Ep 1: Gleann Nibheis
Coinneach MacFhraing is Hamish Macleòid a' bruidhinn mun cuairt aca ann an Gleann Nibheis. Coinneach Rankin and Hamish Macleod discuss their recent filming trip in Glen Nevis.
Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air ³ÉÈË¿ìÊÖ ALBA air a bheil Dà na | Scotland’s Wild Side. Anns na clà raidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dà na Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-à iteachan agus na dùbhlain air an tà inig iad tarsainn.
Anns a' chiad earrann, tha Coinneach a’ siubhal gu ruige Gleann Nibheis agus tha e a’ dol a’ chuir roimhe sgeir air a bheil ‘Storm’ a shreap. Tha ‘Storm’ air a fùcadh am meadhan Poll Dubh, fear dhe na h-à iteachan is ainmeil ann an saoghal sreap. Bidh e mar fhiachaibh air na sgilean a dh’ionnsaich e thar nam bliadhnaichean a chuir gu feum agus cuideachadh fhaighinn bho dheagh charaid. Tha Hamish agus Coinneach a’ bruidhinn gu fosgailte mu dheidhinn cho doirbh ‘s a bha e a bhith a’ fiolmadh air na creagan agus cuideachd cho fìor fhada ‘s a bha iad a’ clà radh a h-uile rud.
Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an cà irdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.
More episodes
Previous
You are at the first episode
Podcast
-
Dà na: Scotland’s Wild Side
Outdoor expert Kenny Rankin takes us to some of the most enthralling corners of Scotland.