! Fhuair mi e air an treas turas!

Dè an rud as fheàrr a rinn thu air Air an Rathad gu ruige seo?

Bha mi còmhla ri Highland Car Club a’ dèanamh autotests anns a’ Ghleann Mhòr anns an t-sreath mu dheireadh. Chòrd sin rium gu mòr.

Nam b' urrainn dhut càr sam bith anns an t-saoghal a cheannach, dè bhiodh ann?

'S toigh leamsa càraichean rudeigin aost. Nam biodh an t-airgead agam, cheannaichinn MK2 Escort Mexico neo MK2 RS2000. Bhithinn gu math dòigheil le fear seach fear dhiubh.

Dè an èideadh as miosa a bh' agad ri chur ort airson na Rèisean Craicte?

Èideadh Batman. Bha mo charaidean ag èigheachd Batman orm airson mìosan an dèidh sin!

Donnie MacKay

What was your first car?

My first car was a Ford Escort MK3 1.6 GL, A537 XSX. I was only 15 and I was very proud of it.

How many times did you sit your driving test?

Cough cough! I got it on the third attempt!

What is the best thing you’ve done on Air an Rathad so far?

I spent a day with Highland Car Club doing a series of autotests in the Great Glen last series. I loved that.

If you could buy any car in the world, what would it be?

I like older cars. If I had the money, I’d buy a MK2 Escort Mexico or MK2 RS2000. I’d be happy with either.

What’s your worst Wacky Races costume?

The Batman costume. My friends called my Batman for months after that!