Main content

Kate keeps heading south and meets up with Liam Crouse, who takes her out for a trip around Lochboisdale.

Anns an dàrna prògram, tha Kate a’ cumail orra gu deas is i a’ coinneachadh ri Liam Crouse a tha ga toirt a-mach timcheall air Loch Baghasdail air a’ bhàta aige fhèin, a bh’ air a chleachdadh mar bhàta-teasairiginn uaireigin. An seo, tha i a’ faighinn a-mach mu na tha maraichean ga rìribh a’ smaoineachadh air maighdinnean-mara. Bidh i a’ cuideachd a’ coinneachadh ri Màiri Anna Chaimbeul a tha ga toirt air cuairt air Tràigh Leis no Coilleag a’ Phrionnsa is iad a’ sireadh sligean a tha a-rèir coltais a’ toirt deagh fhortan dhan duine a lorgas iad, ach chan eil iad idir furasta an lorg, mar a tha Kate a’ faighinn a-mach. Bidh i a’ tadhal air Eaglais Naomh Mhicheil far a bheil àite cudromach aig a’ mhuir anns an togalach fhèin agus ann am beatha luchd-frithealaidh na h-eaglaise. Agus bidh i a’ snàmh faisg air Èirisgeidh, aig grunnd na mara, gus faicinn am faigh i lorg air long-bhriste ainmeil agus is dòcha botal no dhà de dh’ uisge-beatha ma tha i fortanach.

Kate keeps heading south and meets up with Liam Crouse who takes her out for a trip around Lochboisdale on his own vessel, which was once used as a lifeboat. Here she finds out what sea-faring folk really think of mermaids. She also meets Mary Ann Campbell who takes her for a walk on Prince Charlie’s beach in search of shells which supposedly bring you good luck, but they are not that easy to find, as Kate finds out!

She visits St Michael’s church in Eriskay, where the sea has played an important part in the building itself and in the life of parishioners. And she goes for a swim near Eriskay, diving down to the seabed, in search of a very well-known shipwreck and maybe a bottle of whisky or two, if she’s lucky!

In Gaelic with English subtitles

5 weeks left to watch

45 minutes

Broadcasts

Featured in...