Main content

Ep 2: Eilean Leòdhais

Tha Coinneach is Hamish a’ toirt sùil air ais air a’ chuairt aca ann am beanntan Leòdhais. Coinneach and Hamish reminisce about their climbing experiences in the hills of Lewis.

Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air ³ÉÈË¿ìÊÖ ALBA air a bheil Dàna | Scotland’s Wild Side. Anns na clàraidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dàna Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-àiteachan agus na dùbhlain air an tàinig iad tarsainn.

Ged nach eil Eilean Leòdhais aithnichte airson a chuid bheanntan, tha e a’ tabhainn mathagan sgorrach dhan an fheadhainn Dàna a tha deònach a dhol a dh’ionnsaigh na h-Eileanan A-Muigh. Anns an earrann seo, tha Coinneach agus Hamish a’ meòrachadh air an turas a ghabh iad air slèibhtean Ùig ann an Eilean Leòdhais, a’ dol an sàs ann a sgeir fhada, chas àrd os cionn na mara agus mar a bha iad a’ cothachadh an aghaidh droch shìde nan Eilean Siar. Cluinnear mar a thàinig orra an cuid plànaichean atharrachadh an deis meadhan gnothach ri linn creagan a bha gu math sleamhainn agus cunnartach.

Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an càirdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.

Release date:

Available now

18 minutes

Podcast